Track Information
Original Track ID
SA1958.80.B8
Original Tape ID
SA1958.080
Summary
Information about mermaids.
Mermaids are only seen during bad weather. They are mostly found abroad. A sailor from Lochboisdale told the contributor how a mermaid appeared on one occasion. A man sailed out and she disappeared. That man said he would drown, and he did.
Recording Location
County - Argyllshire
Language
Gaelic
Genre
Information
Collection
SoSS
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): Dè mu dheidhinn a-nist na mhaighdinn-mhara? An cuala sibh iomradh oirre?
Peggy MacDonald (PM): A' Mhaighdeann-mhara. Ò, tha. Chan fhaic sibh... chan fhaic sibh iad sineach [???] droch shìde, 's ann thall fairis as motha tha iad. Ach chunna mi fear a mhuinntir Loch Baghasdail - 's e seòladair bha ga innse sin dhomh - bha e air bòrd, agus nuair a bha i a' tighinn am bàrr, feadhainn a bhiodh a' tilgeil a-mach rud, uill cha tèid i fodha. Ach ma tha an duine sin ga sheòladh a-mach... sheòl am fear sa a-mach rud 's chaidh i fodha.
"Ò," ars esan, "thèid mise a bhàthadh."
Agus chaidh a bhàthadh. Chaidh. A' mhaighdeann-mhara. Bha iad... bha iad a' ràdh gun robh iad gam marbhadh thall fairis. 'S e rud mosach a bh' ann. Bha.
CM: Ò bha naidheachdan a' dol. Tha mi a' smaointinn gun robh e mì-lucky a faicinn, an robh?
PM: Ò, tha. Tha iad rim faicinn fhathast. Fhios agad, an darna leth dhiubh nam boireannach cho bòidheach 's a chunnaic sibh riamh.
CM: Seadh, dìreach, 's an rud eile na iasg.
PM: Bha. Cha chreid mise nach cuala mise mo bhràthair ag innse dhomh gum faca e tè ann an tanc dhiubh a-staigh. [?Chuireadh e dheth nam pàirt dhith], earball mòr orra, coltach...