Search

Fiosrachadh mun mhaighdinn-bhuana.

Date 19 September 1958
Track ID 38850
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.80.B9

Original Tape ID

SA1958.080

Summary

A piece of the last sheaf harvested was hung on the wall and tied with ribbon. It was kept throughout the winter.

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Uill a-nise, tha mi a' dol air ais chun na Maighdinn-bhuana a bha seo, a bheil fhios a'd. An e nòs a bh' aca an sguab mu dheireadh dhen choirce a thoir dhachaigh? An e sin an rud a bh' ann?

Peggy MacDonald (PM): Chan urrainn mi ràdha.

CM: Fhios agad, an sguab, 's e a' Mhaighdeann-bhuana, aig deireadh buana, a bheil fhios agad.

PM: 'S e, 's e, 's e, 's e.

CM: An sguab mu dheireadh dhen choirce. Bhiodh iad... bhiodh iad ga crochadh air a' bhalla. Bheil beachd agaibh air sin?

PM: Ò, chan fhaca mi sin idir ach chunna mi iad a' cur rud air balla, fhios agad. Pìos dhith co-dhiù.

CM: Dhen sguab?

PM: 'S e.

CM: 'S e. Sin an rud a bha mi a' ciallachadh. 'S bhiodh iad... am faca sibh iad ga ceangal le riobain?

PM: Bhiodh iad ga ceangal le riobain, fhios agad. Bhitheadh, bhitheadh. Agus 's e an rud a bu bhòidhche, bhiodh i anns an sguab a bheireadh iad leotha.

CM: Seadh, dìreach. Agus an uair sin bhiodh iad ga cumail an siud feadh a' gheamhraidh, an robh?

PM: Bhitheadh. Bhitheadh. 'S i a bhitheadh. 'S i a bhitheadh snog mar a [???] doras i.

CM: Dìreach. Sin agaibh an rud a bh' ann. 'S e a' Mhaighdeann... an e a' Mhaighdeann-bhuana a theireadh sibhse oirre?

PM: 'S e deireadh bhuana bu mhotha bhiodh againne ag ràdha.

CM: 'S e, deireadh buana. Sin agaibh an rud a bha mi a' faighneachd dhibh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good