Track Information
Original Track ID
SA1958.80.B10
Original Tape ID
SA1958.080
Summary
Information about the sheiling.
The contributor's sister went to a sheiling at the back of Hatharsal in Howmore when she was young. Her mother told her about her experiences of going to the sheiling as a girl.
Recording Location
County - Argyllshire
Item Location
County - Inverness-shire
Parish - South Uist
Island - South Uist
Village/Place - Howmore
Language
Gaelic
Genre
Information
Collection
SoSS
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): A-nist, a bheil cuimhn' agaibh nuair a bha sibh òg an Uibhist iad a bhith falbh gu àirigh?
Peggy MacDonald (PM): Ò, tha.
CM: Cha robh sibh fhèin air àirigh riamh?
PM: Cha robh, ach bha Mòr mo phiuthar tacan air àirigh. Cha robh i ach òg. Bha. Bha i air Cùl Hatharsal, a theireadh iad ris, shìos ann an Togh Mòr. Bha i a-muigh an sin còmhla ri tè eile. Bha i air àirigh an sin, a' dol a-mach sa mhadainn. 'S bha mo mhàthair air àirigh, 's bha i ag innse dhomh, nuair a thàinig an dubhadh anns a' bhuntàta, gun deach i a-mach, agus bàrr brèagha air a' bhuntàta aca 's flùr, 's nuair a bha i a' tighinn a-staigh sa mhadainn leis a' bhainne, bha e air dubhadh suas, am bàrr.
CM: Bha, dìreach. Ò tha greis on uair sin.
PM: Iomadach latha. Cha robh i ach òg an uair ud. Cha robh.