Search

Shàbhail cù dubh Mhic a' Phì a mhaighstir an dèidh do bhana-...

Date 29 September 1958
Track ID 39544
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1958.84.A13+B1

Original Tape ID

SA1958.084

Summary

MacPhee's black dog saved its master's life after witches killed his four sons.

MacPhee had four sons and a black dog that refused to heed commands. The four sons had their throats cut in a sheiling by witches when they wished that certain women were with them. The black dog saved MacPhee's life.

Item Subject/Person

Mac a' Phì

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Seadh, ciamar a bha am fear a bha am Beinn na Fadhla?

Peggy MacDonald (PM): Tha mi cinnteach gun cuala sibh e.

CM: Cha chreid mi gun cuala.

PM: Cù dubh Mhic a' Phì.

CM: Seadh, seadh.

PM: An cuala sibh sin?

CM: Ciamar a bha an naidheachd sin a' dol?

PM: Bha ceathrar mhac aige, agus bhiodh iad a' togail na creiche an uair sin. Agus dh'fhalbh e agus rinn e àirigh a-mach anns a' mhonadh, e fhèin agus na balaich. Agus bha cù dubh aige 's cha do ghabh e leigeil riamh. Agus bha leaba... rinn iad leaba air an ùrlar, fhios agaibh, agus dh'fhan esan a-staigh a' garadh a chasan aig an teine. Agus a' chiad fhear a chaidh suas, thuirt e:

"B' fheàrr leam gun robh leithid seo de thè agam," ars esan.

Agus thuirt an ath fhear a cheart ruith. Agus an treas fear, thuirt e:

"Marbhphaisg oirbh," ars an athair, "le 'n òrdan leapa."

Agus chunnaic iad beothach beag loireach a' dol suas seachad orra. Agus chaidh trì suas seachad air, agus thàinig an sin a' cheathramh tè agus shuidh i mu choinneamh.

"Thalla thusa suas a-nist," ars ise.

"Cha tèid," ars esan.

'S bha gob cnàmh oirre, tha e coltach. Agus sheall e sin air a chasan agus chunnaic e gun robh fuil a' tighinn a-nuas chun na leapa.

[Stad sa chlàradh an seo.]

CM: "Èirich a choin duibh," ars esan.

PM: "Èirich a choin duibh," ars esan, "'s mi gun sòlas, mi gun aighear, gun bhrògan," ars e fhèin, "fuaim na fala ga dòrtadh," ars esan. "Mura gabh thu leigeil a-nochd, cha ghabh thu leigeil a-chaoidh."

Agus dh'èirich an cù agus chaidh e fhèin 's am beothach sin am bad a chèile. Agus thug esan an aghaidh air a' bhaile. Agus a-staigh an Gàradh Droma, dh'fhairich e sgrìob ga thoirt air a dhruim agus chaidh an t-aodach 's an craiceann 's a h-uile nì a thoirt far a dhroma. Agus cha robh aige ach tionndadh a-mach a thiodhlacadh nam balach. Bha a h-uile fear dhiubh air a sgòrnan a ghearradh.

Nach robh sin uabhasach? Agus chun an latha an-diugh, 's e Àirigh na h-Aon Oidhche a th' air an àite.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Poor