Track Information
Original Track ID
SA1958.84.B2
Original Tape ID
SA1958.084
Summary
A corpse that came back to life.
MacPhail died and his daughter went to get help. His widow and granddaughter were left with the corpse. The granddaughter, who had never spoken, said her grandfather was rising. They closed the door and put the quern against it to keep it shut. The old man began to claw beneath the doorstep. He fell dead again when the cock crew. The hole he had dug could never be filled.
Recording Location
County - Argyllshire
Language
Gaelic
Genre
Story
Collection
SoSS
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): Aidh, MacPhàil. Seadh.
Peggy MacDonald (PM): An cuala sibh roimhe i? Cha chuala.
CM: Chuala mi iomradh air choreigin air.
PM: Chuala. An dèidh a bhàis, bha nighean aige agus bha caileag dìolain aice, agus bha a màthair a-staigh leatha. Agus bha a' chaileag seachd bliadhna 's cha do bhruidhinn i riamh. Agus shiubhail am bodach. Agus cha b' urrainn... dh'fheumadh an nighean falbh chun a' bhaile a dh'iarraidh dhaoine, fhios agaibh, bha i an Cùl na Beinne Mòire. Agus cha b' urrainn dhi tilleadh an oidhche sin, gun an làrna-mhàireach. Chaidh i a dh'iarraidh dhaoine, fhios agad. Bha a h-athair marbh. Agus bha a' chailleach shìos còmhla ris a' chorp, i fhèin 's a' chaileag. Agus uaireigin an sin thuirt a' chaileag:
"A bheanag, a bheanag, tha mo sheanair ag èirigh," ars ise. "Ithidh e thusa 's cha bhean e dhòmhsa."
"An-tà [?taing], 's e Nì Math," ars an tè eile, "tha bruidhinn air tighinn thugadsa." Agus: "Dè nì sinn, a ghaoil?" ars ise.
"Èirich," ars ise, "'s dùin an doras."
Agus dh'èirich i agus dhùin i an doras. Agus bha e a' cur suas an dorais.
"Dè nì sinn a m' eudail, a-nist?" ars ise.
"Cuir a' bhràth ris," ars an tè bheag.
Agus chaidh a' bhràth a chur ris. Agus thòisich e an sin air cladhach. Fhios agaibh, bha buinn mar gun canadh sibh ann. Thòisich e air cladhach fo [???] bhuinn. Agus bha a cheann a' dol sìos agus chuir e a cheann ron toll a bha e a' dèanamh nuair a ghairm an coileach, 's dh'fhan e ann a shin gus an tàinig daoine a thug às e.
Tha sin fìor gu leòr. Agus an sloc a bha e a' cladhach, ged a dhùineadh tu an-diugh e, bhiodh e fosgailte a-màireach. Cha robh e gu diofar dè chuireadh tu ann. Tha sin a-nist fìor gu leòr.