Search

Sgeulachd èibhinn mu mhac tuathanaich agus coltas mairt.

Date 29 September 1958
Track ID 39548
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.84.B3

Original Tape ID

SA1958.084

Summary

A humorous story about a farmer's son and a picture of a man's cow.

Recording Location

County - Argyllshire

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Ciamar a bha i sin ma-thà?

Peggy MacDonald (PM): Bha mac tuathanaich a bh' ann, agus nuair a bhiodh iad dhachaigh air holidays, fhios agad, bhiodh e... tricks uabhasach aige. Agus bha feadhainn a' buain a-mach agus bha am fear sa, fhios agaibh, bha taigh aige a-mach, bha e pòsta, bheil thu a' faicinn, 's bha mart... mart odhar aige. Agus thuirt e ris a' ghrèidhear:

"Cùm do shùil," ars esan, "a-nist. Tha mi a' dol a dhèanamh," ars esan, "bailiùn, agus cuiridh mi," ars esan, "coltas a' mhairt aig Fionnlagh air, agus feuch," ars esan, "an cùm thu do shùil dha."

Agus dè a chunnaic an grèidhear, seo e a' tighinn:

"Ho, Fhionnlaigh, seall am mart agad air falbh air sgiathan dha na speuran."

"Nar leigeadh Dia!" arsa Fionnlagh. "Chan òl mise deur dhe cuid bainne gu sìorraidh."

Sheall Fionnlagh agus chunnaic e coltas a' mhairt agus a-mach a ghabh e dhachaigh.

"Iseabail, tha am mart againn air falbh air sgiathan dha na speuran."

"Huist, led ghisreagan agad a' tighinn dhachaigh an seo leis."

"Chan e gisreagan a th' ann," arsa Fionnlagh. "Thalla thusa agus seall."

Dh'fhalbh Iseabail a shealltainn feuch am faiceadh i am mart. Bha am mart air a cur am falach aig an fhear eile. Agus dh'fhalbh i sin suas am monadh a dh'iarraidh a' mhairt. Thàinig am mart chun an taighe.

Smaointich Fionnlagh gum bu shuarach am mart seach a' bhean. Dh'fhalbh e às a dèidh.

"Ho, Iseabail."

Chanadh mac-talla nan creag: "Ho, Iseabail," cho math ris fhèin.

"Ho, Iseabail."

Chanadh mac-talla nan creag: "Ho Iseabail," cho math ris fhèin.

Ach thill an seo Iseabail dhachaigh. Agus dh'fhalbh Fionnlagh a dh'iarraidh mac an tuathanaich airson urchair a chur anns a' mhart. Thàinig e 's an gunna aige. Chuir e ri shùil e.

"Ò Fhionnlaigh, tha mi a' faicinn seachd adharcan oirre."

"Ged a bhiodh seachd deug oirre," arsa Fionnlagh, "cuir rithe e." Agus: "Cuir rithe e," ars esan. "Chan òl mise deur dhe bainne gu sìorraidh."

Agus 's e bun a bh' ann gum feumadh mac an tuathanaich a dhol far an robh a bhean agus innse mun cuairt air a' mhart, no chan fhuilingeadh Fionnlagh am mart gu sìorraidh e.

An cuala thu i siud?

CM: Cha chuala.

PM: Nach cuala?

CM: Cha chuala. Cha chuala riamh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good