Search

Eachdraidh nan Stiùbhartach.

Date June 1964
Track ID 42336
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.33.A4

Original Tape ID

SA1964.033

Summary

Stewart family history.

The contributor's paternal grandmother was a Chisholm. She told his father that his people came from Appin, where they made horn spoons, gold goblets and snuff boxes. They had fishing tackle and a gun for hunting. They had fishing and hunting permits from one of the King Jameses. They spent the winter in various places. One of the contributor's great-aunts is buried in Pollochar. Several members of the family were named Charles, after the Prince. Many of these Stewarts live in Oban.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Pàdraig Stiùbhart (PS): Bhithinn a' faighneachd dhe m' athair an-còmhnaidh, na sheann duine, cò na Stiùbhartaich dha robh e. Agus cha b' urrainn dha fios a bhith aige ceart cò an fheadhainn dha robh e. Ach bhiodh e an-còmhnaidh a' bruidhinn air a mhàthair, thoradh 's e Siosalach a bha na mhàthair, agus bhàsaich athair air a bha esan òg. Ach bhiodh a mhàthair ag innse dha, nuair a dh'fhàg iadsan, gur ann à Apainn... nach ann shìos rathad Earra-Ghàidheal a tha sin?

Iain MacAonghuis (IM): 'S ann, 's ann.

PS: Gur ann à sin a dh'fhalbh iad agus gum biodh iad...

"Dè an obair a bh' aca?" bha mi a' faighneachd dheth.

Cha robh obair sam bith aca, ach a' dèanamh spàinean-adhairc, agus glainneachan òir, agus bogsaichean anns am biodh snaoisean. B' e seo an obair a bh' aca. Ach bha uidheam iasgaich aca, 's bha... bha gunna aca airson sealg. Agus chuala mi gun robh òrdugh aca bho fear dhe na Rìgh Seumasan, gun robh òrdugh aca airson sealg agus iasgach a dhèanamh saor, gun robh sin aca saor a bharrachd air duine sam bith eile. Bha daoine eile a' pàigheadh airson seo a bhith aca, ach bha e sìor acasan. Agus dh'fhaighnich mi a-nise:

"Càit am biodh iad anns a' gheamhradh?"

"Ò bhiodh iad a' tighinn gu tìr anns a' gheamhradh. Ach bhiodh na h-eathraichean aca ann an caoil."

"Cà robh na caoil?"

"Bha eadar an t-Eilean Sgitheanach 's Leòdhas, agus Tiridhe 's Barraigh 's ceann a deas Uibhist - cho fada shìos ri Poll a' Charra. Agus bha," thuirt esan, "piuthar-màthar agam ann am Poll a' Charra, agus tha i air a tiodhlachadh ann a shin, ann am Poll a' Charra. Agus bha ceathrar bhràithrean agam - Alasdair, Teàrlach, 's Uilleam 's Seonaidh. Agus 's dòcha leam gun deach fear dhe na balaich ainmeachadh air Prince Charlie, man a chanadh iad, Teàrlach. Agus tha e an aithris dhomh... tha e air aithris dhomh, am mac a bh' aig an fhear sin, gun do... gun tug e fhèin Teàrlach mar ainm air a mhac. 'S thug am mac sin air an ogha e, agus 's ann bho Prionnsa Teàrlach a fhuair iad an t-ainm."

Ach b' e siud an obair a bh' aca. Cha robh obair sam bith eile. Cha robh eich... cha robh càil a dh'eòlas aca air each, ach an eathar. Bha eòlas aca air an eathar.

Tha mòran dhe na teaghlaichean a bha bho muinntir m' athar, 's ann às an Òban a tha iad. Agus air a dh'èirich an sluagh, an òigridh sin suas, 's ann... 's ann air gheataichean a chaidh iad, agus cha robh càil a lorg aca air obair sam bith eile ach sin fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good