Search

Fiosrachadh mionaideach mu bhith ag obair le eich.

Date June 1964
Track ID 42461
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.33.A5

Original Tape ID

SA1964.033

Summary

Detailed information about working with horses.

The contributor knows a great deal about working with horses and provides detailed information on the subject.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Seadh, agus a-nise, tha sibhse eòlach gu leòr air eich?

Pàdraig Stiùbhart (PS): Cho eòlach 's a ghabhadh e bhith.

IM: Agus, dè an aois, ma-thà, aig am biodh sibh... aig am bu chòir each a bhristeadh?

PS: Uill, 's e an aois cheart airson each a bhristeadh, trì bliadhna. Ach chan eil an neart aige an uair sin. Seachd bliadhna a' dèanamh an eich, seachd bliadhna na each, seachd bliadhna a' dol air ais. Tha sin bliadhna air fhichead. Ma gheibh an t-each cothrom, tha e a' tighinn a-mach na chor 's tha an cnàimh aige a' fàs làidir gus a bheil e seachd bliadhna. Ach a-nise, tha e seachd eile na each, mana brist thu fhèin e. Mas aithne dhut each obrachadh. Cha mhòr rud a bhristeas each. Cha mhòr rud... ged as e an t-ainmhidh a th' ann, cha mhòr rud a bhristeadh e. Ma tha eòlas agad air, 's mas aithne dhut an t-each obrachadh, cha dèan thusa chron, ma tha eòlas agad air. Ged a bhiodh e sgìth, chan eil thu a' dèanamh chron. Ach faodaidh tu a bhristeadh... faodaidh tu an t-each a bhristeadh le aon lòd a chur air.

IM: Seadh. Nise, bha mise a' cleachdadh an fhacail bristeadh mar a chanas iad ann am Beurla, breaking him in?

PS: Break him in.

IM: Dè... a bheil Gàidhlig... dè a' Ghàidhlig a bha sibh a' cur air a sin?

PS: Ò uill 's e bristeadh.

IM: 'S e bristeadh. 'S e.

PS: Briseadh an t-each a-staigh. Breaking him in.

IM: 'S e, dìreach.

PS: Nise, nuair a tha... 's e a' chunnart, 's e a' chunnart a th' ann gu bheil daoine a tha air feadh an eilein seo gu lèir... Uill chan eil mi ag ràdh nach eil dithis anns an eilean, Leòdhas, as aithne each. Tha Angan MacDonald thall ann an Steòrnabhagh, 's aithne dhàsan, agus uaireannan bidh e a' dol air a thòin dha fhèin, agus Ailig MacFhearchair shìos ann an Nis. Sin dithis. Cha bhuin duine dhen dithis sin dhan eilean seo, ach rugadh Angan MacDonald ann, ach cha bhuineadh e an dèidh sin - 's ann a bhuineadh e dhan mainland. Nise, 's e... 's e... 's e an nì as duilghe dhen each, ma tha ainmhidh tapaidh ann, aig bliadhna a dh'aois... bliadhna a dh'aois, 's ma tha neach anns a bheil cealgaireachd aig an... leis an leis an t-each sin, faodaidh e an t-each sin a thoirt seachad aig a dhà, faodaidh e a thoirt seachad aig a trì, a rèir dè suidheachadh a tha thusa ga iarraidh, thoradh bha iad a' watchaigeadh gu dè tha a' tighinn a-mach às do bheul, agus chan eil nì ma tha... ma tha esan... fiotaigidh esan an t-each dhut, a rèir an aois... a rèir a' mheud a tha thu ag iarraidh air a shon. "Ò faodaidh tu a chur an sàs a-nise; cha tig dub air each [???]." Mura h-eil thusa airson each mòr, a bheil thu a' tuigsinn. [???] a' milleadh an eich.

IM: Dìreach, dìreach. Agus leughaidh sibhse beul eich. Leughaidh sibh beul eich.

PS: Ò leughaidh. Leughaidh.

IM: Seadh. Agus a-nise, ciamar... ciamar a tha duine a' dèanamh a-mach aois eich, air a bheul?

PS: Tha comharradh, a ghràidh, na bheul. Tha comharradh na bheul. Nuair a tha an t-each ga bhreith, tha fiacail an t-searrach a bhith aige. Fiacail an t-searraich. The foal's teeth. Tha... tha an comharradh na bheul, fèar aig bliadhna, dìreach tha... air a thig a bhreith. A' dol a-staigh anns na dhà, tha e gan tilgeil. Bheil thu a' tuigsinn? Tha an comharradh a' falbh às, agus dar a tha e ag èirigh a trì, tha e a' tilgeil nam fiaclan, agus tha e a' cumail a' chomharradh aig a ceithir a-rithist. Tha e a' call a' chomharradh aig a dhà, agus ag èirigh gu trì. Dar a tha e ag èirigh gu trì, tha e a' call a' chomharradh, ach tha e a' tighinn thuige nead aig a ceithir a-rithist. Tha e a' cumail a' chomharradh gus an ruig e còig, 's air a ruigeas e còig, cuiridh tu gràinneag eòrna - gràinneag, gràinneag eòrna - cuiridh tu na bheul e mar sin. Fosgail a bheul an-àirde, agus anns a... an fheadhainn sin, an fheadhainn seo, na h-iomallan man a chanas sinn. Cuiridh tu a' ghràinneag sìos... laighidh i sìos, fèar mar gun laigheadh i ann am mould, tha i a' dol sìos ann a shin. Agus tha e' cumail a-nise an fhiacail sin leis a' chomharradh. Tha e a' cumail an fhiacail gu bheil e seachd, an comharradh domhain sin, ach a-nise air a tha e ag èirigh ochd 's a naoi, tha e a' maoladh. Tha e a' maoladh, agus tha an toll a th' anns an fhiacail, an slag a th' ann, tha e ri maoladh air falbh. Air a ruigeas e deich, tha e gu bhith clìor, ach aithnichidh tu gun robh e an sin. Aithnichidh tu gun robh e ann. An duine a tha eòlach air, a bheil thu a' tuigsinn, aithnichidh tu gun robh e ann aig a naoi, gu math, ach tha e ga chall aig a deich. 'S e sgibht mhath a bheir thu air an uair sin. Chan urrainn dhut do mhionnan a thoir, ach thèid thu cho faisg air 's a ghabhas e bhith. Thèid thu cho faisg air 's a ghabhas, aig twelve, thirteen, fourteen. Ach seachad air a sin, 's e guesswork a tha thu a' toir. Ach cha tèid thu fada bhuaithe. Cha tèid thu fada bhuaithe.

'S tha atharrachadh beag a-rithist eadar beul làir agus beul each. Chanadh tu gur e an aon rud a bhiodh ann, nach eil ann... tha ceithir chasan air an làir 's tha ceithir chasan air an each. Tha ceann air an each 's tha ceann air an làir. Ach tha atharrachadh eadar a dhà aca. Tha an t-each fireann, air a thèid a bhreith, tha corr-fhiacail air aig amannan. Stob de fhiacail, tha i air gach taobh. 'S e seo fiacail ris an can iad corr-fhiacail. Tha i nas... tha i gu math àrd cuideachd. Tha i gu math àrd. Stob de thè chruinn. Chan eil i square man a tha an fheadhainn a th' anns a bheul. Tha i seo cruinn. 'S e corr-fhiacail a thèid a chantainn rithe. Chan eil i aig an làir idir, ach tha i aig a h-uile h-each. Ach mana faigh thu... mana h-eil i aig an làir an-diugh, an ceann na seachd bliadhna, ma tha i aice, thig i a-mach aig a seachd. 'S mana tig i a-mach aig a seachd, thig i a-mach aig a h-aon-deug. 'S mura tig i a-mach aig a h-aon-deug, cha tig i idir. Cha tig i a-mach idir.

Nuair a tha an t-each na làir, thèid sin gu aois àraidh. Tha a bhodhaig math, tha a chasan toisich 's a chasan deiridh, na quarters aige uile man a chanas sin, no ceathramhan an eich, tha iad a' sealltainn math, agus chanadh tu nach d' fhuair e riasladh sam bith, ach dar a sheallas tu air a bheul, tha beul math aige, tha fiacail mhath aige, faighnichidh tu dhen duine gu dè seòrsa àite air an robh an t-each seo air a bhiathadh.

"Ò," tha e ag innse, "bha an t-each sin ann am feur math riamh. Cha b' e àite lom air an robh e a' toir a bheòshlaint ann."

"Ò seadh, 's e sin a tha a' cumail a bheul ris. Tha an fhiacail aige gu math slàn fhathast."

"Ò tha, 's e a dh'fhaodadh. Cha robh e riamh ann an... ann an àite lom. Cha robh e air feadh gainmheach."

"Seadh, tha sibh a' cantainn a-nise, dè an aois a tha e?"

"Ò tha thu fhèin air a bheul... is math a nì thu a-mach dè an aois a tha e. Dèan fhèin a-mach dè an aois a tha e."

Chan innseadh a bheul e. Bha a bhodhaig a' sealltainn òg, 's bha e ga do phuzzleaigeadh, nach robh thu a' dèanamh a-mach dè... Bha... bhos cionn na sùil aige, a-nuas fon an t-srian, bha e a' liathadh. Air an taobh thall bha e a' liathadh. Bha thu a' togail a dhosan an-àirde 's bha e a' liathadh. Seall an-àirde bhos cionn na sùil aige agus tha lag bhos cionn na sùil, agus tha an lag sin air a dhol a-staigh. Chan eil each òg mar sin. Chan eil each leth-aois, chan eil lag bhos cionn a shùil, gus an tig e gu aois seachad air fichead bliadhna no mar sin, no deugachadh an-àirde gu fichead bliadhna, tha an lag a' dol domhain, bhos cionn na sùil.

Bha sinn a' bruidhinn air cruidheadh each. Ged a bhiodh an ladhar aige gu math mòr, bliadhnach. Chunnaic sinn a bhith a' cur cruidhean air bliadhnaich, ach chan eil laghail, thoradh cha tàinig ladhar an eich, cha tàinig e gu cumadh. Cha tàinig e gu meud. Tha e ag iarraidh fàs leathann. Mana a tha an t-each a' fàs, tha an ladhar a' fàs. Ach ma tha a' chruidh oirre, tha e a' cumail an ladhar gun a' fàs, agus cha chòir cruidh a chur air ainmhidh sam bith aig [???], làir no each, gus a bheil e trì bliadhna. 'S e sin an car as luaithe as còir dhaibh cruidh a thilgeil air each.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good