Search

Fiosrachadh mu dheidhinn obair bleithe.

Date June 1964
Track ID 42485
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.33.A7

Original Tape ID

SA1964.033

Summary

Information about milling.

Names for different parts of grain. Information about, and names for, different stages of the milling process and the tools used.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Sin e. Agus dè a chanas sibhse, ma-thà, ris an t-slige a th' air an taobh a-mach dhen an t-sìol? An t-slige as fhaide a-mach. Dè a chanas sibh ris a sin? An e sin an sgalpan?

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill (DM): Sgalpan air an t-sìol-chorca.

IM: Seadh. Agus dè mun an eòrna?

DM: Uill 's e an dias... 's e an dias... tha a' chalg.

IM: A' chalg air an eòrna?

DM: 'S e, a' chalg.

IM: Ach an sgalpan air a' chorca?

DM: Sgalpan air a' chorca.

IM: Agus a bheil am facal moll agaibh? Moll.

DM: Chan eil, ach bhathas ga chleachdadh uaireigineach. Chan eil fhios a'm an-diugh dè ris an canadh tu moll idir.

IM: Seadh. Agus a bheil am facal càth agaibh?

DM: Tha.

IM: 'S dè tha càth a' ciallachadh?

DM: Tha a' chàth, 's e sin an rud a tha thu a' rulladh bhon a' mhin-eòrna. Tha thu a' rulladh do mhin-eòrna [?man a nì thu] anns a' mhuileann bheag i. Ann am muilnean mòra, bheil fhios agad, thathas ga rulladh dhut man a tha thu a' bleith. Ach anns na muilnean beaga, bha a' chàth, bha i am measg na mine man a bha a' mhuileann bheag ga phronnadh. Agus 's e thu fèin a bha a' rulladh an latha a bha thu airson a dhol a dheasachadh.

IM: Aidh aidh. Agus dè tha seo, a' rulladh? Dè tha seo? Dìreach an innis sibh dhomh mu dheidhinn seo a-nise? An rulladh. Ciamar a tha sibh ga dhèanamh?

DM: Bha criathar agad leis a' chracann air a tholladh na bu mhìne. 'S e sin an criathar airson rulladh eòrna, bheil fhios agad, min-eòrna. Bha a-nise, man a bha thu ga rulladh mar seo, bha a' chàth gu lèir a' tighinn gu uachdar, 's bha thu riamh ga rulladh gus an tug thu a h-uile biod dhen a' chàth dheth. 'S bha thu an uair sin ga chur... ciodan-mine 's na rudan sin man a bh' ann uaireigin, bha soitheach agad anns an robh a' cur a' mhin.

IM: 'S dè a chanadh iad ris?

DM: 'S e ciodan-mine a chante ris uaireigin. A-nise, chan eil càil a dh'fhios agamsa ach gum bithinn a' cluinntinn sin.

IM: Seadh, agus chan eil fhios agaibh dè... cò air a bha e air a dhèanamh?

DM: Uill, nach robh e air a dhèanamh dhe craobh uabhasach fine, man gun canadh tu, tha fhios aig Seonag air a shin co-dhiù. Rud very fine. Bha... bha... 's e craobh uabhasach fine a bh' ann, anns an rud a bh' ann.

IM: Agus 's e soitheach fiodh a bh' ann, mar sin, an e?

DM: 'S e. Ò bha... cha chreid mi nach robh nàdar fighe air. An aon rud ri sgeap, nach robh e air dhèanamh uabhasach grinn mar sin.

IM: Seadh, dìreach. Agus cha chanadh sibh gun robh càth anns a' chorca idir, an canadh?

DM: Ò, sgalpan a th' anns a' chorca.

IM: Sgalpan a th' anns a' chorca. Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.

DM: Agus siud a' chàth. Tha do ghràn air a bhleith mus fhaigh thusa a' chàth. Agus 's e rulladh a tha thu fèin a' dèanamh leis a' chriathar mhìn. 'S e criathar garbh a-nis, 's e tha a' rulladh an t-sìl-chorca.

IM: Seadh. Agus 's e sibh fhèin a bha a' dèanamh nan criathar?

DM: Ò 's e.

IM: Agus craiceann caorach, an e?

DM: Craiceann caorach, agus fear airson a' mhin-eòrna, bha thu ga tholladh le bior uabhasach fine, agus... airson nach tèid càil troimhe ach a' mhin. Ach a-nise, airson criathar garbh, man canas sinn, bha sin air a tholladh cho garbh a ghabhas nach deigheadh an sìol troimhe. Bha an sìol gu lèir a' dol tron fhear gharbh, ach an sgalpan. Bha e air a tholladh cho garbh agad. 'S e bior uabhasach garbh a bh' agad dha. Bha an sìol gu lèir a' dol troimhe de shìol ceart, agus 's e nise an rud... sìol nach robh cho math, dh'fhuireadh e am measg an sgalpain. Sin a-nist an rud a bha thu a' dèanamh, mas e [???] bha thu ga chur ann am prais 's ga bhruich dha na beathaichean.

IM: Seadh. Seadh dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good