Search

Na tachartasan annasach aig Fionn na òige.

Date June 1953
Track ID 4252
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.104.7

Original Tape ID

SA1953.104

Summary

Fionn's adventures in his youth.

A long time ago there was a king called Cumhal who could only be killed through a mark below his right breast. His guard Arca Dubh killed him one night. Cumhal's wife gave birth to a son and daughter. The woman attending to Cumhal's wife took the infant Fionn away and raised him. He had many adventures during his childhood. These included tearing a dog limb from limb, drowning boys swimming in a loch, and fleeing while carrying his nurse over his shoulder, holding her by the shins. Eventually, that was all that remained of her. He then threw the shins into Loch nan Lorgan.

He happened to meet Arca Dubh who was fishing. He received the gift of knowledge after burning his finger on a trout. This knowledge enabled him to recognise Arca as his father's killer. He also learned where to find Cumhal's sword, and used it to kill Arca Dubh. When a dog called Bran saw the sword, he followed Fionn. Bran helped Fionn to kill a terrible beast which had been eating people in a village. As Bran had become hairless as a result, Fionn made the people there promise to restore Bran to his original colour.

Item Notes

The contributor learned this story from a South Uist man called Donald MacIntosh.

See:
'Leabhar na Fèinne' (J. F. Campbell) p. 35

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Moireasdan (DM): 'S e an rìgh a bh' ann anns na seann tiomannan air ais. Cha ghabhadh e marbhadh ach ann an aon àite. Bha sin, ball-dòbhrain a bha fon chìch dheis aige. Mar a their iad anns a' Bheurla, birthmark. 'S an oidhche a phòs e bha fear ga fhaireadh, ris an abradh iad Arca Dubh. 'S dar a fhuair e a chothrom, feadh na h-oidhche, thàinig e agus mharbh e e.

'S e Cumhal a bh' air an rìgh. 'S nan èireadh a-mach gum biodh mac aig a' bhean aige, bha e fhèin ri mharbhadh. 'S e a thigeadh air a' chrùn an àite athar. Dè dh'èirich a-mach gun robh mac agus nighean ann. Am boireannach a bha a' frithealadh air a' bhean, thog i leatha am balach ann am basgaid agus dh'fhalbh i leis gu taobh aibhne ann an sin, agus rinn i bothag dhi fhèin suas ann an sin, 's bha i ann an sin leis. 'S bha toll mòr uisge air beulaibh na bothaig, 's a h-uile madainn dar a dh'èireadh i, bha i ga fhailceadh ann an sin. Bha esan a' snàmh mar gum biodh ann ròn. Bha e a' fàs na [?fhomhair] a h-uile latha.

Bha i seo latha a' dol a-staigh far an robh a mhàthair, 's dh'fhàg i an cù a-staigh leis agus thug i cnàimh dhàsan a bhith ga chumail socrach gus an tilleadh i. Ach bhuail an iomagain i gum faodadh an cù tòiseachainn air a' chnàimh a thoirt bhuaithe agus gun geàrradh e e, agus thill i. 'S dar a thill i bha an cù aige air a thoirt na cheithir pìosan air ùrlar na bothaig.

"Uill, ma-tà," ars ise, "falbh tusa leamsa a-màireach, agus chì do mhàthair thu."

Dh'fhalbh iad, 's bha i a' dol seachad air loch ann an sin, 's bha na sgoilearan a-mach a' snàmh. 'S chan fhacaig esan na b' iomchaidhe na dol a-mach às an dèidh, 's bha e a' breith air chùl cinn orra agus gan càradh fodha agus bha e a' cur an eanchainn asta ri bottom an loch. Agus ghlaodhaich i ris tighinn air tìr cho luath 's a bh' aige, a chionn gun tigeadh iad ri a bheatha. Mhothaich na daoine e.

Thàinig e air tìr 's a-mach a ghabh e fhèin 's i fhèin. 'S bha ise a' fàs sgìth, agus rug e air a dhà lurgainn oirre agus thilg e air a ghualainn i, agus tharraing e. Agus bha esan a' dol tro choillidh agus thug e sùil agus cha robh aige dhith ach an dà lorg, agus thilg e a-mach air loch ann an sin iad, agus 's e Loch nan Lorgan a th' air a sin gus an latha an-diugh. Tha sin an àiteigin mu thuath. Dh'fhaodte gum bi fhios agaibhse cà bheil e.

Co-dhiù, bha e a' gabhail air aghaidh an sin agus an t-acras a' tighinn air, agus thàinig e air fear ann an sin agus e ag iasgach bhreac air abhainn. Agus dh'iarr e breac air.

"Uill chan fhaigh thu am fear seo," ars esan. "Tha e mòr. Ach gheibh thu dh'fhaodte an ath fhear."

'S anns a' bhruidhinn a bh' aca, fhuair e fear air an dubhan agus thug e dha e, do Fionn.

"Dè tha thu a' dol a dhèanamh ris a-nis?" ars esan.

"Tha mi a' dol a dh'fhadadh teine," ars esan.

"Uill," ars esan, "cuir thu suas teine," ars esan, "ach ma leumas spriot," ars esan, "den teine air a' bhreac," ars esan, "thig mi ri do bheatha."

'S bha na bioran a' spriotadh, tha fhios agad, agus leum spriot air a' bhreac agus dh'èirich bolg dubh air. Stop e a chorrag ann agus loisg i agus chuir e na bheul i, agus fhuair e fiosachd.

"Is tusa," ars esan, "Arca Dubh."

"Is mi," ars esan.

"Is tusa mharbh Cumhal."

"Is mi."

"Dè seòl marbhaidh a rinn thu air?" ars esan.

"Ò sgiamhail e," ars esan, "mar gum biodh muc agus raoiceadh e mar gum biodh torc."

"Seadh, dìreach," ars esan. "Thèid a cheart leithid a dhèanadh ort 's cha bhi an ùine fada."

Chuir e a chorrag na bheul a-rithist 's fhuair e an ath fhiosachd, gun robh an claidheamh a bh' aig athair air a thiodhlacadh seachd troighean on ùrlar, agus ghabh e a-staigh ann an sin, agus chladhaich e agus fhuair e an claidheamh. Agus mharbhadh an claidheamh sin naoi naoidheanan a-nunn agus naoi naoidheanan a-nall, agus far am bu tiugh iad bu taine iad, 's far am bu taine iad bu luath sgaoilteach iad, 's far am bu luath sgaoilteach iad bu ghoirt-mhairbhtich iad.

Agus mharbh e Arca Dubh. Agus bha cù mòr a-staigh air an robh Bran, 's dar a chunnaic e an claidheamh chrath e e fhèin agus chuir e [???] luath às gach cliathaich dheth fhèin, agus tharraing e a-mach le Fionn. Dh'fhalbh e fhèin 's Fionn à sin, 's thàinig iad ann an sin ann an còmhdhail mhòr a bh' ann an sin - mòran de dhaoine ann an sin - agus iad aig suipeir mhòr. Chaidh esan a-staigh, 's ghabh tè de na boireannaich a bh' ann an sin nòisean dheth. 'S bha beothach sònraichte a' tighinn aig amannan san oidhche, 's dh'fheumadh i duine fhaotainn airson ithe, 's bha iad a' cur chrann cò air a thigeadh falbh. 'S ann airsan a thàinig an crann an oidhche seo, ach an tè a ghabh an nòisean dheth, b' fheàrr leatha a bràthair a leigeil air falbh na esan.

"Co-dhiù," thuirt e, "falbhaidh mi fhèin ma gheallas sibh gun cùm sibh Bran air an t-sèine."

Dh'fhalbh e 's thug e leis an claidheamh, 's bha e a' dol ann an aghaidh a' bheothaich uabhasaich a bh' ann an seo, 's dar a bha e dìreach a' stepadh a-staigh na beul bhrist Bran an t-sèine 's bha e a-staigh leis às a dhèidh. Reub e troimhpe gus an tàinig e a-mach air a' cheann eile dheth 's thàinig Bran a-mach 's cha robh ròin fionnaich air. Agus thill e agus thuirt e riutha carson a leig iad ma rèir an cù, 's thuirt iad nach b' urrainn dhaibh a ghleidheil.

"Uill," ars esan, "feumaidh sibh an dath a bh' air a chur air air ais."

"Dè," ars esan, "an dath a bh' air?"

"Casan buidhe a bh' air Bran le dà thaobh dhubh agus tàrr geal, druim uaine cù na seilge, cluasan corrach crò-dhearg."

Sin agaibh an dath a bh' air Bran, co-dhiù a bha an naidheachd fìor gus nach robh, sin agaibh mar a tha i agamsa.

Calum MacIllEathain (CM): ...seann duine ann am Muile, an ann?

DM: Chan ann, ach aig fear a mhuinntir... fear Dòmhnall Mac an Tòisich a mhuinntir... gu dè ainm a bh' air an àite anns an robh e. Bha e ann am Bun Easain 's bha e san t-Sàilean. Uibhisteach, agus bha e ann an hotel an sin mu dheireadh, ann an Uibhist, agus chuala mi gun do shiubhail an duine bochd. Loch Baghasdail.

CM: Dòmhnall Mac an Tòisich. A mhuinntir Bhun Easain a bha e?

DM: Chan ann, ach a mhuinntir Uibhist.

CM: Mhuinntir Uibhist.

DM: Loch Baghasdail. Nach eil àite ann ris an abair iad Lochboisdale?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good