Search

Sgeulachd mu ghobhar glas a dh'fhàg a minn agus mar a mheall...

Contributors
Date September 1967
Track ID 43534
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1967.088.A2

Original Tape ID

SA1967.088

Summary

Tale about a grey goat that left her kids and how a fox deceived them.

A tale about a grey goat that left her kids in a bothy. She warned them not to open the door to any creature until she returned. However, a fox deceived the kids and made off with them. When the grey goat returned she made for the fox's house and rescued the kids.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT123

Transcription

Ceit Dix (CD): Bha siud ann roimhe beathach ris an canadh iad a' Ghobhar Ghlas, agus b' fheudar dhi falbh dhan a' bhaile mhòr agus na h-iseanan òg aice fhàgail, no mar a their iad, na meann. Agus nuair a bha i a' falbh, chuir i snàithlean dearg 's snàithlean uaine agus snàithlean liath air a spògag bheag gus gum faiceadh iad i, 's thuirt i:

"Nis, na fosglaibh an doras gus an cuir mise mo spògag bheag fo bhonn na còmhla, agus chì sibh gur mi a bhios ann."

Ach cha robh i fad sam bith air falbh nuair a bha am madadh-ruadh 's e cho seòlta, thàinig e chun an dorais agus thuirt e:

"Fosgail, fosgail, is mi do mhàthair. Fosgail, fosgail, is mi do mhàthair."

"Cuir do spògag bheag fo bhonn na còmhla 's faithnichidh mise an tu mo mhàthair."

Chuir e a spòg a-staigh fo bhonn na còmhla.

"Cha tu, cha tu, cha tu mo mhàthair. Cha tu, cha tu, cha tu mo mhàthair."

"Dè an comharra agaibh air do mhàthair? Dè an comharra agaibh air do mhàthair?"

"Tha snàithlean dearg 's snàithlean uaine 's snàithlean liath air spòg mo mhàthar."

Chaidh esan dhachaigh leis an t-seòltachd agus chuir e seo air a spòg, agus thill e agus chuir e... thuirt e:

"Fosgail, fosgail, is mi do mhàthair. Fosgail, fosgail, is mi do mhàthair."

"Cuir do spògag bheag fo bhonn na còmhla 's faithnichidh mise an tu mo mhàthair."

Chuir e a spògag bheag 's bha na snàithleanan oirre.

"Is tu, is tu, is tu ar màthair. Is tu, is tu, is tu ar màthair."

Dh'fhalbh e le na trì iseanan bochd a bha sin, 's cha robh e fada nuair a thàinig a' Ghobhar Ghlas às a' bhaile mhòr. Cha robh sìon a' feitheamh a-staigh roimhpe.

Dh'fhalbh i gu bothan a' mhadaidh-ruaidh, 's thuirt i ris... thuirt e rithe:

"Cò tha seo air mullach mo bhothain bhig chrùsgach chràsgail, nach leig goil dham choireachan 's nach leig bruich dham bhonnachan, 's nach leig le mo leanaban balgam dhen uisge a thoir thugam?"

"Tha mise seo, a' Ghobhar Ghlas, air a dhol às, ag iarraidh mo thrì minne mìne, am bocan tarbhaidh 's an gille-buic.

"Air an talamh a tha fom chasan, air an adhar a tha os mo chionn, 's air a' ghrian a chaidh seachad sìos, chan fhaca mise riamh do chuid mheann."

Ach mus robh a' ghobhar bhochd fad sam bith a' bruidhinn, leum trì coin air mullach a' bhothain aige 's leag e iad, agus leum na minn a-mach agus fhuair a' Ghobhar Ghlas iad, agus chaidh i gu toilichte dhachaigh leotha.

Iain Peatarsan (IP): 'S ann a-nise aig d' athair a chuala thu an sgeulachd sin?

CD: 'S ann. Aig m' athair a chuala mi i sin cuideachd.

IP: Ò uill, tha i glè mhath co-dhiù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good