Fòrladh Alasdair Bhàin
Date 1963
Track ID 44332
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1963.9.A2

Original Tape ID

SA1963.009

Summary

This is a humorous song about a First World War soldier, whose attempts to get to Uist during his leave were not successful.

Item Notes

Five verses sung plus chorus. Composed by Donald MacIntyre and Alasdair Boyd, who were together with the soldier who is the subject of this song, during the First World War. The song was composed in the Dickebusch Dugout in 1916.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

'S a iù ra bhó 's a iù ra bhó
Cuiridh mi luinneag an òrdan dhuibh
'S a hiù ra bhó 's a iù ra bhó
Air fòrladh Alasdair Bhàin.

'S ann dh'fhalbh mi chun an stòir
Dh'iarraidh lèintean is briogais is brògan dhut
Gum biodh tusa glan orra chòmhdach
Dol air an fhòrladh cuide ri càch.

'S nuair fhuair mi gach nì dh'fheumadh tu
Aodach is briogais is lèine dhut
Gu ruige na numerals fhèin
Bha iad an èideadh Alasdair Bhàin.

'S nuair ràna tu Lunnainn bu shunndach thu
Bha trèan gad fheitheamh is smùid aice
'S cha b' fhada cur seachad na dùthcha i
'S i giùlain Alasdair Bhàin.

'S nuair ràna tu 'n Caol bha 'n dìl agad
Chan fhaigheadh tu steamer an oidhche sin
Cha robh aig a' chidh' ach an 'Sheila'
"Thèid mi innt'," ars Alasdair Bàn.

'S nuair fhuair an 'Sheila' air bòrd innt' thu
Gun d' ghabh i leat dìreach a Steòrnabhagh
'S gun d' rinn an t-Admiral còir
Nuair chuir e patrol le Alasdair Bàn.