Search

Iasgair à Cinn t-Sàile a' lorg fiodh a dhèanadh druim ùr dhan bhàta aige.

Date November 1957
Track ID 44584
Part 1

Track Information

Original Track ID

CannaOT.1

Original Tape ID

CannaTape.0033

Summary

A fisherman from Kintail was searching for timber to make a new keel for his boat. Whilst searching the woods, he failed to locate a perfect tree and had to spend the night in the house of three old hags. During the night, they entered his room one by one and on taking a bonnet from a chest and uttering "London again!" they disappeared. He tried the same, and found himself in a whisky cellar surrounded by the three drunken hags. When he awoke the next morning, he was caught, and sentenced to be hanged for stealing. Whilst standing on the gallows, he put the bonnet on his head and said, "Kintail again!" after which he found himself homeward bound and with a decent piece of timber for his boat to boot.

Item Notes

The English translation of this story is found in John Lorne Campbell's 'Stories from South Uist told by Angus MacLellan', 1997 Ed., Birlinn, p. 101.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Frobost

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

Canna

Transcription

Aonghas MacIllFhialain: Bha iasgair shìos ann an Cinn t-Sàile an siud, 's bhiodh e fhèin 's na gillean a-mach ag iasgach a h-uile latha. Bha e an latha a bha seo a-muigh ag iasgach 's thàinig an latha fuathasach dona, 's bha rubha aige ri faighinn seachad air mum faigheadh e a-staigh dhan acarsaid. Bha e a' faicinn nach dèanadh e an gnothach a dhol seachad air an rubha leis a' bhàta. Cha robh sàbhaladh aige ach a leigeil chun a' chladaich. Bha daoine gam faicinn. Chruinnich iad timcheall orra, 's fhuair iad aiste, ach chaidh am bàta a bhristeadh. Chaidh druim a' bhàta a bhristeadh.

Nuair a chaidh iad dhachaigh 's a ghabh iad biadh, smaoinich am bodach gun robh e cho feumach air falbh a-màireach 's a bha e an-diugh; gun rachadh e rathad na coille feuch am faigheadh e maide ann a dhèanadh druim dhan bhàta.

Dh'fhalbh e 's thug e leis tuagh. Bha e a' siubhal air feadh na coille, 's cha robh e a' faighinn craobh a bha ga riarachadh. An tè a bhiodh dìreach, bhiodh i ro gharbh, 's dh'fheumadh e saor fhaighinn gus a snaigheadh, 's chan eil fhios cuin a bhiodh i ullamh. An tè a bhiodh car ann an size, bhiodh car cam innte, 's cha robh e a' faighinn gin a bha ga riarachadh.

Mu dheireadh thàinig an oidhche air anns a' choillidh. Bha e an seo a' feuchainn ri faighinn a-mach aiste, 's uaireigin air feadh na h-oidhche fhuair e a-mach às a' choillidh. Cha robh fios aige cò an taobh a bheireadh e aghaidh. Chunnaic e an seo solas bhuaithe. Rinn e dìreach air an t-solas. Ràinig e... bha taigh beag sgiobalta ann a shin, 's chaidh e a-staigh. Nuair a chaidh e a-staigh, cha robh a-staigh ach triùir chailleach, 's bha tè dhiubh fuathasach sean. Bha i na suidhe aig an teine. Bha tè eile dhiubh car sgiobalta. Bha i air feadh an taighe. Dh'fhaighneachd e dhiubh am faigheadh e fuireach ann an seo gu madainn. Sheall iad air a chèile, 's thuirt tè dhiubh air èiginn gum faigheadh.

Dh'fhaighneachd iad cò às a thàinig e 's dh'innis e. Dh'innis iad dha an t-astar a bha e on taigh. Bha e air a dhol pìos mòr ceàrr. An ceann treise, dh'èirich an tè a bh' aig an teine a-null còmhla ri càch 's bha iad a' bruidhinn leotha fhèin thall, 's bha dùil aig a' bhodach gur ann air fhèin a bha iad a' bruidhinn. Cha robh e a' cur mòran diù annta. Ach thionndaidh an seo tè dhe na cailleachan ris agus thuirt i gum b' fheàrr a dhol dhan rùm ud shìos; gun robh leaba ann 's gum b' fheudar dha cadal innte gu madainn. Ò, thuirt esan nach robh feum aige air leabaidh ann; gun dèanadh e an gnothach aig an teine.

"Ò, tha e nas fheàrr dhut a dhol dhan leabaidh, 's bidh thu nas fheàrr gu coiseachd a-màireach. Bheir leat an solas. Faodaidh tu fhàgail laiste."

Dh'èirich e sìos. Nuair a chaidh e sìos, cha robh sìon anns an rùm ach an leaba agus bòrd, 's ciste mhòr a bha thall fon uinneig. Chaidh e dhan leabaidh.

An dèidh dha dhol dhan leabaidh, cha robh e a' faighinn chadail. Bha cùram air mun fheadhainn a dh'fhàg e a-staigh, gum biodh iad ga iarraidh. Mhùch e sìos an solas. Ach dh'fhairich e an seo tè dhe na cailleachan a' dol chun an dorais agus cha chuireadh i sìos ach an dàrna sùil. Bha esan a' leigeil air gun robh e na chadal. Ach mu dheireadh chaidh i sìos air fad. Ghabh i chun na ciste, agus thug i currac às a' chistidh, 's cheangail i mu ceann e.

"London again," ars a' chailleach.

Mach a' chailleach. Cha robh an t-ath-shealladh aige dhith. Dh'fhairich e an seo tè eile dhiubh a' tighinn chun an dorais, agus cha tug i sin cho fada aig an doras. Chaidh i sìos, agus thug i fhèin currac às a' chistidh, agus chuir i mu ceann e, 's cha robh aice fhèin ach "London" às dèidh na tè eile.

Agus an seo an t-seann tè a' tighinn 's bacagan a' dol oirre 's eagal oirre gun robh i fadalach. Cha do rinn i ach gabhail sìos dìreach chun na ciste 's currac eile a thoir às 's a càradh mu ceann agus "London again" an dèidh chàich.

Cha robh an seo aige ach e fhèin. Dhia, smaoinich e nach fhanadh e na b' fhaide siud, gum biodh e a' toirt ceum às an astar. Dh'èirich e 's chuir e uime, 's nuair a bha e deiseil a' falbh smaoinich e gun sealladh e anns a' chistidh feuch gu dè a bh' innte, on a bha an cothrom cho math aige. Dh'fhosgail e a' chiste, 's cha robh sìon anns a' chistidh ach a dhà no trì dhen t-seòrsa churraicean a chunnaic e na cailleachan a' cur orra.

Bha e gam feuchainn, 's dh'fheuch e an seo fear mu cheann dhiubh 's bha e fuathasach fit dha.

"London again," ars am bodach.

Mach am bodach, 's ann am priobadh na sùla bha e na sheasamh ann an sealair uisge-bheatha ann an Lunnainn, agus an triùir chailleach nan sìneadh air an daoraich. Cha do chuir e dragh sam bith air na cailleachan, ach bha na pìoban a' ruith. Cha do dh'amais iad air stad a chur orra leis an deoch.

Chuir e stad air na pìoban, 's bha e a' feuchainn balgam às a h-uile deoch a bh' ann, 's e feumach gu leòr air. Smaoinich e an seo gun suidheadh e, 's bha an t-àite cho clos. Chuir e dheth an currac 's chuir e na phoca e. Dè rinn e ach tuiteam na chadal.

A' chiad dùsgadh a bh' aige 's e fear an t-sealair a' gabhail dha leis na breaban. Cha robh sgeul air na cailleachan.

"A dhearg rasgail, tha thu fada gu leòr a' tighinn an seo, gus an do sgrios thu mise 's a dh'fhoghain thu dhomh. Thug iad do char asad mu dheireadh."

Dh'èigheadh air poileas. Thugadh air falbh am bodach bochd dhan phrìosan. Dh'fheuchadh an seo aig cùirt e. Bha am bodach ag innse mar a dh'èirich dha 's mar a thachair dha tighinn ann. Ho, cò chreideadh siud? Cha robh duine sam bith a chreideadh siud. Cha ruigeadh e a leas a bhith ag innse a chuid breug. Bha an call a' dol air aghaidh fad ùine mhòr. Cha b' e na bhathar ag òl uile-gu-lèir, ach na bhathar a' dòrtadh. Dh'fhaillich e air a h-uile poileasman 's air a h-uile detective a bh' ann an Lunnainn am mèirleach a ghlacadh gus an do ghlac e fhèin e. 'S ann a thugadh a-mach binn a' chrochaidh.

An latha a bhathar a' dol ga chrochadh an seo chruinnich mòran sluaigh a choimhead a' chrochaidh, agus thug an crochadair a-mach e, 's thug e suas e chun na scaffold e, 's chuireadh an ròpa mu amhaich. Thuirt e ris gun robh deich mionaidean aige a-nis airson rud sam bith a bha toil aige a chantail, a ràdh.

"Ò, chan eil sìon agamsa ri ràdh [?a thuilleadh] air na thuirt mi mar-thà," ars esan, "ach gu bheil sibh gam chrochadh 's mi neochiontach."

"Ò, tha thu a h-uile rud ach sin," ars esan.

Chuir e a làmh na phòca, 's dè thachair ris ach an currac.

"Am faod mi seo a chur mum cheann," ars esan, "fhad 's a bhios sibh gam chrochadh?"

"Ò faodaidh tu rud sam bith a thogair thu a chur mud cheann," ars an crochadair.

Dh'fhalbh e 's cheangail e an currac mu cheann.

"Cinn t-Sàile again," ars am bodach.

Mach am bodach 's a' chroich dha na speuran, 's i a' tighinn a-nall air an rathad thilg e an crochadair far na croiche, 's chaidh a bhàthadh. Thàinig e fhèin 's a' chroich gu ruige Cinn t-Sàile, 's fhuair e maide brèagha sùist innte a rinn druim dhan bhàta.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good