Search

Flùr nan Cailin

Date 20 March 1960
Track ID 45305
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.067.A4

Original Tape ID

SA1960.067

Summary

This song is addressed to a girl of matchless beauty, character and bloodline, who appears to be living in Liverpool and who is most sincerely loved and missed by the composer.

Item Notes

Seven 4-line verses plus a 3-line chorus, line 1 and line 3 of the chorus being the same. The first line of the chorus is sung between the verses and the full chorus at the end.

See:
'Òrain an Eilein'

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Flùr nan cailin 's tu gun leanainn
Sùil a' mheallaidh, ùidh gach leannain
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

O gur h-i mo ghaol-sa ghruagach
Dh'fhàs cho faicilleach na gluasad
Thug mi spèis a mhaireas buan di
Nach dèan astar cuain a sgaradh
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Tha a cruth, a dealbh 's a h-ìomhaigh
Tighinn an-còmhnaidh beò 'am fhianais
Sùilean taitneach, laiste, lìonta
'S gil' a bian na cliabh na h-eala
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Gur h-i mo cheist a' mhaighdeann bhòidheach
Chaidh a shnìomh o shìol Chlann Dòmhnaill
Dream nach strìochdadh do luchd dò-bheart
'S nach dèan fòirneadh air an ainnis
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Buidheann euchdmhor, cholgarr', chinnteach
Reigheadh gu treun a dhìon an rìoghachd
'S fad bha 'n eachdraidh air a sgrìobhadh
Sìos le pinn o linn MhicAilein
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Gur e suaicheantas nan àrmann
Leomhann, làmh dhearg, fraoch nan àrd-bheann
Craobh is bradan thig far sàile
Long nam brèid, nan spàrr 's nan crannag
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Fhir a sheòlas o mo dhùthaich
Thoir mo shoraidh leat lem dhùrachd
'S ma thadhaileas tu am Poll a' Ghrùthain
Beannachd dùbailte gu Bealaig
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Bidh mi crìochnachadh mo dhàin dhut
Oidhche mhath leat, soraidh slàn leat
Tha gach seòrsa maise fàs ort
Nach cuir buadhan bàird an ealaidh
Flùr nan cailin 's tu gun leanainn

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good