Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date 31 October 1994
Track ID 457
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 31.10.1994

Summary

Ways to keep oneself young and beautiful.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Ò uill, 's iongantach gun robh càil aig na balaich a bh' anns a' bhothan mu dheidhinn an ath chuspair a th' againn an-dràsta. 'S e sin man a chumas tu air falbh na lurcan bho d' aodann. A rèir coltais, ma tha thu airson faighinn air adhart anns an t-saoghal a th' ann, 's e a bhith a' fuireach a' coimhead òg agus eireachdail. An dòigh sin a dhèanamh, a rèir coltais, ma tha thu a' coimhead òg 's eireachdail, tha thu a' dol a dh'fhaighinn tòrr... air adhart tòrr nas fheàrr nad obair, tha thu a' dol a dh'fhaighinn tòrr a bharrachd cothrom faighinn a-steach a dh'obair sam bith, gu sònraichte mas e agus gu bheil thu gu bhith an aghaidh duine a tha a bhus làn lurcan. Uill, còmhla riumsa, tè an-dràsta a tha gu math eòlach air a bhith a' dèanamh... uill, cha dèan i aghaidh bòidheach de dh'aghaidh nach eil bòidheach, ach a' dèanamh an rud as fheàrr de... de dh'aghaidhean 's dòcha aig amannan nach eil ro eireachdail. 'S ise Doilidh Mhoireasdan a tha ag obair ann an seo fhèin aig Grampian, Telebhisean Grampian. Doilidh, a bheil tòrr ann a nì thu le feadhainn dhe na rudan a th' agad air do bheulaibh ann an sin, airson aghaidh duine a dhèanamh nas fheàrr a thaobh nach bi uiread a lurcan ann?

Doilidh Mhoireasdan (DM): Chan ann air lurcan leis an stuth seo idir. Chan fhaigh thu clìoras dhe na lurcan. Ach ma chuireas tu air e, tha e coltach gu bheil na lur-... chan eil na lurcan cho dona a' coimhead.

CM: Chan fhalbh na lurcan co-dhiù, ach 's urrainn dhut am falachd?

DM: 'S urrainn dhut am falachd.

CM: 'S dè, a-nise, a tha an seòrsa stuthan a th' agad ann an sin airson na lurcan a chur am falachd?

DM: Uill, tha uiread... tha an stuth as fheàrr a chleachdadh, 's e moisturiser a chur ort a h-uile latha 's a h-uile h-oidhche, fhad 's a tha thu òg, 's an uair sin nuair a dh'fhàsas tu nas aosta, cha bhi feum agad air stuth airson faighinn clìoras dhe na lurcan.

CM: Uill, ciamar a dh'fhuirich m' aodann-sa gun lurcan gu seo, ma-thà?

DM: Ò, chan eil mi a' cantainn càil mu dheidhinn sin, gun fhios dè thachras. Ach tha thu a' faighinn a-nis, tha uiread de rudan a-nis ann, agus tha uiread a chemicals annta, 's bidh iad a' cantainn gun fhaigh thu clìoras... ach bidh e a' dèanamh an cracann agad nas tight, agus ma chuireas tu makeup air a mhuin, chan fhaic thu... chan eil e a' coimhead cho lurcach 's a... 's a tha e.

CM: Uill, bha an sanas siud anns na pàipearan bho chionn ùine - tha mi a' creidse gu bheil e a' dol fhathast - ag ràdh ma chleachdas tu am moisturiser ùr a tha seo airson ceithir latha deug, gum falbh na lurcan, gum faic thu diofar. A bheil thu ga chreidse?

DM: Ò, chì thu diofar, ach chan ann le lurcan idir. Nuair a sguireas tu a chleachdadh an stuth sin...

CM: Tuitidh a h-uile càil a th' ann.

DM: Tuitidh a h-uile càil a th' ann.

CM: Ò, mo chreach. Bha mi a' faicinn dealbh, tha mi a' smaoineachadh gur ann an t-seachdain a chaidh a bh' ann uaireigin, agus 's ann a bha mi a' smaoineachadh gun robh e iargalta, air an teilidh, boireannaich... agus 's e boireannaich a bh' ann gu sònraichte - bha fireannaich ann ceart gu leòr - bha iad a' faighinn plastic surgery 's bha iad a' slaodadh a' chracainn air ais. Cha robh sin brèagha a bharrachd.

DM: Ò, cha do chòrd... cha bu chaomh sin leam idir.

CM: Ach can an-dràsta, ma tha duine, can an-dràsta, a' tighinn thugadsa, agus gu bheil an aghaidh aige làn lurcan, a bheil càil ann a nì thu dhaibh?

DM: Chan eil. Dìreach man a tha mi a' cantainn, 's e moisturisers agus stuth... creams eile a chur air fon makeup, 's an uair sin, mothachaidh tu an uair sin gu bheil rud beag de dh'eadar-dhealaichte ann.

CM: Ach 's e aon uair 's gun tòisich thu a' dèanamh seo, feumaidh tu cumail ort ga dhèanamh?

DM: Ò, feumaidh tu cumail air a bhith ga dhèanamh. An rud as fheàrr airson daoine òg, ma thòisicheas iad ga dhèanamh fhad 's a tha iad òg. Chan urrainn dhut stad a chur air, ach faodaidh tu a chumail air ais airson treiseag.

CM: Dè an t-inneal a th' agad an sin?

DM: Airson massage a tha seo.

CM: Cuir air e.

DM: Bidh thu a' dèanamh mar siud. Ma thèid thu a-steach [???] salon, bidh iad ga dhèanamh le làmhan, ach seo rud ùr a tha iad a' tòiseachadh air creic anns na bùithtean. Tha e fèar man electric shaver, ach gur e ballaichean beaga a th' air, agus fhad 's a tha thu ga chur air do chracann, bidh e massaging.

CM: 'S a bheil e... a bheil e goirt?

DM: Ò, chan eil e goirt. Faodaidh tu fheuchainn. Chan eil goirt idir. Ach bidh e man... gum bi e a' slaodadh na muscles agad.

CM: Tha e gu math càilear a' chiad char anns a' mhadainn. Ach dè tha e a' dèanamh?

DM: Bidh e dìreach... bidh e a' tight-adh an-àirde na muscles agad fo do chracann.

CM: Cha tug siud fada ga bhriseadh.

DM: Ò, tha thu air a bhriseadh a-nis. Ò, uill.

CM: Agus tha sin a' dèanamh seòrsa...

DM: Ach feumaidh tu... tha cream a' tighinn còmhla ris. Feumaidh tu a chur air. 'S bidh e an uair sin, fhad 's a tha thu ag obair air, bidh an cream a' dol a-steach dhan a' chracann agad.

CM: Agus a bheil sin ag obair? Dè tha e a' dèanamh? A bheil e a' cur elastic air ais dha do chracann, no rudeigin mar sin? An e sin a tha e...

DM: Uill, feuch-... bidh e... rud mar sin a th' ann, 's e. Bidh e... an elasticity a chur air ais dhan a' chracann agad.

CM: Nise, tha rudan agad an sin. Dè tha sin? Best for a Baby. Carson a thug thu sin leat a-steach an seo?

DM: Airson gu bheil rudan cho sìmplidh ri sin ag obair. Baby moisturiser. Obraichidh sin. Tha daoine... tha e rud eadar-dhealaichte airson cracann... bidh daoine le tòrr ola anns a' chracann aca, 's bidh daoine le cracann gu math tioram. Agus rud mar seo fhèin, obraichidh sin fhèin. Cha leig thu a leas a dhol a-mach 's deich... deich not a chaitheamh air rud, nuair a gheibh thu rudan airson dhà no trì notaichean.

CM: Uill, seo an rud. Tha daoine gu math dualach a dhol a-steach a bhùth, nach eil, agus an t-uabhas airgead a cheannach, air sgàth gum faca iad sanas anns a' phàipear, a chosg na mìltean... na mìltean mòra, mòra an cur dha na pàipearan dathach a tha sin, agus 's e rud nach eil daoine a' tuigse, tha iadsan a' pàigheadh airson na sanasan a tha sin, nuair a tha rudan anns na bùithtean a dhèanadh an aon... an aon obair.

DM: Tha. Tha. Gu math tric, tha thu a' pàigheadh airson an ainm, 's chan ann... I mean, gheibh thu rudeigin mar siud, vitamin E cream. Nis, cosgaidh sin dhà no trì notaichean fhaighinn. 'S ann às a' Bhody Shop a thàinig am fear seo. Ach rudeigin gu math coltach ris, vitamin E cream eile, 's mas e ainm man Max Factor no rudeigin mar sin a th' air, pàighidh tu ochd no naoi not air a shon. Agus 's e an aon stuth a th' ann, aig deireadh an latha.

CM: Tha thu a' pàigheadh airson an ainm.

DM: Tha thu a' pàigheadh airson an ainm, 's tha thu a' pàigheadh airson am packaging, 's tha thu a' pàigheadh airson a h-uile càil a tha sin.

CM: Agus aig deireadh an latha, cha dèan e diofar sam bith.

DM: Cha dèan e eadar-dhealaichte sam bith. An aon rud... nì e an aon rud, ged a tha thu a' pàigheadh deich not no dà not air a shon.

CM: 'S a bheil thusa a' faireachdainn... uill, a bheil duine a' faireachdainn nas fheàrr nuair a chuireas e seo air?

DM: Tha. Tha mi a' smaoineachadh gum bi e... gum bi e a' toirt air daoine... gum bi iad a' faireachdainn nas annta fhèin, gum bi e a' dèanamh eadar-dhealaichte air daoine. Bidh iad a' faireachdainn confident. Tha iad... chan eil iad...

CM: Ach 's e rud a tha fhios... ach an dèidh sin, tha fhios aca cò ris a tha iad coltach fon a h-uile càil a tha seo.

DM: Tha, ach chan eil duine eile a' faicinn. Ma tha... Chan fhaic thu ach... an rud a tha daoine a' faicinn 's dè man a tha thusa a' faireachdainn, siud e an rud a th' ann. Chan eil...

CM: An innis mi stòiridh bheag, mun rud a thachair dhòmhsa?

DM: Dè rud a thachair dhut?

CM: Nuair a chuir thu rud orm bho chionn... bho chionn mìos no dhà an seo air ais.

DM: Dè thachair dhut? Thàinig thu a-mach ann am [?plum].

CM: Cha tàinig no càil, ach dh'fhalbh mi ann an cabhag 's rudan a bh' agam ri dhèanamh shìos am baile, 's chaidh mi dhan a' Phost Office 's chaidh mi dhan a' bhùidsear, agus chaidh mi... chaidh mi dhan a' bhùth shìos am baile, 's nuair a thill mi air ais, dh'fhaighnich thu dhomh:

"Ciamar a chaidh dhut?"

'S thuirt mise:

"Chaidh glè mhath."

'S thuirt thu rium an uair sin:

"An dùil nach eil a thìde agad am makeup a thoirt dhìot."

Cha tuirt duine càil rium.

DM: Cha do chuir... Thuirt mi sin riut a-nis, mus do chuir thu ort e, nach... an seòrsa makeup a bh' ort, chan fhaiceadh duine e. Tha e dìreach airson solas a' chamara.

CM: 'S e bha dùil agamsa a bha thu a' dol a ràdh rium, gur e a bh' ann nach robh... nach robh feum agam air anns a' chiad àite.

DM: Uill, chan eil mi a' dol a chantainn càil.

CM: Ach an-dràsta, anns an seòrsa obair a tha sibhse ag obair ann an sin an-dràsta, le cameras, tòrr teas agus rudan mar sin, am feum sibh feadhainn dhe na rudan a tha sin a bhith a' cur... ga chur air cracann daoine, a thaobh agus cho teth 's a tha e?

DM: Feumaidh. Feumaidh... uill, a' chuid as motha dhe na daoine, ged a tha thu ann a... ag obair anns an stiùidio no càil sam bith, even fuireach shuas ann a sheo, leis a' ghaoth, tha e a' dèanamh feum dhut an stuth seo a chur ort. Ach leis an... teas na solais, daoine a tha iadsan fo na solais tric, tha e nas fheàrr dhan a' chracann agad ma chleachdas tu seo.

CM: A bheil an t-inneal a tha sin ag obair... Feuch a-rithist e. A bheil e ag obair?

DM: Tha. Tha e a' depend-adh dè an taobh a chuireas tu e.

CM: Cuir a dhol... cuir a dhol e gu 'm feuch mi e.

DM: Seo a-nis. Tha e rudeigin...

CM: Tha e rudeigin man... Siud e a-nis. Fhad 's a bhios tusa ag obair leis na rudan a tha sin, chan eil mise a' dol a ràdh a' chòrr, ach tha mise ann an seo co-dhiù. Tha mi an dòchas nach tig cuideigin a-steach an seo a bhios a' smaoineachadh gu bheil mise a' dol a chleachdadh a' mhakeup a th' agad ann an sin. Cumaidh mi orm leis na lurcan man a tha iad. Ach siud an rud a tha iad ag ràdh, a rèir coltais, mas e 's gu bheil thu airson obair fhaighinn, agus gu bheil thu an aghaidh duine air a bheil cracann lurcach, gum feum thu a dhol a-steach 's a h-uile càil a tha seo a chleachdadh. Mòran taing dhutsa airson a thighinn a-steach an-dràsta, a Dhoilidh, a dh'innse dhomh gur dòcha gum faighinn rud aig prìs gu math saor a dhèanadh feum dhomh nuair aig amannan a chosgadh e gu math daor cuideachd. Tapadh leatsa an-dràsta.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good