Search

Prògram Choinnich

Date 31 October 1994
Track ID 459
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 31.10.1994

Summary

The contributors remember Halloween in days gone by.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Uill, cò aige aig a bheil clann aig an àm a tha seo nach eil fhios gur e àm Oidhche Shamhna a th' ann, agus againne co-dhiù air an deireadh-sheachdain bha pàrtaidh Oidhche Shamhna aca, agus abair gun do chòrd e ris a h-uile duine a bh' ann, òg gu sònraichte, 's dòcha sean a bha nan cois. Ach dè th' ann an Oidhche Shamhna? Ciamar a tha i air atharrachadh? Dithis còmhla riumsa a tha mi an dòchas a tha a' dol a dh'innse beagan dhomh mu dheidhinn sin. An toiseach, Dolly Wallace ann am Peairt, agus Tormod MacGill-Eain ann an Glaschu. An toiseach, Dolly. Madainn mhath dhut, Dolly.

Dolly Wallace (DW): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Ciamar a tha sibh?

DW: Tha mi gu math.

CM: Nise, innis dhomh beagan mu dheidhinn a' chuimhne a th' agad fhèin air Oidhche Shamhna anns na seann làithean, agus na bhiodh tu a' cluinntinn mu dheidhinn fiù 's ron a sin.

DW: Uill, 's toigh leam mar a thuirt thu 'na seann làithean'. Tha Oidhche Shamhna air atharrachadh gu mòr. Bha mise fortanach gun robh mi na mo phàiste aig àm a' chogaidh, agus bha mo sheanmhair an uair sin, bhiodh i ag innse rudan dhomh mu dheidhinn Oidhche Shamhna, 's bhithinn a' coimhead dè bha a' tachairt nuair a thigeadh na h-igheanan òga a-staigh. 'S ann aig na boireannaich a bha Oidhche Shamhna, 's cha b' ann aig na gillean. 'S dòcha aig an àm ud nach robh mòran ghillean ann; gun robh iad air falbh anns a' chogadh.

Ach cha b' ann a' dol sìos air an ceann dìreach do thuba uisge a bha iad, ag iarraidh ùbhlan. Bhiodh iad a' dèanamh rudan eile. Bhiodh iad a' coimhead cò a phòsadh iad, no dè bha a-mach romhpa nam beatha. Bhiodh iad a' cur truinnsear... sàsaran a-mach, le salann, min-choirce, pìos clòimh, agus gràn air choreigin orra, agus uisge. Bhiodh sin a' dol a-mach air bòrd, 's bhiodh iad a' cur rud mu sùilean nan nighean. Uill, bhiodh iad ag atharrachadh far am bitheadh na rudan airson chàich, 's ge be dè an sàsar no rud air am bualadh an làmh, sin a phòsadh i. Seòladair, no... iasgair leis an t-salann, seòladair leis an uisge, tuathanach leis a' ghràn, breabadair leis a' chlòimh, agus muillear leis a' mhin.

'S bhiodh i cuideachd a' bristeadh ugh, agus a' cur gealagan an uigh ann an glainne. 'S a-nis, bha seo a' tachairt... chunna mise seo iomadach uair an dèidh sin, 's dh'fheuch mi fhèin e 's thachair e. Bhiodh rudan ag èirigh, a bheil fhios agad, bhiodh bubbles ag èirigh anns a' ghealagan, 's nam b' e... nam biodh iad ag èirigh an-àird pìos, 's e duine mòr snog a bhiodh an sin. 'S nam biodh iad dìreach ag èirigh beagan, 's e fear beag cruinn a bhiodh ann.

'S bha rud eile cuideachd ann, far am biodh iad a' seasamh air... Nise, cha do leig an t-eagal leamsa seo fheuchainn riamh. Seasamh air beulaibh sgàthain, agus... le solas coinneal, aig meadhan-oidhche, agus tha e coltach gum faiceadh iad samhla an duine a phòsadh iad air an cùlaibh. Niste, cha leigeadh an t-eagal leamsa sin a dhèanamh gun fhios dè a dh'fhaicinn air mo chùlaibh.

CM: 'S an robh sibh a' creidse anns a h-uile càil a bha sin?

DW: Ò bha. Ò, tha mise a' creidsinn fhathast ann. Agus rud eile cuideachd, bhiodh iad a' dèanamh mias mhòr le buntàta pronn. Niste, bhiodh bonn trì-sgillinn airgead a' dol ann, putan, agus fàinne-pòsta. Niste, bha aca ri seo ithe gu 'm faigheadh iad ge be dè a bh' ann. An duine a gheibheadh am fàinne-pòsta, bha i a' dol... 's i a' chiad tè a phòsadh. Nam faigheadh tè putan, cha robh i a' dol a phòsadh idir. 'S nam faigheadh tu am bonn trì-sgillinn bha thu gu bhith beairteach. Bha sin aca.

'S bha iad cuideachd a' dèanamh bonnach, 's bha e uabhasach saillte, 's bha iad a' dol a dh'ithe seo mun deigheadh iad dhan leabaidh; a' dol a dh'ithe pìos dhen a' bhonnach mun deigheadh iad dhan leabaidh. An aisling a chitheadh iad, bha iad gu bhith ag aisling air an fhear a phòsadh iad. Cha do dh'fheuch mi sin na bu... ò, dh'fheuch mi sin - tha mi ag innse nam breug. Dh'fheuch mi sin, ach chan eil cuimhn' a'm dè a chunnaic mi. Cuiridh mi geall gur e trom-laighe a bh' orm.

CM: Uill, tha sin inntinneach dha-rìribh, oir 's e an suidheachadh a th' ann an-diugh, nach e, a' chuid as motha dhen a' chloinn, chan eil càil a dh'fhios aca mu dheidhinn càil dhe na rudan a tha seo, 's chan eil ann ach cothrom a bhith a' dol timcheall air na taighean, beagan airgead fhaighinn, agus gum bi pàrtaidh mòr aca.

DW: Ò cha robh sin againn idir. Cha robh. Bhiodh... niste, rudan eile a bhiodh a' tachairt Oidhche Shamhna, bhiodh iad a' dol a-mach 's bhiodh iad... nam biodh lusan anns an talamh, mar càl no tuirneapan no càil mar sin, bhiodh iad aig doras cuideigin an làrna-mhàireach. Bhiodh iad a' cur ceap air mullach simileir ach an tigeadh a' cheò a-staigh air ais. Rudan mar sin. 'S dè... ge be dè a dhèanadh iad Oidhche Shamhna, cha b' e droch rud sam bith a bh' ann. Bha iad a' faighinn dheth. Cha robh diofar dè bhiodh... ged a bhiodh fhios aca cò bhiodh ann, cha robh càil a' dol a thachairt dhaibh. Cha robh e ach dìreach, mar gun canadh tu, good clean fun.

CM: Sin agad e. Uill, ag èisteachd ri seo, agus a' dèanamh... gu foighidneach ann an Glaschu, tha Tormod MacGill-Eain. Madainn mhath, a Thormoid.

Tormod MacGill-Eain (TM): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, abair sgeulachd a bha siud aig Dolly. An e siud a' chuimhne a th' agadsa air Oidhche Shamhna?

TM: Uill, a dh'innse na fìrinn, 's ann bho bhràthair mo sheanmhar a chuala mise sgeulachdan mu na bha a' tachairt air Oidhche Shamhna, agus cha mhòr nach e, gu dearbh fhèin. Bha iad... bha iad gu math miadhail, an Uibhist co-dhiù, na boireannaich, feuch faighinn a-mach dè bha romhpa. Agus chuala mi cuideachd mu dheidhinn nan rudan air an robh Dolly a' bruidhinn. Ach bha cleas eile aca cuideachd an Uibhist. Dithis a bha caran miadhail aig a chèile, chuireadh iad dà chnò air mullach an teine, agus nan spreadhadh an dà chnò aig an aon àm, bha siud a' ciallachadh gun robh iad a' falbh le chèile, agus gun robh iad a' dol a phòsadh. Agus chuala mi mun a' ghealagan, a' cur gealagan an uigh ann an glainne uisge feuch an rachadh e ann an cruth. 'S e a chanadh iad an Uibhist, craobhan beaga. Nan rachadh e ann an cruth craobhan beaga, 's e deagh chomharradh a bha siud, ach 's e droch mhanadh a bhiodh ann nan tuiteadh an gealagan gu tòn na glainne.

Agus rud eile a bhiodh iad a' dèanamh, na boireannaich a tha seo, chuireadh iad dà bhioran maide nan seasamh anns an teine, agus choimheadadh iad gu mionaideach mar a ghluaiseadh iad. Nan tuiteadh na biorain air falbh o chèile, cha bhiodh pòsadh ann eadar an cupall, ach nan tuiteadh iad air muin a chèile, bhiodh gaol maireannach dhaibh fad am beatha.

CM: Ach cha robh daoine dha-rìribh a' creidse na rudan sin, an robh?

TM: Ò tha. Ò Dhia, tha. Chan ann a bha iad - tha iad, gu dearbh fhèin. Tha mise a' smaointinn gun robh meas aig daoine, aig mac an duine, riamh air na bhios roimhe, agus bha mi ag aontachadh... bha co-fhaireachdainn agam ri Dolly air a thuirt i, cha leigeadh an t-eagal leatha coimhead anns an sgàthan air cùl na coinnle. Tha rann... an aithnte dhut an t-òran, 'Soraidh leibh 's oidhche mhath leibh'? 'S e fear Muileach, Iain MacPhàidein, a bha a' fantail ùine mhòr an Glaschu, a rinn e, agus rinn e òran eile far a... bha e a' toirt aithris air Oidhche Shamhna:

Cha robh cleas a dh'òrdaich m' eudail nach deach air ghleus an cabhaig
Cnothan laiste taobh nan èibhleag an dòigh an rèitich càraid
'S gun robh mise air an ùrlar an dèidh nan ùbhlan mar an t-amhsan
Cùl na coinnle 's mi ga feuchainn gus an robh m' fheusag dàthte

Agus cha robh... bha siud, shaoilinn-sa, eadar an dà chogadh. Ach... bha siud an Glaschu. Ach an Uibhist a Deas air an dà chogadh, b' e oidhche shunndach dha-rìribh a bha an Oidhche Shamhna. Thigeadh sgiobadh de ghillean òga air chèilidh, agus a rèir coltais chuireadh iad an t-eagal air an dearg mhèirleach. Bhiodh feadhainn dhiubh a' cur cinn chaorach orra fhèin. Còtaichean mòra bho linn na Banrigh Anna, ròpan mu 'm meadhan 's craiceann caorach. Agus dhèanadh bean an taighe fuarag - sin uachdar a' bhainne le min-choirce ann, agus chuireadh dhan bhobhla, mar a thuirt Dolly, bonn airgid fiach sia-sgillinn - bha iad na bu bheairtiche an Uibhist - putan, agus meuran, agus dh'fheumadh a h-uile duine a bhith ag obair le 'n cuid spàin feuch am faigheadh iad an t-ionmhas.

CM: Ach an-dràsta, cha chreideadh... can an-dràsta gum biodh tusa an nighean mhì-fhortanach a bha sin, a bha a' dol a dh'fhaighinn an comharra nach robh i a' dol a phòsadh a-chaoidh. Cha robh thusa a' dol a chreidse sin, an robh?

TM: Ò uill, bha, tha mi a' smaointinn, a bheil fhios agad...

CM: An robh, a Dholly?

TM: Ò bha, bha.

DW: Bha, gu dearbh. Ò bha.

TM: Dè tha thu ag ràdh, a Dholly?

DW: Bha mi a' dol a chreidsinn sin.

TM: Ò bha. 'S tha tòrr ga chreidsinn fhathast, tha mi a' smaointinn.

DW: Tha.

CM: Ge-tà, nam biodh tusa an nighean a bha a' dol a dh'fhaighinn a' chomharra a bha sin, fhios a'd, cha robh thu a' dol a ghabhail ris?

TM: Uill, chuala tu mu dheidhinn, mar a chanas...

DW: Bha. Bha thu a' dol a ghabhail ris gun teagamh. Bha.

TM: A bheil fhios agad, tha thusa air a bhith a' dèanamh psychology anns an oilthigh, tha fhios a'm, a Choinnich, a bheil fhios agad, self-fulfilling prophecies 's rudan mar sin. Sin an rud a th' ann, 's ma chanas duine riut, a bheil fhios agad, gu bheil thu math, agus tha moladh mòr aig a h-uile duine ortsa, a Choinnich, a bheil fhios agad, mar fhear-craolaidh, beag air bheag, mean air mhean, creididh tu anns an sin. Agus nam biodh iad ga do chàineadh, agus chì mise seo an Glaschu far a bheil mi a' fuireach an-dràsta, dìolachan-dèirce agus na pàrantan aca gan càineadh, tha iad fhèin a' creidsinn an ceann mìos no dhà nach eil sgath feum annta. Mar sin, tha mise a' smaoineachadh gun robh iad a' creidsinn. Tha daoine ag iarraidh a bhith a' creidsinn ann an rudan, a bheil fhios agad, nach eil an urra riutha fhèin. Tha thu a' toirt leisgeil dhaibh.

CM: Tha dealbh againn cuideachd co-cheangailte ri Oidhche Shamhna. Bidh sinn a' faicinn dealbh dhe na bana-bhuidsichean a' falbh air na sguaban 's mar sin, agus thathas ag ràdh, gu h-àraid nuair a thèid thu a-null thairis, ma thèid thu... chì thu iad, bidh iad a' falbh leis na... leis na snèipean - na tuirneapan, mar a chanas sibhse - agus biùgan nam broinn airson feagal a chur air na bana-bhuidsichean. A bheil a leithid a rud ri sin ann dha-rìribh?

TM: Uill chanainn-sa... uill, na ràithean, bha mar gum b' eadh dà fhèill mhòr aig na Ceiltich anns a' bhliadhna: Fèill Bealltainne - sin a' chiad latha dhen Chèitean - agus Samhain, a' chiad latha dhen t-Samhain. Sin na lathaichean a bha a' comharradh mar gum b' eadh toiseach an t-samhraidh, nuair a bhiodh daoine a' leigeil na sprèidh a-mach gu aonach, agus nuair a bhiodh iad gan toirt a-steach fo chabair an taighe. So tha e a' dol air ais ùine mhòr. Agus b' e Latha Samhna mus tàinig soisgeul Chrìosda dhan Ghàidhealtachd, Latha nam Marbh. Agus bha e cunnartach teine no èibhleagan a thoirt do nàbaidh air Latha Samhna, ged a bhiodh an teine aicese air a dhol às, oir math dh'fhaodte gun toireadh i an toradh air falbh bhon chrodh, agus ged a bheireadh bean an taighe bioran seachad, bhiodh i air a faiceall gun tumadh i fàd mòna ann am bucaid uisge cho luath 's a dh'fhalbhadh an tè eile. So mar sin dheth, a Choinnich, ma thèid thu a-mach an-diugh agus ma dh'fhaighnicheas cuideigin dhut, ma chanas iad, 'Haoi còbh, an toir thu dhomh lasair dhan a' fag agam?', bheir dhaibh an lasair ach caith air falbh do thoitean às dèidh làimh, a bheil fhios agad. 'S e droch mhanadh a tha sin.

CM: A bheil thusa a' creidse ann an siud, a Dholly?

DW: Tha mi a' creidsinn an siud, a chionn, Oidhche Shamhna, 's e an aon oidhche a tha an Droch Spiorad a-mach às Ifirinn. Sin an aon oidhche a tha e a-mach. Ach bana-bhustraichean a' falbh casa-gòbhlagain air bruis? Obh, obh, obh, nach tu tha gòrach. Chan eil mi a' creidsinn sin. Cha b' e sin man a bha na bana-bhustraichean a bh' againn idir.

TM: Cha b' ann, a Dholly. Tha thu ceart. Tha e coltach, an Uibhist, bhiodh buidsichean agus bana-bhuidsichean a' dannsa air Oidhche Shamhna...

DW: Bhitheadh.

TM: ...eadar dol fodha na grèine agus gairm coilich.

DW: 'S ann.

TM: Chruinnicheadh iad ann an àite iomallach a-muigh sa bheinn, no air tràigh...

DW: Chruinnicheadh.

TM: ... no ann an cladh, agus rachadh iad timcheall ann an cearcall...

DW: Chun an làimh chlì.

TM: Seadh, chun an làimh chlì. Sin e, ceart.

DW: An aghaidh na grèine, 's ann.

TM: Sin e. Agus bhiodh crois no cuideigin - duine - sa mheadhan, agus a rèir... uill, na leugh mise ann an sgrìobhadh aig Mòr NicNìll - cuimhn' agad an leabhar, an Silver Bough - bhiodh aig na boireannaich pòg a thoirt dham maighstir agus - tha e caran tràth sa mhadainn airson seo a chantail - ge brith càit air a bhodhaig a dh'iarradh e.

DW: Bha.

TM: An-diugh, an aon fheadhainn as aithne dhaibh an dannsa sin, tha mi a' smaointinn gur iad na h-igheanan a tha ag obair ann an telebhisean, an fheadhainn a tha ag obair còmhla...

DW: Ò gu dearbh fhèin, 's e.

TM: Ach 's e stòiridh eile a tha siud, a Dholly.

DW: 'S e, 's e. Ach chan innis sinn sin an-dràsta idir.

TM: Chan innis. Agus dh'innis mise mar-thà e. Faodaidh sibh a leughadh nuair a thig an nobhail a sgrìobh mi a-mach an ùine nach bi fada.

CM: Ò siud agad, fhuair e plug a-steach mu dheireadh thall.

TM: Fhuair mi plug a-staigh. Fhuair.

CM: Ach anns an dealachadh, a-rèiste, oir tha e follaiseach gur e... gu bheil rud no dhà air a thighinn an-àird an seo - 's dòcha dh'fhaodadh sinn a thighinn air ais thuige a-rithist - agus 's e sin aon dhe na rudan a chòrdadh e riumsa a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn dha-rìribh. Uill, cluinnidh sinn daoine a' bruidhinn os ìosal mu dheidhinn seo - cumhachdan na bana-bhuidsichean 's rudan dhen t-seòrsa sin, agus na cumhachdan a tha seo, ach chan eil sinn a' bruidhinn gu follaiseach mu dheidhinn àm sam bith, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a bhiodh ann nam bruidhneadh sinn mu dheidhinn. A bheil thusa a' creidse, a Dholly... cuiridh mi seo ann an dòigh eile. Am b' aithne dhut duine, tè, a-riamh a bha na bana-bhuidseach?

DW: Chan eil fhios a'm. Sin mar a bha na bana-bhustraichean a bh' againn. Dh'fhaodadh an tè a bha an ath-doras riut a bhith na bana-bustraich 's cha bhiodh càil a dh'fhios agad air. Bha e ri cantainn... Cha robh cleòca dubh oirre 's ad bhiorach 's sguab aca, no cat air an gualan na bu mhotha, ach dheigheadh bana-bhustraichean, dheigheadh iad nan cait, dheigheadh iad geàrran, dheigheadh iad nan ceirslean-sìomain. Seall am fear a bha am Bhatairnis, a thàinig na... an triùir... na trì cait a-staigh aige air oidhche fhliuch, fhiadhaich, 's thiormaich iad iad fhèin aig an teine, 's mun do dh'fhalbh iad chaidh iad nan triùir bhoireannach. Bha iad a' dol gu coinneamh an WRI ann an Stafainn.

TM: Ò, 's math tha fios agad fhèin, a Choinnich, a bheil fhios agad. Chuala thu mu gheàrran Chuil, shuas an siud anns an àite anns a bheil thu fhèin. Tòrr de bhoireannaich ann a shiud. Bhiodh iad gu math nàdarrach air feadh an latha, ach bha cumhachd aca. Tha cuimhn' agad, 's dòcha, air a' chaillich a bha siud - tha i càirdeach dhut fhèin, 's dòcha - a dh'aidich air leabaidh a bàis an aon rud a dh'fhaillich oirre a dhèanamh, 's e bàta a chur sìos a bha a' seòladh air Loch a Tuath ann a shiud. Ò, bha cumhachd aca, ach mar a thuirt Dolly, feadh an latha chan aithnicheadh tu orra. Cha robh cleòcaichean orra, 's gu dearbh fhèin cha robh bruisean no sguaban aca mar sin. Cha rachadh iad casa-ghobhail mar sin. A dh'innse na fìrinne, m' eudail, mar a tha mi fhìn air mo phonaigeadh an-dràsta, on a tha mi nam fhear-craolaidh, tha mise nas coltaiche ri bana-bhuidseach mar a tha mi dreaste.

CM: Seadh.

TM: Ò, nam faiceadh tu na dathan a bhios orm a' dol suas gu Telebhisean na h-Alba, 'ille.

CM: 'S dòcha gu bheil... 's dòcha gu bheil e caran tràth dhen an latha airson sin. Ach tha na th' againn de thìde airson còmhradh mu dheidhinn seo, tha e air ruith oirnn, gu dearbha, ach tha cuspair ann an siud a chòrdadh e riumsa a thighinn air ais thuige a-rithist - 's e sin na cumhachdan sin nach bi daoine a' bruidhinn mu dheidhinn, agus chòrdadh e rium faighneachd dha daoine, carson nach eil daoine deònach a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na cumhachdan sin, a bha e follaiseach a bha mòran a' creidse a bh' aig cuid a dhaoine, ach nach eil daoine a bhith... deònach a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn anns an latha a th' ann an-diugh? A bheil a leithid a' dol fhathast, 's dòcha cuideachd? Ceistean a dh'fhaodadh sinn a thogail latha air choreigin eile, ach an-dràsta, a Dholly, ann am Peairt, agus a Thormoid, ann an Glaschu, ceud mìle taing dhuibh airson bruidhinn rium air a seo anns a' mhadainn an-diugh, agus tha mi an dòchas gum bi pàrtaidh math aig a h-uile duine. Tapadh leibhse.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good