Search

Mar a fhuair Cu Chulainn agus athair bàs.

Date 04 April 1960
Track ID 46239
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.70.A6

Original Tape ID

SA1960.070

Summary

How Cu Chulainn and his father died.

Cu Chulainn went to Ireland to see his father, who was a strong man. His father didn't recognise him and fired a lance at him. Cu Chulainn fell. He told his father he had thrown the wrong end of his lance so as not to murder him. When he realised it was his son Cu Chulainn's father took him to a tree, sat down beneath it and died beside him. There is a brief discussion about the Cuillin mountains.

Item Subject/Person

Cu Chulainn; athair Chu Chulainn

Recording Location

County - Argyllshire

Parish - Tiree

Island - Tiree

Language

Gaelic

Genre

Story Verse

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Sin sibh ma-thà. A bheil sibh a' dol a dh'innse mu Chù Chulainn.

Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (DM): Tha. Bha athair ann an Èirinn 's bhiodh am balach òg ag obair air a mhàthair daonnan, Cù Chulainn, gu dè seòrsa duine a bha na athair.

"Tha e iongantach nach eil e a' tighinn far a bheil mi." No: "Cà 'm faic mi m' athair."

"Tha e ann an Èirinn," ars ise, "ann a leithid seo de dh'àite."

"Uill," thuirt esan, "thèid mi agus chì mi m' athair."

Agus tha e coltach gun robh athair Chù Chulainn, gur e duine treun a bh' ann fhèin. Fìor dhuine treun. Agus nach robh duine de... an còig còigeamh na h-Èireannan cho calma ris. Ach chunnaic iad an gaisgeach seo a' tighinn, agus 's e sleaghan a bh' aca an uair sin, agus 's e an t-athair a chaidh... a dhol... a chur a' chath ris an fhear òg a chunnacas a' tighinn. Agus dh'fhaodadh am fear òg athair a mharbhadh ri chiad chaitheadh de shleagh, nan do thoilich e e fhèin. Ach cha robh e airson athair a mharbhadh. Ach cha robh fhios aig athair cò esan air an t-saoghal, ach gur e gaisgeach a bh' ann, agus dh'amais athair, dh'amais e am fear òg, agus thuit am fear òg. 'S thuirt am fear òg, agus e a' bàsachadh:

"Nach bochd an aithne a rinn thu orm, athair uasail, uaibhrich, ghràdhaich, 's nach tilginn-sa ach an t-sleagh gu fiar... nach tilginn-sa ach an t-sleagh gu... nach tilginn-sa ach gu fiar cam an t-sleagh ann an ceann a h-earraich."

'S e an ceann ceàrr den t-sleagh a bha am fear òg a' caitheadh, eagal 's gum marbhadh e athair.

Uill, nuair a chunnaic am bodach gur e a mhac a bh' ann, thog e leis a mhac agus thug e gu bonn craoibhe e, agus shuidh e fhèin còmhla ris, agus [?gu b' fhaide bha an t-slighe] tighinn a chòir na craoibhe. Agus fhuair iad e... nuair chunnaic iad eunlaith a' laighe air a' chraoibh, thuig iad gun robh gnothaichean sàmhach. Fhuair iad am bodach agus e marbh agus grèim aige air a mhac. Bhàsaich e fon chraoibh còmhla ri mhac. Sin agad mar a chuala mise mun cuairt air Cù Chulainn.

Cù Chulainn. Nach ann san Eilean Sgitheanach a tha an Cuiltheann?

IM: 'S ann. 'S ann.

DM: Cha robh tha na mullach a-riamh?

IM: Ò bha.

DM: An robh?

IM: Bha.

DM: Ò, nach tu bha gleusta. Tha e coltach gur e àite gu math cunnartach a th' ann a dhol ann.

IM: 'S e, cuid dheth. Tha e nas fhasa a shreap ann an cuid a dh'àiteachan na àiteachan eile.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good