Search

Leigheas air gulman.

Date 1973
Track ID 46761
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1973.124.B5

Original Tape ID

SA1973.124

Summary

A cure for a cataract or sore on the eye.

The contributor relates a cure for 'gulman' - a sore on the eye. Grass was cut with early morning dew and placed in a basin with water from a spring. Three girls called Mary cut the grass with scissors and recited an incantation. A variant of this cure is read in English.

Language

English, Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Tha sibh an-dràsta a' dol a dh'innse stòiridh mu dheidhinn... dè seo an t-ainm a bh' agaibh air?

Ceit Dix (CD): Gulman.

IP: Gulman. Agus tha sin a' ciallachadh cataract air an t-sùil?

CD: Cataract. Sheadh.

IP: Agus bha sibh a' ràdh gun cuala sibh stòiridh aig...

CD: Aig bean... banntrach Dhòmhnaill Chaluim Moireasdan. Tha i marbh an-diugh. Bha i a' radha nuair a bha i na h-ighinn òig, gun robh i thall anns na Hearadh, agus gun robh nighean òg eile ann a shin agus gun robh gulman air a sùil, agus gun tuirt i gum feumadh iad èirigh am beul an latha nuair a bha an dealt air an fheur, agus am feur a ghearradh leis an dealt air, agus a chur ann am mias de dh'uisge an t-sru-... chan e an t-sruthain idir ach an tobar. Spring, dè chanadh tu...

IP: Fuaran.

CD: Fuaran, a thoir às agus a chur ann am mias, agus gum feumadh trì... ceithir Màiridhean a bhith ann. Gur e Màiri an tè a bh' air an t-sùil, agus gur e... gum feumadh a ceithir eile a bhith ann, 's gun robh siosar aig a h-uile h-aonan dhiubh, 's gun robh iad timcheall air a' mhias, agus gun robh iad a' radha:

"Ò Rìgh a tha gu h-àrd, seall an-dràsta a-nuas, agus bheir an gulman far sùil Màiri," 's gheàrradh iad bìdeag dhen fheur, "'s mar a tha mise a' gearradh an fheòir, feuch gun toir thusa an gulman far sùil Màiri."

'S bha Màiri eile 's Màiri eile 's na trì Màiridhean ag obair mar sin, mun cuairt fad na h-ùine, gus an do gheàrr iad a h-uile grèim de dh'fheur a bh' ann. 'S bha Màiri air an robh an gulman a' dol dhan leabaidh 's nuair a dhùisg i sa mhadainn cha robh... bha an gulman air falbh. Bha e air falbh.

Catrìona Pheatarsan (CP): Uill, bheil fhios agad a-nis, sin agaibh an aon stòiridh 's a tha seo.

IP: 'S e, dìreach. Faisg air.

CP: Ach chan eil... chan eil an rann idir ann a sheo, ach tha e a' ràitinn gu bheil rann ann, ach chan eil an rann air a chur sìos idir. Ach tha siosar ann, ach chan eil am feur idir ann. "Three women, each being a Mary by name, provide themselves with a silver coin and a pair of scissors. Water, having been brought from a running stream, which has never been known to have dried up. The scissors and coin are put in the water and the eye is bathed with the water, an incantation being at the same time repeated."

IP: Canaibh an rann a-rithist.

CD: Ò Chruthaigheir, chan eil cuimhn' a'm.

IP: Dìreach an rann.

CD: Chan eil fhios a'm dè an rann a bh' ann. Tha sibh air mo cheann a chur a dholaidh. Ò a Rìgh a tha gu h-àrd, seall a-nuas oirnn compàirt, cuidich sinn rè gach tìm, 's bheir an gulman far sùil Màiri. Rudeigin mar sin.

IP: Glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good