Search

Tha am fiosraiche ag innse mar a tha e a' dèanamh teadhair l...

Fieldworkers
Date 18 August 1959
Track ID 47701
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1959.104.A3

Original Tape ID

SA1959.104

Summary

The contributor explains how he makes a tether with a stake for a young calf for outside pasture.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: Nuair a chaidh an laogh a bhreith, chaidh... dh'fheumte fhaighinn a-mach. On a chaidh a bhreith a-staigh, dh'fheumte fhaighinn a-mach cho luath 's a ghabhadh e dèanamh. Agus fhuair sinne pìos ròpa, agus dh'fheumamaid a ghearradh airson teadhair a dhèanamh dha, agus cuideachd dà leth a dhèanamh air an ròpa, agus udalan a chur anns a' mheadhan aice. Bha an t-udalan a bha seo, 's e pìos maide as trice a bhios ann, agus bha e mu cheithir no còig a dh'òirlich a dh'fhad, agus dà tholl a' ruith troimhe. Agus bidh an ròpa air a chur a-staigh anns gach toll, agus snaoidhm air a chur air, airson 's gun ruith an ròpa mun cuairt anns na tuill an sineach, agus cumaidh seo an ròpa gun falbh às a thoinneamh. Mura biodh an t-udalan idir ann, nuair a bhiodh am beothach a' dol mun cuairt leis an teadhair, dh'fhalbhadh an toinneamh às an ròpa agus bhristeadh i. Uill, chaidh seo a chur air an laogh agus cipean air a bhualadh anns an talamh, air a' cheann eile dhith. Agus chaidh an uair sin a thoirt a-mach agus a bhualadh a-muigh anns a' phàirc, agus chaidh fhàgail ann a shin còmhla ri a mhàthair.

Nist, faodaidh duine smaointeachadh gum biodh e furasta gu leòr dhan laogh an cipean a bha sin a thoirt leis às an talamh, ach chan eil, a chionn tha an laogh a' tarraing an ròpa far mullach a' chipein, agus an cipean sìos dìreach dhan talamh, agus chan eil cumhachd mòr sam bith aige air an cipean a thoirt às. Agus a bharrachd air a sin, bithear a' gluasad a' chipein a h-uile latha agus ga chur ann an àite ùr, agus tha seo a' fàgail a' chipein teann anns an talamh daonnan, agus chan eil cead... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good