Track Information
Original Track ID
SA1972.73.B1
Original Tape ID
SA1972.073
Summary
The contributor moved to Uist in 1934 and stayed for 25 years. He lived in Drimsdale before moving to Boisdale.
Item Subject/Person
MacLellan, Angus
Item Location
County - Inverness-shire
Parish - South Uist
Island - South Uist
Village/Place - Drimsdale
Language
Gaelic
Genre
Information
Collection
SoSS
Transcription
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus trobhadaibh, innsibh dhomh fhathast, bha sibhse... dè fhad 's a bha sibh an Uibhist sibh fhèin?
Aonghas MacIllFhialain (AM): Ò bha mi suas ri... chaidh mise ann ann an nineteen thirty-four. Bha mi suas ri còig bliadhna fichead ann, fhios agad.
DE: Agus 's ann am Baghasdal a bha sibh a' fuireach?
AM: Uill, bha mi an Dreumasdal an toiseach. [?Bha mi bliadhna ann.]
DE: Ò, an Dreumasdal an toiseach.
AM: Fhuair mi an uair sin an t-àite ud. Bha taigh 's ò, croit mhòr bhrèagha, a Dhia Mhòir. Bha deich acraichean fichead anns a' chroit. Uill a-nise, ceart gu leòr bha mise trang ag obair air na clèibh. Bha sinn ag obair air an taobh an iar, tha fhios agad. Ach cha robh mi a' cumail mòran bheothaichean ann, ach bha mi a' cur uabhas de bhuntàta tràth, fhios agad. Agus neo-ar-thaing nach robh e furasta a chreic. Bha talamh uabhasach uile math ann. Uill a-nise, dh'fhàs mise... och, bha mi meadhanach 's chreic mi an t-àite, 's thill mi a-nall an seo.