Search

Sgeulachd a tha a' mìneachadh nan diofar fhaclan a bh' aca a...

Date 1969
Track ID 48857
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.174.B1

Original Tape ID

SA1969.174

Summary

A story highlighting the different Gaelic words used in Perthshire and Lochaber for 'axle' and 'oil'.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmonivaig

Village/Place - Roybridge

Item Location

County - Perthshire

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Nise, seo seanchas mu dheidhinn Gàidhlig Siorrachd Pheairt?

Teàrlach Camshron (TC): Gàidhlig Siorrachd Pheairt.

IM: Dè bh' ann?

TC: Bha an tuathanach an Siorrachd Pheairt, thuirt e ris an sgalag - bha e a' dol a ghlanadh sìol coirce - agus thuirt e ris an sgalag:

"Thoir a-mach," thuirt e, "a' chearchaill mhòr," thuirt e.

A' chearchaill. B' e sin am muileann-glanaidh.

"Agus cuir ùillidh ris an rot aice."

An rot.

IM: 'S dè bha san rot?

TC: An rot, b' e sin an aiseal. Agus ùillidh.

IM: Ola a bhiodh i sin, an e?

TC: 'S e.

IM: Dìreach. Agus 's e ola a chanas sibhse, an e?

TC: Ò 's e, ola. Ach an rot. Chan eil mi ag ràdh nach e deagh Ghàidhlig a th' anns an rot.

IM: Feumaidh gur e...

TC: Ach their sinne an Loch Abar, their sinn aiseal.

IM: 'S e, aiseal a chanas sinne cuideachd. Aiseal na cartach.

TC: Chan eil mi a' smaoineachadh... chan eil rot ceart.

IM: Uill, a bheil fhios agaibh, 's e facal anns an Laidinn a th' ann an aiseal. Agus 's ann bhuaithe a thàinig am facal axle ann am Beurla cuideachd. Thàinig e dhan a' Ghàidhlig mun tàinig e dhan a' Bheurla.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good