Search

Naidheachd mu thàillear agus balach a bha ag obair dha.

Date 02 May 1977
Track ID 49625
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.94.A1

Original Tape ID

SA1977.094

Summary

A story about a tailor and his apprentice.

A story about how a Mull tailor tried to play a trick on his apprentice and how the apprentice got the better of him. The contributor got the story from his father, who heard it in Ballachulish.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Angus Henderson (AH): Bha an tàillear a bha seo ann am Muile, fear de na feadhainn a bhiodh a' siubhal bho thaigh gu taigh, fhios a'd, a' dèanadh nan deiseachan. Bhiodh an t-aodach aig na daoine fhèin. Agus bhiodh e daonnan a' toirt leis balach a sheasadh an iar air 's bhiodh e a' dèanadh, fhios a'd, 's e... dol a dh'ionnsachadh a' cheàird cuideachd. Agus bha an tàillear a bha seo, bha e uabhasach gu dèanadh chleas air na balaich a bhiodh leis, 's och, chan fhaigheadh e balaich a dh'fhuireachd leis idir. Ach bha am fear a bha seo, bha e na b' fheàrr na càch. Bha oidhche 's bha iad... uill, bhiodh an tàillear ag obair gus am biodh dìreach àm laighe ann. Bha an oidhche a bha seo, bha iad a' faighinn suipear de... fhuair an tàillear bobhla mòr de dh'uachdar 's buntàta aca, agus thuirt an tàillear ri bean an taighe:

"Na toir dhàsan mòran. Tha e a' fliuchadh na leapa."

'S cha robh am balach a' dèanadh a leithid de rud, ach co-dhiù, cha d' fhuair am balach ach deur beag de bhainne skimmed ann an cupa. Ach cha robh seo a' còrdadh ris a' bhalach, agus thog e buntàta beag suas na làimh agus ghabh e air gun robh e a' dol a shèideadh a shròn agus siud, thug am buntàta beag plup a-staigh don bhobhla uachdar.

"Chan eil mise a' dol a ghabhail sin. Mo [?raisg] ort, carson a rinn thu sin?"

"Bheir dhòmhsa e ma-tà. Gabhaidh mise e."

"Ò, gabh thusa e, am fear agamsa."

An tàillear ris fhèin:

"Tha mi air mo mhilleadh an siud co-dhiù," thuirt e.

Ach co-dhiù... uill, an ath oidhche, an tàillear trang na shuidhe air a' bhòrd 's e a' tàillearachd air falbh, 's dh'fhalbh am balach a-mach air a' bhlàr a-muigh, agus cha robh e a' tilleadh, agus dh'fhalbh aon de ghillean an taighe. Chaidh iad a-mach 's thuirt e ris a' bhalach:

"A bheil dad ceàrr?"

"Ò chan eil," thuirt esan, "ach tha mi dìreach a' sealltainn air a' ghealaich. A' ghealach làn. Uill, bidh uaireigin a-nochd, bidh a' ghealach ann, uill bidh an tàillear daonnan, tha e a' dol gòrach ris a' ghealaich. Fear dhiubh sin a th' ann, dar a tha a' ghealach na h-àirde, tha esan a' dol cho..."

"Ò Dhia, nach math gun d' innis thu dhuinn. 'S ciamar a bhios fhios againn a-nis?"

"Uill, innsidh mise dhut. Dar a thòisicheas esan air bualadh a' bhùird le aon dòrn, sin an dòrn eile a' toirt sgailcean air a' bhòrd, faodaidh sibh dìreach... leumaibh air a' mhuin 's [?breithibh] air."

Dar a chaidh am balach a-staigh còmhla ris a' ghille, chuir e a làmh a-staigh fon aodach 's thug e an siosar no an deamhas agus chuir e air an ùrlar e, fon bhòrd, agus bha an tàillear ag iarraidh an siosar 's bhuail e am bòrd. Siud an dòigh aig an tàillear a-nis air faotainn a-mach far a bheil an siosar; dar a bhuaileas esan e, cluinnidh esan an siosar a' gliongartaich no bith dè theireadh tu ris, agus chuir an tàillear a' chiad uair 's an dàrna h-uair, 's ò, bha e sin gam bualadh an siud 's leum na gillean 's an duine fhèin, fear an taighe fhèin, 's rug iad air an t-...

"Dè seo? Dè seo?"

"Ò tha fhios agad [?gasta a-nis]."

Cheangail iad a-suas e 's chuir iad dhan leabaidh e. Dh'fhàg iad ceangailte le ròpan ann an sin e, fad na h-oidhche. Ach cha robh esan fad an sin dar a thuig e math gu leòr gur e am balach, gur e a rinn e, 's thuirt e:

"'S e balach math a tha seo," thuirt e.

Shin agad e.

Iain Peatarsan (IP): Agus cà 'n cuala sibh an sgeulachd?

AH: Chuala aig m' athair.

IP: Aig ur n-athair?

AH: 'S e.

IP: Agus chan eil fhios agaibh cà 'n cluinneadh esan i, no an robh i...?

AH: Cha chreid mi nach ann am Baile a' Chaolais a chualaig e mòran de na sgeulachdan siud.

IP: Ò 's ann, bha sibh a' ràdh sin reimhid. Agus a-nise, am bainne a bha sibh a' ràdh, a thug iad dhan a' bhalach, bainne... dè seo?

AH: Skimmed, thuirt mise. Chan eil fhios a'm dè... uill, leis an uachdar dheth co-dhiù.

IP: Seadh, dìreach. An canadh sibh bainne togalach ris a sin?

AH: Togalach, sin agad e. Bha còir agam air a ghràdhainn. Sin agad e. Bha còir agam air a ghràdhainn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good