Search

An croitear a bhàth a bhean.

Date June 1960
Track ID 49664
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.129.B1

Original Tape ID

SA1960.129

Summary

A crofter's wife refused to call him by his proper name. He finally became so angry that he drowned her in the river.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1365C

Transcription

Aonghas MacIllFhialain: Am fear a bha seo, bha e pòsta, croitear, 's bha... 's e Cùl Sliong am far-ainm a bhiodh aca air. Cha chanadh a bhean guth ris ach Cùl Sliong. Bhiodh e daonnan ag ràdh rithe i ghabhail ainm fhèin airsan, 's i sgur dheth sin.

Ò sin mar bu mhiosa i. Cha chanadh ise ach Cùl Sliong ris.

Ach dh'fhalbh e an latha a bh' ann a sheothach agus rug e oirre, agus bha abhainn mhòr goirid dhan taigh, agus dh'fhalbh e leatha chun na h-aibhne agus thòisich e air a cur fodha anns an abhainn. A h-uile turas a leigeadh e am bàrr i chanadh ise, 'Cùl Sliong'.

Mu dheireadh thall dh'fhalbh e 's leig e air falbh leis an abhainn i. Bha ise a' falbh leis an abhainn, 's bha i air thuar a bhith bàthte, 's fhuair i seo ann grèim air meangan craoibhe ann am bruaich na h-aibhne. Chroch i i fhèin ris a' mheangan. Thuirt e ris fhèin gun robh e a' smaointinn gun robh gu leòr aice. Dh'fhalbh e sìos gus a toir air tìr.

Nuair a ràinig e bha ise 's i air fàs cho lag, 's grèim aice air a' mheangan, 's cha chanadh i ach, 'Sliong, Sliong'. Cha b' urrainn dhi 'Cùl Sliong' a ràdh.

"Ah uill, mura leig mi gach rud leat," ars esan, "leigidh mi sin leat."

'S dh'fhalbh e 's thug e sgian às a phòca 's gheàrr e am meangan 's leig e air falbh leis an tuil i, 's chaidh a bàthadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good