Search

Fiosrachadh mu dheidhinn taigh-dubh.

Date 18 May 1977
Track ID 49783
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.94.B7

Original Tape ID

SA1977.094

Summary

Information about a blackhouse.

The contributor describes a fire in the middle of the floor that he saw in a blackhouse. Information about the house and furniture.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Angus Henderson (AH): Aon taigh a bheil cuimhn' agamsa, an teine am meadhan an ùrlair, an teine... bha cuairteag de chlachan dubh, mar ri clachan cabhsair, 's bha e beagan nas àirde na an t-ùrlar sin. 'S e ùrlar crèadha a bh' ann. Slabhraidh a-nuas o mullach an taighe, le poit air, 's bha cromag an t-slabhraidh ann an siud, 's dh'fhaodadh iad a chur a-suas no a chur a-sìos mar a bha e a' freagairt.

Iain Peatarsan (IP): Dh'fhaodadh, dìreach. Mar a bhiodh e a' freagairt. Agus a-nise, an taigh fhèin, 's e taigh-dubh a bhiodh ann?

AH: Taigh-dubh. Taigh-tugha, am mullach.

IP: Agus na ballaichean, bhiodh iad tiugh?

AH: Ò bha, bha, bha.

IP: Am balla a-muigh, bhiodh e...

AH: Bha.

IP: Agus am biodh ùir aca eadar an dà... mar a chanadh iad, glut-lìonadh, nach e a chanadh iad ris? Bheil fhios agaibh, far an robh am balla air a thogail, bha dà chlachaireachd...

AH: Cha robh. Cha robh againne.

IP: Ò nach robh?

AH: Cha robh. Ann an Tiridhe, ann an seann taighean 's ann mar sin a bha iad air fad. Bha balla a-mach 's balla a-staigh, agus bha e air a lìonadh le gainmheach aca.

IP: Bha. Sin agaibh e, rud ris an...

AH: Ò cha robh againne idir. Cha robh. Ò, clachaireachd air leth math air a h-uile gin de na seann... na seann taighean a chunna mi, 's tha feadhainn dhiubh suas fhathast.

IP: Agus an ann a-nise mar seo a bha na clachan air an cur, mar a chanas sibh, air a' flat? No an ann...

AH: Ò 's ann.

IP: No an ann... an robh iad an-àirde air an oir?

AH: Ò cha chreid mi nach ann air a' flat. 'S ann, 's ann. Cha chreid mi nach ann. Bha iad air an dèanadh gu math co-dhiù.

IP: Bha. Agus a-nise, an ann... an ann am meadhan an taighe, eadar an dà cheann, a bha an doras a-muigh?

AH: 'S ann am meadhan agus bhiodh daonnan, air taobh do làmh dheas dar a rachadh tu a-staigh, sin agad far an robh, mar a theireadh iad, an cidsin. Sin agad far an robh an teine. 'S bha toll a-suas mar a... agus 's e an ceann shìos a theireadh iad ri sin.

IP: 'S e, an ceann shìos. 'S e.

AH: Agus doras na cadha a theireadh iad ris, mar gum biodh ron doras... an doras a-muigh. Agus doras na cadha a' dol a-staigh don chidsin agus a-staigh don cheann shìos. Doras na cadha. Agus chuala mi m' athair a' gràdhainn gur e... uill, gun robh esan a' smaoineachadh gur e seo a bha e a' ciallachadh - mar gum biodh an cadha no an uamh. [???] dùil aige gur ann bho sin a thàinig doras na cadha. The cave's door. Gur ann bhuaithe sin a thàinig doras na cadha. Agus a' challaith, 's e a theireadh iad ris a' partition.

IP: Ò seadh. Dè... canaibh a-rithist e.

AH: Calla.

IP: Ò seadh, seadh. Calla, an e? No tallan, an e?

AH: Chan e - callaith.

IP: Seadh, seadh. Dìreach. Agus...

AH: Am partition. Am balla-meadhan mar gum biodh.

IP: Seadh, dìreach. Agus a-nise, an robh am balla-meadhan sin, an robh e a' dol... cha bhiodh e a' dol ach gu àirde na tobhta.

AH: Bha e a' dol gu mullach an taighe. Suas gu na cabair. Bha, bha.

IP: Bha, dìreach. Bha. Agus a-nise, dè an acfhainn a bhiodh aca anns an taigh ma-thà?

AH: Uill bhiodh an sèis ann daonnan. Gheibheadh ceithir no còig suidhe.

IP: Suidhe oirre. Gheibheadh dìreach.

AH: Bhiodh na cathraichean matha aca cuideachd, agus mòran dhiubh 's e dìreach na saoir ann an siud fhèin a bha gan dèanadh dhaibh.

IP: 'S iad, dìreach. Agus cathraichean no sèithrichean, 's ann air an dèanamh...

AH: 'S ann, leis an t-saor.

IP: 'S ann, dìreach. Agus an robh gin dhiubh anns am biodh sìoman air a chur...

AH: Chan fhaca mise sin riamh, ach... chan fhacaidh an Tobar Mhoire ach dìreach bòrd a bh' anns an...

IP: 'S e dìreach. Ach an cùl...

AH: Ò, an cùl na... slatan, am pìos air a' chùl.

IP: 'S e dìreach. Agus bhiodh a-nise cisteachan aca cuideachd, tha mi a' creidsinn?

AH: Ò bha, bha. Bha a' chiste, bha i sa... chan eil fhios a'm carson ach bha i anns a h-uile taigh riamh. Ciste 's e air a ghlasadh.

IP: Bha, reigheadh i... bhiodh i ga glasadh, dìreach. Agus a-nise, am bòrd aig am biodh iad a' gabhail am bìdh, an ann an ceann shìos an taighe a bhiodh e?

AH: Am bitheantas, 's ann. Mura biodh...

IP: Air beulaibh nan leapannan?

AH: 'S e. Shin agad e. Agus... ach am bitheantas, an àm braiceas, a' chiad tràth sa mhadainn, 's ann sa chidsin a bhiodh sin, a chionn cha bhiodh a h-uile duine còmhla ann.

IP: Cha bhitheadh, dìreach.

AH: Bhiodh feadhainn a' falbh tràth, 's feadhainn eile...

IP: Bhitheadh. Sin agaibh e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good