Search

Fiosrachadh mun ainm Tuimisgearraidh.

Date 26 November 1981
Track ID 50500
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1981.079

Original Tape ID

SA1981.079

Summary

Information about the place name Timsgarry.

The contributor tells that the name Timsgarry comes from 'Tom an Sgoraidh'. The people of Lewis went there to pay their 'sgoradh', or taxes. The place was originally known as Cìseabhal. Information about the word 'sgoradh'.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Village/Place - Timsgarry

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Fionnlagh MacIllEathain (FM): Agus ri taobh an àite sin, 's e Tuimisgearraidh a th' air an-diugh. Timsgarry. Agus 's e Tom... 's e Gàidhlig a th' againn ceart air a sin, Tom an Sgoraidh, far an robhas a' pàigheadh... chuala sinn uile mu dheidhinn a' bhàrr-sgoraidh a bhiodh aca, agus sumanadh. Agus 's ann an siud a bhiodh muinntir Leòdhais gu lèir a' pàigheadh an sgoradh, na tagsaichean aca, no am màl. Agus an t-ainm a bh' air a' bhaile sin ron a sin, 's e Cìseabhal, agus 's e an aon ainm... 's e an aon ainm a th' ann an Cìseabhal agus a th' ann an Tom an Sgoraidh.

Iain Peatarsan (IP): 'S e, dìreach. 'S e an aonan àite a th' ann, 's e.

FM: 'S e an aon àite a th' ann. 'S e an aon ainm a th' ann. Ach gun robh iad ga thoirt beagan air falbh bho na Lochlannaich.

IP: Ach a-nise, a bheil am facal sgoradh agaibhse airson pàigheadh màil?

FM: Bha rim òige 's bha e ann... bha iad a' pàigheadh... bhathar a' pàigheadh na... bàrr-sgoraidh a bh' aca air, 's bha thu... nuair a bha croit agad, sreath, agus dè am màl a bha thu a' pàigheadh, chan eil fhios a'm an e còig [?chuirich] dheug gun an not a bh' ann, no rudeiginich den t-seòrsa sin, ach 's ann mar sin a bha e a' dol.

IP: Ach chanadh tu: "An do phàigh thu sgoradh?" An e? An cleachdadh tu anns an dòigh ud e?

FM: 'S e bàrr-sgoraidh a bhiodh againne air. Ach bhiodh am bàrr-sgoraidh aca an-còmhnaidh, ach tha mi a' smaoineachadh gur e am bàrr-sgoraidh, gun robh e ri ciallachadh limit, gur e a bha...

IP: Ò seadh, seadh. Sin agaibh e. Dìreach an rud a bu mhotha air an do chuireadh...

FM: Ma bha e na bu mhotha na [???] gun robh thu a' pàigheadh air.

IP: Seadh, dìreach. Ò glè mhath. Tha seo dìreach... Agus tha beachd agad am facal seo a chluinntinn nad òige am measg na...

FM: Chuala tric.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good