Search

Chuir Iain Casan Ùr air Dhomh

Contributors
Date September 1969
Track ID 50634
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.87.B7

Original Tape ID

SA1969.087

Summary

Humorous verses composed by the contributor for the new supports the interviewer has put under the microphone of his recorder. He did not have these the previous year.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Chuir Iain casan ùr air dhomh
Dhen darach làidir dhùbailte
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Thog e am bogsa th' air mo bheulaibh
Feuch an lìonainn e le breugan
Cha robh sin cho doirbh a dhèanamh
Bha Catrìona dlùth orm.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Dh'èirich Beasag 's i cho dòigheil
'S chuir i biadh is deoch an òrdan
'S nuair a dh'òl mi fhìn mo leòr dheth
Cha robh an còrr a lùths annam.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Nuair a chluinneas iad 'n Dùn Èideann
Mar a bhios Wally falbh air chèilidh
'G òl an fhìon air a co-chreutair
Bidh iad fhèin an diombadh rium.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Cha ruig mi leas an còrr a ràdha
On tha fhios agam mar-thà air
Gum bi mac-na-braiche làmh rium
A h-uile ceàrn a shiùbhlas mi.
Chuir Iain casan ùr air dhomh
Dhen ghiuthas làidir dhùbailte
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good