Search

Òran an t-Sìthiche

Date 31 May 1967
Track ID 51402
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1967.043.1

Original Tape ID

SA1967.043

Summary

In a dream a fairy woman appears to the bard. She is exceptionally beautiful but very practical in that she intends to help him with his croft work. She gifts him a magic stick/staff, of Eastern origin, to help him when she can not be present, and exhorts him to compose a song for the Mòd relating all that she has told him, including an alternative story about local hero Iain Garbh mac Ghille Chaluim's drowning.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Portree

Island - Skye

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Portree

Island - Skye

Village/Place - Camustianavaig

Language

English, Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Calum Nicolson (CN): Now Torquil, as I have the pleasure of calling you, what song would you like me to sing to you?

Thorkild Knudsen (TK): I would like to hear Òran an t-Sìthiche.

CN: Òran an t-Sìthiche. Well I have... you like it sung for you. Well I'll do the best I can for you.

Air oidhche dhòmhsa 's mi nam chadal
'N Taigh a' Chreagain nuair a chuala mi
Bualadh fann air an uinneig
Dh'fhàg e mo chridhe luaineach
Rinn mi èirigh na mo shuidhe
Leig mi m' uilinn air a' chluasaig
Nuair chunna mi leannan-sìthe
'S còmhdach sìod' oirre ma guaillean.

Dh'èigh i, "Bheil thu sin a Chaluim
Dùisg a charaid às do bhruadar
'S tric thusa a' dèanamh òran
'S dhòmhsa gun dèan thu duanag
Cuiridh tu dh'ionnsaigh a' Mhòd e
'S coisnidh e 'm bonn òir mar dhuais dhut
Mise Deirdre à Dùn Cana
'S ann on talamh tha mo shuaimhneas."

Bheachdnaich mi oirre 's mi prabach
Air an ainnir bu ghlan snuadhaidh
Sùilean gorm aic' mar an dearcaig
Fo caol-mhala 's i gun ghruaim oirr'
Gruaidhean mar na ròs a' lasadh
Slios mar chanach nan cluantan
Deud cho geal ri cailc bu bhòidhche
Falt air dhath an òir ma guaillean.

Bha guth cho binn ri smeòrach earraich
Air an talamh seo cha chualas
Leamsa riamh a thogadh m' aigne
'S gun do dh'èirich m' fhalt le uabhas
Thuirt i rium, "A rùin 's a thasgaidh
Cha bhi mise fada bhuatsa
Cruachaidh mi dhut a' mhòine
'S cha bhi gainne lòin no guail ort."

Bheir mi nall gad ionnsaigh bata
Ghlèidheas tu 's gach cath is buaireadh
A bha riamh ac' aig na batail
[dranndanach]
Feuch gun cùm thu 'm bata sàbhailt'
Bheir e às gach càs is cruas thu
Bha e ann an cùirtean Phàra
'S fhuaradh tràighte sa Mhuir Ruaidh e.

Tha bratach shìoda linn 'n Dùn Bheagain
'S bha i ann fad mhìle bliadhna
Gun toir mis' o Chlann 'icLeòid i
'S thig i Thròndairnis gar dìon ann
Buinidh tusa dha na Leòdaich
Caisteal Bhròchaill às na thriall sibh
'S chaoidh na sgaoil a' bhratach shròl seo
Cùm i ann an seòmar tearaint'.

'N do dh'inns iad riamh dhut mu Mhol Stafainn
'S mar tha 'n cladach ud 's gaoth tuath air
Obair bhana-bhuidsichean Shàtain
Dh'fhàg an t-àit' ud na chùis uabhais
Fad air falbh gun cluinnte 'n gàir' air
Caoidh an àrmainn 's an duin' uasail
Iain Garbh mac Gille Chaluim
'S dùil gun d' chailleadh anns a' chuan e.

"Seo," ars ise, "a Chaluim, mar a bha rud
Mise shàbhail às a' chuan e
'S a ghiùlain e gu talamh tràighte
'S e beò is slàn is uallach
Bidh e tric a' dol a Feàrnaibh
Chì iad ann an Glàm e uairean
'S bheir mi oidhche nall a Bhràigh e
Feuch gun cuir thu fàilt', a luaidh, air."

Tha fear de phìobairean MhicCruimein
Còmhla rinne 's gum b' e seud e
Thàinig e à Uamh an Òir oirnn
Chumail ceòl rinn mar a dh'iarr sinn
'S faodaidh tusa tighinn, a bhròinein
'S bidh tu beò an seo gu sìorraidh
Far nach cluinn thu caoidh no bròn ann
H-uile sòlas gu do mhiann ann.

Thàinig mi thar an aiseig
Ged bha 'n oidhche greannach fuar leam
'S tha mo chàirdean aig Dùn Cana
Feitheamh ri aran bhuatsa
Cuimhnich nis gun dèan thu 'n t-òran
'S fhreagair mi gu deònach luath i
Nì mi airson a' Mhòd e
'S shiubhail an òg-bhean uaine.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good