Search

Sheall Deòrsa Bochanan a thòn dhan rìgh.

Date 22 November 1953
Track ID 51627
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.255.B5

Original Tape ID

SA1953.255

Summary

George Buchanan showed the king his backside.

After George Buchanan had been impudent to the king, the king told him he did not want to see his face again. The next time he saw the king he lifted his kilt and showed him his backside instead.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmallie

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha Deòrsa... Deòrsa Bochanan a' gabhail ceum dha fhèin, sràid air adhart an rathad, 's chaidh e dlùth air àite an rìgh. 'S chunnaic e an rìgh a' falbh anns an lios. Agus chunnaic an rìgh flùr bòidheach an sin, agus airson gum biodh beachd aige air an fhlùr, thug e dheth an t-aodach... an èididh-chinn aige agus chuir e air an fhlùr e, agus chaidh e a dh'iarraidh na ban-righinn a shealltainn an fhlùir laghach a bha siud. 'S dar a fhuair Dùghall air falbh e... Deòrsa air falbh e, agus fèileadh beag air, ruith e a-nunn agus rinn e sgàinteach an sin agus chuir e a' bhonaid air mullach... mullach sin, agus dh'fhalbh e.

Thàinig an rìgh 's thug e leis a' bhan-righinn agus dar a thàinig... dar a thog e seo 's e sgàinteach Dheòrsa a bh' aige. 'S ghabh e àgh uabhasach, an dòigh a chaidh... am mì-mhodh a chaidh a dhèanadh air.

"Agus bidh mise suas riut fhathast," thuirt e.

Chunnaic e an latha no dhà an sin Deòrsa agus mhaoidh e air gu h-olc, nam biodh e a' tighinn dlùth don àite aige, nan dèanadh e a leithid siud de chleasan air, gun èireadh gu h-olc dha.

"Agus na seall d' aodann an rathad seo tuillidh, air neo bidh do chall dèante."

Bha Dùghall a' gabhail a thuras... Deòrsa a' gabhail a thuras co-dhiù an rathad agus chunnaic e an rìgh a' tighinn 's chaidh e a-staigh do bhothan beag a bha sin agus fèileadh air, agus chuir e an tòn aige a-mach tron uinneig. Stad an rìgh 's e a' gabhail iongantas cò an duine a bha a' toirt da mì-mhodh, agus 's e Deòrsa a bh' aige. 'S thug e dha faclan a bha uabhasach. Thuirt e... agus... thuirt e:

"Cha chuala mi... cha d' fhuair mi leithid de mhì-mhodh a-riamh, agus chan eil mi a' dol ga ghabhail bho dhuine sam bith," thuirt an rìgh.

"Ma-tà," thuirt e, "dè b' urrainn domh a dhèanadh? Bha mise air turas an seo," thuirt e, "agus bha mo thuras ann an dòigh agus gum feumainn tighinn, 's bha fhios agam air na briathran a thuirt sibh rium, agus bhon a thuirt sibh rium nach fhaodainn m' aodann a shealltainn," thuirt e, "smaoinich mi gun seallainn mo thòn feuch dè tha sibh a' saoiltinn dith."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good