Search

Creuthachan.

Date November 1969
Track ID 51697
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.176.B1

Original Tape ID

SA1969.176

Summary

Ox-blood pudding.

An explanation of how ox-blood pudding was made. Cold water was mixed with the blood, some porridge was added, and it was then placed on the fire until it congealed. At this point it was ready to serve.

This dish was made fairly often and sometimes onions were added to it. The contributor gave this recipe to Dr MacArthur, who used to visit Lochaber to collect oral traditions. They used to eat the pudding with tea, bread and mashed potatoes.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Kilmonivaig

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): Tha cuimhn' a'm aon rud... aon rud a bhiodh sibh a' bruidhinn air a bha mi ag iarraidh fhaighinn bhuaibh, nuair a bhiodh iad a' toirt fuil bhon a' chrodh, mar a bhiodh iad ga dheasachadh, nach e creuthachan a chanas sibh ris?

Eilidh NicDhòmhnaill (EN): 'S e, creuthachan, creuthachan. 'S e, 's e, creuthachan.

IM: Nise, ciamar a bha iad ga dhèanamh?

EN: Bha iad... uill bha e a' tighinn on [?seo], 's bha e glè mhath. Bha... a' cur boinnean de dh'uisge fuar anns an fhuil, agus bha... ga cumail mun cuairt, agus lite ga cur... bha am pan... a' phoit ri taobh an teine, gus am... gus am biodh i teth, agus ga chumail mun cuairt le... leis a' mhaide - maide na lite mar a theireadh iad - gus am fàsadh e tiugh. Agus bha e sin dìreach ga thogail agus ga chur air na truinnsearan agus ga itheadh. Agus uairean, tha... a' cur uinnean air.

IM: Uinnean?

EN: Uinnean. Agus bha e glè mhath.

IM: Agus an do dh'ith sibh fhèin e?

EN: Rinn mi e 's dh'ith mi e, cho tric 's a tha coirce [?ga chur]. Rinn, rinn, rinn. Agus cò bha an seo, chan eil e an làthair an-diugh, mo thruaighe, ach fear Dotair MacArtair, agus bha e na dhotair treis anns a' Ghearasdan. Agus dh'fhàg e an Gearasdan agus bha e san Òban. Agus nuair a bhrist an cogadh, a' Chiad Chogadh Mhòr, bha e na dhotair san arm. Agus bha a h-uile rud sin seachad 's thàinig e dhachaigh, agus bha e... rinn e a dhachaigh ann an Dùn Èideann, aig sixteen Nelson Street.

Agus fhuair e forfhais air Iain, agus bhiodh e gu math bitheanta, chan eil fhios cò meud... ceithir no còig a thriopan sa bhliadhna, bha e a' tighinn don Ghearasdan, agus a h-uile feasgar bha e a' tighinn an seo airson seann naidheachdan Loch Abar fhaotainn, agus seann òrain, agus an fheadhainn a bha e fhèin a' dèanadh. Bha, agus thàinig e feasgar a bha seo, agus bha e uamhraidh le togail Gàidhlig, agus thuirt e riumsa an robh fhios agam gu dè bh' ann an creuthachan.

"Glè mhath sin," thuirt mi fhìn, "agus tric a rinn mi e."

Choimhead e orm.

"An robh thusa ri creuthachan?"

"Bha."

"Ciamar a bha thu ris?"

'S dh'innis mi dha. Dìreach a' cur dileag a dh'uisge fuar ann am measg na fuil, agus ga cumail mun cuairt air teine agus an sin ga taomadh anns a' phoit, agus ga cumail mun cuairt agus gun... gun a dhèanadh bras, dìreach socrach, nach dàthadh e no rud sam bith, agus thuirt mi ris uairean gun rachadh uinneanan ann, agus bha e sin, thuirt mi fhìn, dar a bhiodh e tiugh ceart bha e... thuirt mi fhìn gun robh e cho tiugh ri buntàta pronn, agus bha iad a' gabhail sin le tì. Agus bha e math.

IM: A' dèanamh annlann dheth?

EN: Bha, agus ga chur air aran cuideachd. Ga ghabhail le tì 's ga ghabhail le buntàta.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good