Search

Fàilte air a' Bhaile

Date
Track ID 52691
Part 1

Track Information

Original Tape ID

FailteAirABhaile 24.04.1985

Summary

Praise for one part of the Paible area in North Uist.

Ena MacDonald describes what she sees from the window of her house in the Paible area of North Uist. She names the hills and villages that she sees. Ena describes the land that they have locally for crofting and he discusses how they use fertilizer in the form of seaweed from the shore.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Paible

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Paible

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Ena NicDhòmhnaill: Tha mi an taigh mo mhàthar ann a sheo, a' coimhead a-mach air an uinneag, 's coimheadaidh tu a-mach gu Maireabhal, 's tha beagan chraobhan a' fàs ann a shin. Ach eadar Maireabhal 's an taigh tha a' mhuir ann, 's nuair a thèid an làn a-mach tha gainmheach bhrèagha ann, far am faigh thu na srùbain.

A' coimhead an uair sin air... chun an taobh thall, a' coimhead air deas, chì thu Beinn Mhòr a' Chinn a Deas, agus chì thu a' mhuir a-rithist, agus an t-eilean, Circebost.

Ach a-mach o cùl an taighe againn fhèin, chì thu sealladh nas brèagha, a-mach Beul a' Chaolais, 's chì thu Creag Hàstainn far am bi na sìthichean. Nuair a bha sinn fhèin beag, bha sinn cinnteach gun robh iad ann.

Tha croitean matha anns a' chaolas. Talamh math ann, agus tha e còmhnard 's furasta a ghiullachd. Tha e rudeigin tioram gun teagamh, ach gheibh sinn seachad air a sin uaireannan.

Tha feamainn air an starsaich againn, 's carson a tha sinn a' dol a cheannach todhar Gallta agus sin ann? O chionn fada bhiodh iad a' roinn an tràigh a tha seo, far am faigheadh iad feamainn, ach a-nist cha bhi duine ag obair ann ach mo mhac fhèin, 's tha esan a' cur suas tòrr feamainn. Ach nuair a bhios samhradh tioram ann, cha leig e sìos sinn ann. Gheibh sinn bàrr nuair nach fhaigh daoine eile bàrr.

Ach saoilidh mi fhèin gur e seo an t-àite as snoige a th' air an t-saoghal, agus nuair a dh'obraich daoine cho cruaidh o chionn fada, tha còir againn a bhith ga... bu chòir dhuinn dìreach a thuigsinn far a bheil sinn, nach b' urrainn dhuinn àite na b' fheàrr fhaicinn no fuireach ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good