Search

A' dol dhan sgoil ann am Miughalaigh.

Contributors
Date June 1960
Track ID 52994
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.100.A10

Original Tape ID

SA1960.100

Summary

Attending school in Mingulay.

The contributor attended school in Mingulay from the age of seven or eight. It wasn't compulsory. They attended school from 10 a.m. until 2 p.m. They left at the age of fourteen. She didn't learn very much other than reading and writing. Few people had books.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Vatersay

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Mingulay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Elizabeth Sinclair (ES): An robh sibh san sgoil am Miughalaigh, a bhean Mhìcheil Eachainn?

Màiri Chaimbeul (MC): Ò bha, eudail, nuair a bha mise innte 's ann am Miughalaigh a bha mi.

ES: An ann? Cia mheud bliadhna... cuin a chaidh sibh innte? Nuair a bha sibh... dè bha sibh?

MC: Seachd no h-ochd a bhliadhnachan.

ES: Seachd no h-ochd.

MC: Seadh.

ES: 'S an robh agaibh ri fuireach innte?

MC: Nan togradh tu fhèin.

ES: Agus an e sgoilear Beurla a bhiodh agaibh? No sgoilear... an robh Gàidhlig aige?

MC: Chan e. Sgoilear Gàidhlig

ES: An Sgoilear Bàn, an e?

MC: Bha mi air a' chiad bhliadhna aig an Sgoilear Ghlas. Bha mi an còrr aig an Sgoilear Bhàn.

ES: Aidh, seadh. Agus dè an ùine a bhiodh sibh san sgoil?

MC: O dheich uairean gu ceithir uairean feasgar... gu dà uair feasgar.

ES: O dheich gu dhà?

MC: O dheich gu dhà, an toiseach.

ES: 'S cuin a bhiodh sibh a' fàgail? Nuair a bhiodh sibh... dè an aois a bhiodh sibh?

MC: Ceithir-deug.

ES: Ceithir-deug. Agus am biodh sibh ag ionnsachadh gu leòr?

MC: Cha robh sgath. Cha mhòr nach tàinig mise aiste cho dona 's a chaidh mi innte.

ES: An robh leabhraichean gu leòr agaibh?

MC: Cha robh. [?Cha bhiodh ann] ach an aon leabhraichean a bh' againn o cha mhòr on a chaidh sinn innte gu 'n tàinig sinn aiste

ES: Tha mi cinnteach. Uill dh'ionnsaich sibh sgrìobhadh co-dhiù, 's leughadh.

MC: Dh'ionnsaich.

ES: Sgrìobhadh 's leughadh. Ach cha bhiodh sibh a' leughadh a-staigh ann, tha mi cinnteach. An robh leabhraichean san taigh agaibh?

MC: Cha robh.

ES: An robh... an robh leabhar ùrnaigh? Dh'fhaodte gun robh sin agaibh?

MC: Cha robh.

ES: Cha robh aon leabhar a-staigh?

MC: Cha robh.

ES: 'S dè mar a bha na taighean eile? An robh leabhar sam bith annta?

MC: Fhios agad an fheadhainn a bha am pàrantan acasan a bha a' sgrìobhadh iad fhèin, bheil fhios agad, [???] bhiodh leabhraichean anns an taigh sin, ach far an robh mise cha robh duine ann ach seann daoine 's cha robh leabhar no rud eile ann.

ES: Ach tha mi cinnteach gun robh gu leòr de thaighean nach robh gin de leabhraichean ann.

MC: Bha, bha. Bha gu leòr

ES: Ma-thà, cha... cha... am biodh pàipear-naidheachd a' tighinn dhan taigh?

MC: Pàipear-naidheachd? Cha robh fios dè rud a bh' ann.

ES: Agus cha robh... cha robh leabhar ùrnaigh fhèin agaibh a leughadh sibh?

MC: Cha robh fios againn dè bh' ann an leabhar ùrnaigh an uair sin.

ES: Seadh, gu dearbh. Bìoball? Cha robh Bìoball?

MC: Chluinneadh sinn an t-ainm ach cha robh fios againn dè bh' ann.

ES: Aidh, tha mi a' tuigsinn. Agus... ach bhitheadh, bha... b' urrainn do dh'fheadhainn leughadh ceart gu leòr, agus bhiodh iad...

MC: Ach fhios agad, cha chreid mi gun robhar ag ionnsachadh na rudan [???], fhios agad, mar a bha...

ES: Bha.

MC: Na chuireadh tu feum air, ma b' fhìor, san àm.

ES: Seadh. Bhathar ga ionnsachadh. Bha ur pàrantan ga ionnsachadh dhuibh co-dhiù. Bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good