Search

Na thachair dha triùir chloinne a chaidh a ghoid le droch ph...

Date August 1976
Track ID 57041
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.155.A2

Original Tape ID

SA1976.155

Summary

The adventures of three children stolen by their evil aunts.

The contributor is given a summary of a story as a prompt. Three sisters wished for husbands. The king overheard the youngest girl and married her. They had three children; two boys and one girl. The sisters stole her babies and left puppies in their place. The children had to go in search of a singing tree and a talking bird amongst other things. The boys went one by one and were turned to stone. The girl was successful and rescued her brothers.

Item Notes

Faic clàr 30898, far a bheil Dòmhnall Alasdair fhèin ag innse bìdeag dhen sgeulachd seo.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT707

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nist, bha mise a' leughadh rudeigin mu dheidhinn seòrsa dhen an stòiridh a bha sin, agus tha... chan eil fhios a'm, 's dòcha nach e an aon dòigh a bh' ann idir, ach bha... an dòigh a bha... chan e stòiridh fhèin a bh' ann idir, ach rud a bha mi a' leughadh mu deidhinn, agus 's ann a bha i a' tòiseachadh mar gum biodh triùir nigheanan, peathraichean. Agus bha iad a' dèanamh suas eatorra dè seòrsa duine a chòrdadh riutha a phòsadh. Agus bha rìgh... an rìgh a bh' air an àite, chuala e iad, chuala e an tè a b' òige, 's chan eil fhios a'm dè bha ise a' ràdh, ach bha esan ag iarraidh ise a phòsadh. Agus bha triùir... phòs iad, agus bha triùir chloinne aca, cha chreid mi. Agus... dithis ghillean agus nighean. Ach 's ann... chan eil fhios a'm... 's ann a bhathar... bha na peathraichean a' feuchainn ri olc air choreigin a thilgeil oirrese, mar gum biodh i... Ò bha iad... 's ann a bha iad mar gum biodh iad a' goid na cloinne, mar a bha sa... mar a bha ann an sgeulachd an Tuairisgeil Mhòir, agus bha iad a' cur cuileanan nan àite no rudeigin. Agus chan eil fhios a'm ciamar a thàinig an gnothach, gum b' fheudar dha na triùir, dhan a' chlann co-dhiù, dha na gillean agus dhan an nighinn falbh feuch am faigheadh iad na rudan a bha sin. [???] Tha... an t-eun, eun na bruidhne, 's uisge nan tobraichean... dè... an e na tobraichean airgid no rudeigin mar sin. Agus chan eil fhios a'm càit an deach na gillean ceàrr. 'S iad a dh'fhalbh air thoiseach. Dh'fhalbh an toiseach a' chiad fhear 's dh'fhalbh an uair sin an ath fhear. Ach ge brith dè chaidh ceàrr, no dè rinn iad ceàrr, chaidh an tionndadh nan carrachan-cloiche, tha mi a' smaoineachadh. Agus dh'fhalbh an nighean an uair sin, agus fhuair ise an gnothach ceart, agus fhuair i na gillean a bheir air ais cuideachd dòigh air choreigin.

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Fhuair. Thug i...

DE: Nist, an ann rudeigin mar sin a bha i mar a chuala sibhse i?

DA: 'S ann. 'S ann. Thionndaidh na gillean gu daoine air ais, mar... an fheadhainn a thionndaidh nan carragh-cloiche.

DE: Feuch a-nist an studaig sibh, a thoradh 's dòcha gun tig i air ais thugaibh às a dhèidh siud. Agus feuch am bi sibh a' studaigeadh siud a-nist. Thoradh, 's dòcha nach ann mar siud a bha i agaibhse idir, ach 's dòcha gur ann rudeigin mar siud a bha i.

DA: 'S ann car mar sineach a bha i. 'S e rudeigin dhen t-seòrsa sin a bh' ann.

DE: Uill, co-dhiù biodh sibhse ga studaigeadh, agus chan eil fhios... bidh mi a-bhos fhathast air an t-seachdain sa tighinn, fhios agaibh, mum falbh mi, agus chan eil fhios nach bi sibh air cuimhneachadh air rudeigin.

DA: [???] Ma chuimhnicheas sinn oirre 's dòcha gu... math dh'fhaodte gum faiceamaid a chèile airson...

DE: Ò uill, tha mi an dòchas gu... tha mi an dòchas gum faic air an t-seachdain sa tighinn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good