Phòs gille nighean rìgh an dèidh dha a bhith air a chur air...
Date August 1976
Track ID 57046
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1976.155.B2

Original Tape ID

SA1976.155

Summary

A boy banished from his father's farm marries a king's daughter.

A farmer banished his son from the farm. The boy managed to save a king's daughter by killing a giant who wished to marry her. He married the king's daughter. He was then herding cattle and killed three giants who were stealing the cattle. When their mother came to plead with him he killed her too and got all their treasures.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT300;

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): An do ghabh mi dhut a-riamh, am fear a chuir air falbh a mhac - bha e uabhasach làidir, an gille - am fear a chuir air falbh a mhac chun... leis an dinneir gu feadhainn a bha a' buain mhònadh, a' togail mhònadh?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Cha do ghabh. Cha do ghabh. Dè an tè a bha seo, a Dhòmhnaill Alasdair? Cha chuala mi i sin riamh, gu dearbha.

DA: 'S e tuathanach a bh' ann.

DE: Siuthadaibh. Feuchaibh oirre ma-thà. Cha chuala mi riamh i sin.

DA: Chan eil fhios a'm o Dhia. Stad thu a-nist feuch... feuch an gabh mi sùil troimhpe feuch an tèid...

Bha... bha tuathanach ann a shiud, ma-thà, agus bha... 's e aon... bha aon ghille aige, agus tha e coltach leam gun robh e uabhasach sgoinneil, an gille. Agus cha bhiodh e ach ri buachailleachd 's ri rud dhen t-seòrsa sin.

Agus bha e an latha a bh' ann a sheo, bha e a' buain... bha e a' buain mhònadh, agus 's ann a-mach a bha an dinnear a' dol thuca. Agus chuir e an gille air falbh leis an dinneir. Agus gu dè rinn an gille ach an dinnear a dhòrtadh. Agus thill e dhachaigh 's dh'innis e dha athair.

"Uill," ars esan, "cuiridh sinn thuca dinnear eile," ars esan. "Ach seo," ars esan, "an latha mu dheireadh," ars esan, "a bhios tusa an seo," ars esan.

Agus chuireadh an dinnear gu... chun na... luchd na mònadh co-dhiù. Agus thàinig an gille dhachaigh a-rithist an dèidh na dinnearach leis na gnothaichean. Agus thuirt athair ris:

"Uill," ars esan, "bidh thusa," ars esan, "a' clìoradh air falbh às an seothach a-màireach," ars esan, "agus cha bhi an còrr turas agad ris an àite seo," ars esan, "mas e siud," ars esan, "do chosnadh," ars esan.

"Uill," ars esan... ars an gille, ars esan, "thèid thu," ars esan, "dhan cheàrdaich," ars esan, "agus nì sibh cliob dhòmhsa," ars esan.

Agus:

"Glè cheart," ars athair.

Rinn e sin. Chaidh e ann. Dh'fhalbh e dhan cheàrdaich, agus thàinig e agus an cliob aige. Agus rug an gille air a' chliob mar seothach agus thionndaidh e an cliob agus bhrist e an cliob mar siud.

"Cha chliob siud," ars esan, "do dhuine sam bith," ars esan. "Seo dhut siud," ars esan, "agus thalla," ars esan, "agus dèan fear ceart," ars esan.

Uill, dh'fhalbh an duine dhan cheàrdaich air ais, agus thàinig e agus fear eile aige. Agus nuair a thàinig e, lùb an gille mar seo na làimh e.

"Cha mhòr na sin," ars esan, "a nì am fear ud," ars esan. "Agus," ars esan, "nì thu dhòmhsa," ars esan, "fear ceart," ars esan, "a sheas... a sheasas rud," ars esan.

Dh'fhalbh athair dhan cheàrdaich a-rithist agus thàinig e, agus cliob eile aige air a dhèanamh. Agus... uill, rug esan air 's dh'fheuch e mar seothach e, ach uill, dhèanadh e car de lùbadh air, ach cha do laigh e air.

"Uill," ars esan, "chan eil e ro mhath," ars esan, "ach nì e an gnothach," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha iad a-nist ann. Agus bha rìgh anns an àite agus bha nighean aige. Agus an latha a bh' ann a sheothach thàinig fuamhaire a thaigh an rìgh agus dh'fheumadh e an nighean fhaighinn ri pòsadh no chan fhàgadh e ceann aca air... air colainn. Agus bha an gille air falbh, agus nuair a thàinig an gille dhachaigh an seothach dh'innseadh dha mar a bha.

Agus fhuair e an cliob co-dhiù, agus dh'fhaighneachd e an deach duine sam bith a gheàrd nighean an rìgh. Bha i gus a bhith aig a leithid seothach a dh'uair aig pàileis an fhuamhaire... aig pàileis an rìgh 's am fuamhaire a' tighinn ga h-iarraidh. Agus thuirt... thuirt iad nach b' fhiosrach iad gun deachaidh, ach aon ghille a bh' ann a sheo, gun d' fhalbh e co-dhiù còmhla rithe.

Uill, dh'fhalbh mac an tuathanaich. 'S nuair a ràinig e bha nighean an rìgh ann a shineach agus bha an gille, cha robh sgeul air, bha e air a dhol am falach. Agus bha... cha b' fhada seothach co-dhiù gus an tàinig am fuamhaire. Agus dh'fhalbh mac an rìgh... mac an tuathanaich agus chaidh e a-null agus choinnich e am fuamhaire, agus chaidh e fhèin agus am fuamhaire am bad a chèile.

Ach co-dhiù seothach rinn mac... mac an tuathanaich, rinn e an gnothach air mac... air... air an fhuamhaire, agus... ach gun deach a ghearradh. Agus bha ise ann, an nighean, agus thàinig i, agus bha dreasa oirre, agus thug i pìos às an dreasa, agus ribig i an gearradh, agus chuir i am pìos a bha seo, an stail a bha seothach, air a ghille.

Agus thàinig an gille eile, bha e ann am falach fhad 's a bha an cath a' dol, an gille a bha a' dol ga geàrd.

Uill, chaidh iad an uair sin gu taigh an rìgh... gu taigh an tuathanaich. Agus seo, bha e a-nist, mac a... an gille a bha a' dol ga geàrd, 's e bha a' dol ga gabhail, agus thuirt an nighean nach e, nach do chuir e bonn sam bith às a leth-se, ach gur e seo an duine, mac a... mac an tuathanaich, gur e seo an duine a shàbhail ise.

"Agus," ars ise, "gus innse," ars ise, "dh'fhalbh... gus innse," ars ise, "coimheadaibh," ars ise, "an dreasa a th' agam," ars ise, "'s tha pìos dhen dreasa agam," ars ise, "coimheadaibh," ars ise, "air mac an tuathanaich," ars ise, "tha pìos dhen dreasa agam," ars ise, "air a ghearradh a rinneadh air," ars ise, "'s a shàbhail [???]."

Uill, 's e seo an rud a bh' ann co-dhiù. Fhuair... fhuair mac an tuathanaich, fhuair e nighean an tuathanaich ri pòsadh agus nighean an rìgh ri pòsadh. Agus bha iad a-nist ann a shineach, agus co-dhiù... co-dhiù seothach bha... bhiodh an gille seo, 's e a bhiodh a' falbh leis na beothaichean an uair sin, an gille a bh' ann a sheothach, am fear a shàbhail nighean... nighean an rìgh, 's e a bhiodh a' falbh leis na beothaichean.

Agus an latha a bh' ann a sheothach, bha e aig na beothaichean, agus bha an tuathanach a bha ann a sheothach a bha a' gearan gun robh e a' call nam beothaichean, gun robh na beothaichean aige a' falbh, nach robh sgeul aige orra. Agus bha esan aig na beothaichean co-dhiù, agus chunnaic e am fuamhaire a bh' ann a sheothach a' tighinn agus chaidh e air feadh nam beothaichean agus thug e às an tè a b' fheàrr dhiubh, agus ghabh e a-nall leatha, agus bha... cheangail e i. Agus thuirt an gille ris:

"Tha mi fhìn a' smaointinn," ars esan, "gu... nan ceangladh sibh a' bhò," ars esan, "ann an dòigh eile," ars esan, "gun d' rachadh agaibh fhèin," ars esan, "air a toirt leibh," ars esan, "agus cha bhiodh strì agaibh rithe," ars esan. "Nan cà-... nan ceangladh sibh," ars esan, "an dà... an dà chois-deiridh còmhla agus an dà chois-cinn còmhla," ars esan, "agus an cur mun amhaich agad mar seothach, agus cha bhiodh strì... chan fhairicheadh sibh," ars esan, "a toirt air falbh."

"An-tà, chan eil mi ag ràdh," ars esan, ars am fuamhaire, ars esan, "nach eil thu ceart," ars esan.

Agus dh'fhalbh e agus rinn e sin. Agus nuair a bha am fuamhaire a' falbh leis an rud dh'iarr an gille air a cheann a chur a-staigh mar seothach eadar an dà rud, eadar na casan-cinn agus na casan-dei-... deiridh agus na rudan a chur mu ghualainn agus nach fhairicheadh e e. Agus nuair a fhuair e sineach ann dh'èirich e fhèin leis... leis an arm a bha seothach agus mharbh e am fuamhaire.

Agus cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Dh'fhàgadh am fuamhaire ann a shiud 's leigeadh ma sgaoil a' bhò.

Agus làrna-mhàireach, air an aon dòigh, thàinig fuamhaire eile, agus thug e às tè dhe na beothaichean, agus... airson a toirt air falbh leis. Agus dh'innis an gille... thuirt an gille ris mar a thuirt e ris an fhear eile, mar a cheangladh e i. Agus rinn an gille a leithid eile air. Agus mharbhadh am fuamhaire sin còmhla ris.

Agus an treas latha, air an aon dòigh, thàinig fuamhaire eile, agus thug e... an tè a b' fheàrr dhe na beothaichean, thug e a-mach às an rud i. Agus rinn e... dh'innis an gille dha an dòigh air an toireadh e air falbh i. Agus rinn am fuamhaire sin cuideachd. Cheangail e na casan-cinn aice còmhla agus na casan-deiridh, agus bha... chuir e mu amhaich i, agus nuair a chuir e mu amhaich i mar seothach i, thàinig esan thuige leis... leis an arm, agus mharbhadh am fuamhaire.

Ach co-dhiù seothach, 's ann mar seothach a bha. Làrna-nearar an seothach, thàinig a' chailleach a bha seothach agus thuirt i ris a' ghille:

"Tha thusa," ars ise, "an dèis," ars ise, "mo thriùir mac-sa," ars ise, "a mharbhadh," ars ise.

"An e mise?" ars an gille, ars esan.

"Seadh," ars ise.

"Chan eil gu dearbh fhèin e."

"Ò tha," ars ise, "ach marbhaidh mise thusa," ars ise.

Agus thòisich e fhèin 's a' chailleach air [?gleachd] air a chèile. Agus mharbh... leag e a' chailleach. Agus:

"Ò," ars ise, "leig mo bheatha leam," ars ise, "agus bheir mi dhut," ars ise, "rud sam bith," ars ise. "Tha dronng òir agus dronng airgid agamsa," ars ise, "agus tha e," ars ise, "làn gu beul," ars ise, "dhen a h-uile seòrsa," ars ise, "agus iomadach rud eile a bharrachd," ars ise, "agus bheir mi dhut a h-uile sìon dheth sin," ars ise, "ach leig leam mo bheatha," ars ise.

"Thalla," ars an gille, ars esan, "bidh do bheatha agam còmhla ris," ars esan.

Agus mharbh e cailleach nam fuamhairean.

Agus rinn e seo, e fhèin 's nighean an rìgh airson pòsadh. Agus dh'innis e dhi mar... mun a h-uile sìon, agus thòisich iad ri tarraing an airgid 's an òir 's a h-uile sìon ud à caisteal nam fuamhairean. Agus thog iad orra gu ruige caisteal an rìgh, agus phòs e fhèin an seothach agus nighean... nighean an rìgh.

Agus cha robh e na bhuachaille tuilleadh aig... aig an tuathanach, ach bha e na rìgh còmhla ris an rìgh. Agus sin agad mar a dh'èirich dhan fhear sin, mar a chuala mise. Agus chan eil fhios... cha chuala mise an còrr mun deidhinn ach sin.

DE: Uill, glè mhath, a Dhòmhnaill Alasdair. Agus 's e cuimhneachadh oirre seo às ùr a rinn sibh, an e?

DA: Ò chan eil... bha... treis o bha i agam ach cha robh i... bha i air chùil.

DE: Feumaidh gun robh i air chùil an àiteigin, thoradh cha chreid mi gun tug sibh do dh'Aonghas Iain i 's cha tug sibh dhòmhsa i.

DA: Cha tug. Cha tug.

DE: Cha chuala mi... cha chuala mi agaibh roimhe i. Agus tha mi cinnteach, 's ann aig ur n-athair a bhiodh i cuideachd, i sin.

DA: Ò 's ann.

DE: Ò uill, tha i math cuideachd.

DA: No aig cuideigin a chuala mi i.

DE: 'S cuin a bheothaich i seo? Cuin a... cuin a thog i seo ceann, a-nist?

DA: Ò cò aige tha brath. Chan eil fhios a'm.

DE: Ò uill, tha i fìor mhath i fhèin.

DA: 'S ann... 's ann mun àm nuair a bha mi a' toirt nan sgeulachdan dhan a' ghille eile a bha siud, 's ann a thog mi i. Thàinig i a-staigh orm.

DE: Ach cha do... cha do record esan ann i sin.

DA: Cò?

DE: An gille Eadailteach a bha sin.

DA: Cha do... ò cha do record. Cha d' fhuair e i, airson a recordadh.

DE: 'S an robh gin eile a bha a' dùsgadh às ùr agaibh mar sin, dhen t-seòrsa sin?

DA: Ò chan eil mi a' smaointinn gu bheil.

DE: Tha iad a' sìor thighinn thugaibh.

DA: Chan eil mi a' smaointinn gu bheil.