Search

Bàs Dhiarmaid

Date September 1958
Track ID 57566
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.082

Original Tape ID

SA1958.082

Summary

The contributor tells extracts from the story of Diarmad and recites verses from 'Laoidh Dhiarmaid'.

Item Notes

See:
'Popular Tales of the West Highlands' vol. 3 (J. F. Campbell ed., 1861) p. 60
'Leabhar na Fèinne' (J. F. Campbell ed., 1872) p. 164

Item Subject/Person

Diarmad

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Diarmad, theich e le bean duine eile? Seadh.

Peggy MacDonald (PM): Theich ise leis-san. Agus bha iad fon choill 's bha an còrr gan iarraidh, a bheil sibh a' faicinn. Agus co-dhiù, bha esan an sin, agus chuir iad an sin teine suas aig bonn craobh, agus chunnaic Diarmad iad agus fhuair e dearcnag, agus sheòl e i, agus bhuail e fear dhe na Fianntaichean.

"Ge air bith," ars esan, "cò sheòl an dearcnag, 's e làmh dheas Dhiarmaid a sheòl i sin."

Agus dh'fhalbh iad sin agus fhuair iad e. Agus 's e am bàs a bha iad a' dol thoirt da - a chur a thomhas an Torc Neimhe. Agus thomhaiseadh e an Torc Neimhe ceart gu leòr leis, ach dh'fheumadh e tomhas an seo na aghaidh.

Uill cha... bheireadh sineach, tha fhios agad, am bàs dha nuair a bha an rud a' dol na shàil. Agus thuirt iad... uill, seadh, dh'iarr iad air an sin a thomhas na aghaidh, 's chaidh an rud na shàil, Diarmaid a tha sin.

"Bheir dhomh deoch far do [???], a Nìll," ars esan, "a dhealbhaich mo rìgh airson cobhair, airson ò mo bhiadh 's m' aodach, ochòin a rìgh, 's minig nach toir."

Agus thuirt am fear eile:

"Cha toir mise dhutsa deoch. Cha mhotha a leasaicheas mi dha d' iarrtas. Cha do rinn thu riamh dha m' leas, nach do leasaich thu dha m' aimhleas."

Agus thuirt Diarmad an sin - tha teansa gun robh iad ann an àite, fhios agad, ag òl - agus chuir iad buidseach no gu dè rud a their sibh ris, chuir e orra e, agus cha b' urrainn daibh carachadh às a sin. Agus fhuair Fionn fios gur e fuil a chlann an rìgh a shuathadh riutha, gur e sin bheireadh... gur e sin a bheireadh às iad. Agus dh'fhalbh Diarmad, agus rinn e sin, agus thug e dìol agus thuirt e riutha nuair a bha e air an Torc Neimhe:

"An bhruighinn chaorthuinn," ars esan, "[???], bu dàna mise dha d' aghaidh. Nuair a bha e an t-eug air do mhuin, 's mise thàinig ugad le meodhail."

'S e Gàidhlig Èireannach a tha sin a-nist.

CM: Seadh, dìreach. Seann Ghàidhlig, seadh.

PM: Agus thuirt e anns an sin... 'S e Fionn a-nist bu choireach e a dhol gu bàs:

"'S ann a-raoir bu ghuirm an tulaich, a-nochd is deirg i le fuil Dhiarmaid, 's gur ann dhan nighinn fhèin bu duilich, [?mar bhith] Fionn fhèin ga iarraidh."

Och tha mòran ann ach chan eil e agam.

CM: Glè mhath. Tha e math. Tha tuilleadh agaibh dheth. Tha, gu leòr. Seadh, tha sibh a' dèanamh math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Poor