Search

Mar a bhiodh muinntir Mhiughalaigh a' glacadh pheataichean.

Contributors
Date June 1960
Track ID 58379
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.99.B6

Original Tape ID

SA1960.099

Summary

How the people of Mingulay caught seabirds.

The Mingulay islanders used different methods for catching seabirds. 'Stearadh' involved knocking down the birds with long sticks, as they flew against the wind. 'Ribeadh' involved catching the birds with a rope, with a noose on the end, as they sat on their eggs. Men would climb the rocks to catch cormorants. The seabirds were important as food.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Vatersay

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Mingulay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Elizabeth Sinclair (ES): Agus a-nist, bhiodh... bhiodh tòrr... an t-uabhas de pheataichean ann am Miughalaigh cuideachd, nach bitheadh?

Màiri Chaimbeul (MC): Ò 's ann agam tha fios.

ES: 'S am biodh agaibh rin spìonadh?

MC: Ò 's iomadh fear a spìon mise agus a ghabh mi cuideachd, agus a dh'ith mi.

ES: Agus bha mi airson fhaighneachd, dè mar a bhiodh iad a' breith orra, mun robh gunnaichean aca?

MC: Ò chan fhaigheadh iad gin le gunna. Bhiodh iad a' stèaradh.

ES: Dè a-nist a bha sin?

MC: Nuair a bhiodh gaoth mhòr ann, 's i air aghaidh na creige, bhiodh tusa air bàrr na creige 's cabar de mhaide agad, nuair a thigeadh... a bhiodh am peata a' seòladh, 's nuair a thigeadh am peata, bha thu ga bhualadh, 's bha e an uair sin a' tuiteam air do bheulaibh.

ES: Seadh gu dearbh. 'S an ann mar sin a bhiodh iad a' stèaradh?

MC: A' stèaradh.

ES: A' stèaradh?

MC: A' stèaradh.

ES: Agus am biodh iad a' cur sìos sgath airson gum beireadh iad air na peataichean? A' cur sìos ròpa no sgath?

MC: Bhitheadh. Sin agad ribeadh.

ES: Ribeadh.

MC: Ribeadh. Bhiodh iad... nuair a bhiodh iad air... air na creagan. Shìos am broinn na creige. 'S bhiodh iad an àite mar sineach, bhiodh iad a' cur sìos ròpa 's ulag air, airson gun cuireadh iad mu na h-amhaichean aca e.

ES: Agus am biodh iad a' breith air gu leòr mar sin?

MC: Bhitheadh.

ES: Seo a-nist. 'S an fheumadh iad fhèin a dhol sìos nan creagan?

MC: Chan fheumadh iad ach gun [???] iad gu tighinn an ròpa thuca fhèin 's tha am peata air ceann an ròpa aca.

ES: Seo a-nist. Agus an ann nuair a bhiodh na peataichean a' gur car a bha sin?

MC: 'S ann. Bhiodh iad cho ciallach an uair sin. Nuair a bhiodh iad a' gur, bhiodh iad cho ciallach 's cha mhòr gun gluaiseadh iad far na... far na sgeilpe.

ES: Aidh. Agus an robh iad riamh... An deach na fir riamh sìos mu na creagan idir?

MC: Ò chaidh eudail gu leòr de dh'fhir sìos... sìos am broinn... am broinn nan creagan, 's bhiodh iad a' toirt às nan caorach às na slotagan. Nam biodh... bhiodh na caoraich a' dol dha na creagan 's bhiodh iad a' toirt às nan caorach.

ES: Aidh. 'S am biodh iad a' dol sìos nan creagan airson breith air... airson tighinn air na peataichean gun fhiosta?

MC: Bhitheadh iad... nuair a... nuair a bhiodh iad a' sealg nan sgarbh.

ES: Ò airson na sgairbh a bha sin?

MC: Airson na sgairbh a bhiodh iad a' dol sìos dha na... cha bhiodh iad a' toirt saothair airson peataichean. Bidh na peataichean daonnan suas bràigh nan creagan. Ach bidh na sgairbh gu h-ìseal.

ES: 'S bhiodh iad a' dol am measg nan creagan airson...

MC: Bhiodh iad a' falbh leis na sgothan oidhcheannan 's iad a' dol air tìr gu h-ìseal sna creagan, 's bhiodh iad a' dìreadh suas slotagan 's a' breith air na sgairbh nuair a bhiodh iad nan cadal.

ES: Ò aidh. 'S am biodh gu leòr dhe na sgairbh còmhla nan cadal ann an aon shlotag?

MC: Bhitheadh. Ach cha bhi ach tha iad ri taobh a chèile. Bidh iad cho goirid dha chèile.

ES: 'S bheireadh tu air gu leòr dhiubh còmhla.

MC: Bheireadh. Ach dh'fheumadh tu gun meagad a leigeil leis air neo nan leigeadh e sgiamh às, bha an còrr a-mach.

ES: Ma-thà, dh'fheumadh tu dìreach a thachdadh sa mhionaid?

MC: Dh'fheumadh tu a thachdadh sa mhionaid air neo chan fhaigheadh tu ach an t-aon fhear.

ES: 'S an robh... an robh e a' dèanamh gu leòr de bhiadh dha na daoine am Miughalaigh, na peataichean?

MC: Och bha tòrradh a mhair fad an t-samhraidh mar seo [???] eile. Cha bhiodh [???] mionaid gun pheata, gun annlann aca, fhad 's a dhèanadh peata, 's b' e sin na deagh rudan na peataichcean-dubha.

ES: Aidh, bha iad math.

MC: Bha iad math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good