Search

Fiosrachadh mu sheun a bhiodh a' dìon shaighdearan.

Date 1968
Track ID 58382
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1968.026.A

Original Tape ID

SA1968.026

Summary

Information about a charm that protected soldiers.

A charm was put on a ribbon and given to men going off to war, to keep them safe. The charm was also put on the man himself. This happened to a Tiree man before he went off to fight in the First World War and he's still alive today [1968]. He used to shake the bullets out of his tunic. The bullets would bruise him, but they didn't penetrate the skin. Information about how the charm was put on the soldiers and the ribbons.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (DM): 'S an cuala tu iomradh riamh air an t-seun a bhiodh aca airson nach rachadh am [?bàthadh].

Iain MacAonghuis (IM): Cha chuala.

DM: Airson nach rachadh am marbhadh anns a' chogadh. Uill 's aithne dhòmhsa fear ann an Tiriodh...

IM: Agus fuirichibh, nuair a bha iad a' dèanamh na h-ortha a bha sin, an robh iad a' toirt rud dhaibh cuideachd, a bhiodh aca nan còta?

DM: Cha robh. Cha robh.

IM: Nach robh a-nise?

DM: 'S aithne dhòmhsa fear ann an Tiriodh agus... during the First World War...

[Stad sa chlàradh an seo.]

IM: Agus bha i air a cur air. Seadh.

DM: Bha i air a cur ann an rioban dha.

IM: Ò seadh.

DM: Chaidh i air fhèin an toiseach. Chaidh an sin an t-seun a chur air an rioban, 's bha an rioban air a toirt dha, agus airson a bhith sàbhailte, nuair a fhuair e an cothrom, ghluais e an rioban anns an tunic air an taobh a-staigh.

IM: Agus an deach an t-ortha a ràdh air fhèin an toiseach?

DM: Chaidh an or air fhèin an toiseach. Chaidh i an sin air an rioban. Agus tha e beò slàn fhathast. Thuirt e riumsa: "Bha," ars esan, "mi a' crathadh nam peilearan a-mach às an tunic agus iad a' tuiteam air gach taobh dhìom," thuirt e.

IM: 'S cò an duine a bha sin a-nise?

DM: Uill, chan eil mi a' dol a dh'innse gu duine.

IM: Ò ceart gu leòr. Agus bha sibh a' ràdh gun robh na peilearan a' bruthadh a' chraicinn aige.

DM: Bha.

IM: 'S ga fhàgail dubh?

DM: Ga fhàgail dubh. Bha.

IM: Ach cha robh iad a' dol troimhe idir?

DM: Cha robh a' dol troimhe. Nach i bha làidir, an t-seun.

IM: Nach i.

DM: 'S i. Sin rud nach eil a' falbh an-diugh. Duine a nì seun.

IM: Ò tha mi a' creidsinn.

DM: Chan eil.

IM: Tha mi a' creidsinn.

DM: Tha i a' dol a-mach à cleachdadh.

IM: Ach dh'fheumadh an duine a bha a' cur an t-seun air an t-saighdear, dh'fheumadh e a ràdh, an ann os a chionn? No ciamar a bha e ga chur air fhèin?

DM: Ò 's ann a' dol mun cuairt air a bha e agus a làmh air a cheann.

IM: A' dol mu chuairt tuathail no deiseil?

DM: Tuath-... deiseil. Agus e a' bruidhinn na seun.

IM: Seadh, dìreach. 'S cò mheud turas a dh'fheumadh e a dhol timcheall air?

DM: Aon uair.

IM: Aon uair?

DM: Aon uair.

IM: 'S an e an làmh dheas no an làmh chlì a bhiodh aige?

DM: Làmh dheas. Làmh dheas.

IM: 'S am biodh an ceann aig an duine, am biodh currac air? No am biodh e...

DM: Bha e na shuidhe, an duine, gu socrach. Air cathair no air fuirm, 's a cheann ris.

IM: Ceann ris?

DM: Cheann ris.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus an uair sin, nuair a bhathas a' cur seun air an rioban a bha seo, an robh sibh a' dol timcheall, no an robh an duine a bha a' cur seun air rioban, an robh e a' dol timcheall an riobain?

DM: 'S e e fhèin... 's e e fhèin a chuir air an rioban... bha an rioban air nuair a chaidh an t-seun air.

IM: Seadh, dìreach.

DM: Bha.

IM: 'S cà robh an rioban aige, nuair a chaidh an t-seun air?

DM: Ò bhiodh i air... nuair a chaidh e do chogadh, chuireadh e an rioban air... chuir e air taobh a-staigh dhen tunic aige.

IM: 'S e, ach càit am bitheadh i nuair a bha an ortha ga ràdh, nuair a bha an t-seun a' dol air fhèin? Am biodh i na làimh? No na phòca? No...

DM: Ò, uill, sin rud nach urrainn mise innse dhut. Nan innsinn sin dhut bha mi cho fiosrach ris an fhear a bha a' dèanamh na seun.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach.

DM: Fear na h-ora.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good