Search

Ho Bhiast-dubh Hè Bhiast-dubh

Contributors
Date 1970
Track ID 60440
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.295.A9

Original Tape ID

SA1970.295

Summary

A song about an otter that came ashore on Pabay.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Pabbay

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Ceit Dix (CD): Thàinig nighean bheag a-staigh à Pabaigh, agus chaidh i ann an laige, 's i a' radha gun robh rud uabhasach... gun fhaca i rud uabhasach a' tighinn air tìr air an tràigh. Agus nuair a chaidh iad a-mach, dè bh' ann ach biast-dubh, agus 's ann a rinn a seanair òran dhi:

Hó bhiast-dubh, hé bhiast-dubh,
Hó bhiast-dubh a bha am Pabaigh.
Hó bhiast-dubh, hé bhiast-dubh.

Thuirt Iseabail ri Seònaid nach gòrach thu a dhol an laige;
Chan eil ann ach rònan no seòrsa de mhadadh-allaidh.

Hó bhiast-dubh, hé bhiast-dubh,
Hó bhiast-dubh a bha am Pabaigh.

Uill, chan eil fhios agamsa air a' chòrr, ach thuirt iad gur ann... gum feannadh iad e 's gun toireadh iad do Sheònaid e airson bòthan a reigheadh mu h-amhaich, am bian aige. Chan eil an còrr dheth agam, 's chan eil fhios a'm ciamar a bha e a' dol.

Iain Peatarsan (IP): Agus dè am facal a bh' agaibh ann a shiud, a reigheadh mu h-amhaich? Bòthan?

CD: Bòthan. Sin agad an rud a theireadh iad ri bian, bian a bhiodh mu h-amhaich. 'S e bòthan a theireadh iad ris. Bòthan air a dhèanamh air bian. 'S e... 's ann bheir sinn e do Sheònaid airson bòthan a thèid mu h-amhaich, a chionn gun do ghabh i an t-eagal. Shin agad e.

IP: Glè mhath. Agus cò aig a chuala sibh seo, bha sibh a' radha?

CD: Ò chuala aig... chan eil fhios a'm... aig fear a mhuinntir Phabaigh, Teàrlach Dhòmhnaill a' Bhàirt. Bhiodh e ag innse stòiridhean mar sin.

IP: Seadh, bha sibh a' dol a radha rud air choreigin eile mun a' bhòthan.

CD: Bha. Uill, a h-uile duine a b' fhiach an t-saothair an uair ud, bhiodh rud mun amhaich. Bhiodh feadhainn air an dèanamh le itean, 's feadhainn air an dèanamh le bian... even rabaidean, ach... coineanaich. Agus bhiodh bian itean, 's iad a bu mhotha a bhiodh air na daoine-uaisle. Bhiodh bean a' mhinisteir daonnan bian itean oirre sìos gu bonn a còta.

IP: Seadh. Agus 's e bòthan a chanadh iad ris?

CD: Bòthan a bh' aca oirre, 's e. Bòthan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good