Search

Fiosrachadh mu dheidhinn ceann-cropaig agus bonnach-eathair....

Date 1978
Track ID 62033
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1978.075.B

Original Tape ID

SA1978.075

Summary

Information about crappit heid and boat-bannocks.

The contributor explains how crappit heid was made. Information about the boat-bannocks which fishermen took with them to sea.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, bha sibh a' dol a dh'innse mar a bhiodh iad a' dèanamh ceann-cropaig, ri ur ciad chuimhne.

Donald MacDonald (DM): Bhiodh iad a' faighinn adha trosg, no adha truisg, no adha langa, no adha adag. Sin na trì èisg a bhiodh... a bhite ag obair orra. Bhiodh iad a' cur na h-adhaichean ann am bòl agus gam measgachadh le làmhan, 's bha iad a' toirt a-mach na fèitheanan, na rudan dearg a bhiodh agad ann a shin. Bha iad mothachail an-còmhnaidh gun robh an t-adha math; nach robh càil ceàrr orra uair sam bith. 'S bha iad an uair sin a' cur salann 's piobar agus min-chorca, 's mathaid beagan bainne, airson gum biodh a h-uile càil air a mheasgadh gu math. Cha robh e air a dhèanamh ro fhliuch no ro thiugh, dìreach ceart. 'S bha thu a' glanadh ceann a' bheathaich, fear dhe na trì bheathaichean, a' toirt a-mach... a h-uile càil às, ga ghlanadh, 's ga lìonadh le seo. Agus nam biodh càil air fhàgail bha thu ga chur air truinnsear agus a' cur sin dhan a' phrais, a' phrais-bhrot còmhla ris... no prais-sabhs còmhla ris an iasg. Bha thu a' toirt fichead mionaid a ghoil dhan a siud. Bha iad an-còmhnaidh a' dèanamh... bhathar cuideachd goil... bhathar a' dèanamh goile, goile truisg no goile langa. Lìonadh iad... bu dòcha leotha cur adha langa a ghoile truisg, bhon bha sin... cha bhurstaigeadh i cho... cha bhriseadh i cho luath. Bhiodh iad a' cur mu thrì...

IP: Ach a-nise, nuair a bhiodh iad ga dhèanamh anns a' ghoile, cha robh iad ga chur dhan a' cheann ann?

DM: Cha robh. Cha robh. Cha robh seo ach... bha pailteas adhaichean ann. Cha bhiodh iad a' cur ann bìdeag bheag... dhà no trì a phìosan dha, agus a' dòrtadh beagan bùrn ann. [???], [?sreang] mu beul 's ga chur dhan a' phrais, a' phrais-sùgh. 'S bha iad a' gabhail an snàthad agus a' cur troimhpe i airson nach briseadh i.

IP: Bha, chunna mi iad a' dèanamh sin, a' dèanamh mharagan.

DM: Maragan, 's e. Marag-truisg a bhiodh aca air.

IP: 'S e, dìreach.

DM: Goile. Goile truisg. Agus air a bhiodh iad bruich, bha... chanadh tu gur e... gun robh i mar stocainn bheag, mu sia òirlich no seachd òirlich a dh'fhad. 'S bha pluc beag oirre, air a ceann. 'S gu math tric air a bheireadh iad a-mach i, bha iad ag ithe a' ghoile, air a bha i teth, bha mo mhàthair a' toirt pìos aiste airson na cloinne, gum faigheadh a' chlann... airson sùghadh a-mach. 'S e bha fallain dhaibh, gu deimhinne. Bha. Bha e fallain dha-rìribh. Agus fhad 's a bha mi... mus sguir mi, air a bhiodh iad a' dol a-mach dhan eathar, bha iad a' toir a-mach aran-eathair leotha, no bonnach-eathair. Bha sin air a dhèanamh de dh'uighean, de dh'ìm, aran... min-chorca agus... dè chanadh tu ris... roe, dè a-nise a' Ghàidhlig air roe. Cod roe. Glasag. Bha iad a' measgachadh a h-uile càil dhen a sin 's a' dèanamh bonnach tiugh dheth. 'S bha a h-uile vitamin a smaoinich thu air, bha e ann an sin dhuinn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good