Search

Tha am fiosraiche a' mìneachadh brìgh fhaclan Gàidhlig.

Date November 1966
Track ID 64364
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.066

Original Tape ID

SA1966.066

Summary

The contributor explains the meaning of a number of Gaelic words.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Malaclete

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Uilleam Boidhd (UB): 'S ann a... a bha sinne a' cleachdadh leis a seo.

Iain MacAonghuis (IM): Seadh. Ciamar a bha sibh ga radha, am facal? Dè am facal a th' ann? Dìreach gus am faigh mi air a seo e.

UB: Tonaid.

IM: Tonaid. 'S a-nist, bha facal eile agaibh an latha roimhe... Agus 's e tonaid, duine... duine gun rian, no duine gun seagh.

UB: Aidh. Chaill e a thonaid.

IM: Ò, chaill e a thonaid

UB: Sheadh.

IM: Ò seadh. Cha chanadh sibh idir gur e tonaid de dhuine bh' ann?

UB: Chan e. Cha chanadh.

IM: Tha mi a' tuigsinn. 'S a-nist, bha facal eile agaibh. An e tarrann?

UB: Tarrann. Tarrann.

IM: Tarrann no torrann?

UB: Tarrann.

IM: Tarrann. 'S e sin furm de sheòrsa air choreigin.

UB: Furm... furm ceangailte ris a' bhalla, a chanamaid-ne ris. Tarrann.

IM: Seadh. Seadh. Agus bhiodh sin anns na taighean-tughaidh an robh?

UB: Bha. Anns na taighean-tughaidh.

IM: Agus dè seòrsa furm a bh' ann? Dè bu choltas dha?

UB: 'S e furm air a dhèanamh air fiodh. Domhainn, agus aon cheann air, agus am balla a' dèanamh a chùil dha.

IM: Ah seadh, dìreach. Agus am biodh casan air? No an e...

UB: Bha. Bha dà chois air.

IM: Dà chois.

UB: Dà chois.

IM: 'S an còrr dheth ceangailte ris...

UB: Ceangailte.

IM: Seadh, dìreach. Agus càit am bitheadh e mar bu trice anns an taigh?

UB: Anns an taobh a b' fhaisge... an taobh a b' fhaisge air am biodh an teine don bhalla.

IM: Aidh dìreach. Sin nuair a bhiodh... nuair a bhiodh, canaibh, an teine ann am meadhan an ùrlair.

UB: Meadhan an ùrlair.

IM: Seadh, dìreach. 'S cò mheud a bhiodh ann an taigh dhiubh, ann an cumantas?

UB: Cha robh ach an aonan. Ach shuidhicheadh... shuidheadh iad aon cheathrar no còigear.

IM: Agus am biodh beingidh no sèise ann?

UB: Bha. Bha sèise, mar an tuirt iad, ach an-còmhnaidh 's ann a bha an t-sèise a-nuas bho cheann an dorais nuair a thigeadh sibh a-staigh... nuair a thig thu a-staigh.

IM: Ò tha mi a' tuigsinn.

UB: 'S ann an sin a bha an t-sèise.

IM: Agus 's e sèise, chan e being a chanas sibh.

UB: Chan e ach sèise.

IM: Agus an robh iad a' cleachdadh an fhacail being ann a sheo idir?

UB: Bha. Bha iad ga chleachdadh gun teagamh. Bha e ann.

IM: 'S a bheil e a-nist ann?

UB: Uill, chan eil. Ach tha sèise air a chleachdadh fhathast. 'S e an t-sèise a th' againn chun an latha an-diugh.

IM: 'S ann an Leòdhas a chuala mise being. 'S a-nist... aidh siuthadaibh... an do chuir mi chasg air ur cainnt? An robh sibh a' dol a ràdh rudeigin.

UB: Cha do chuir.

IM: An ath fhacal a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh mu dheidhinn, am facal seo fadhbh, fadhbh-bhleoghain. A-nist dè chuala sibh mun an fhacal sin? No ciamar a chuala sibh air a chleachdadh e?

UB: Bha sinn ga chleachdadh ann am fadhbh-bhleoghain. Gum b' e sin bleoghan an dèidh ath-bhleoghain... an dèidh dhan chrodh a bhith air am bleoghan.

IM: Seadh.

UB: Gun tigeadh duine àraid a bhleoghan a' chruidh a-rithist, 's a bha a' tarrainn a' bhainne bhon chrodh.

IM: Agus an ann gan siobanachadh a bha e?

UB: 'S ann. Gan siobanachadh gu làidir. Agus mar bu trice leis a seo bha an crodh a' dol seachad anns a' bhainne. Thoradh cha mhair iad le bainne idir, le fadhbh-bhleoghain.

IM: Agus dè seòrsa daoine a bhiodh a' dèanamh sin a-nist? An e daoine bochda aig nach robh dad dhaibh fhèin, air neo an robh seo a' gabhail a-staigh buidseachd no leithid dhen t-seòrsa sin?

UB: Uill cha chan sinn gun robh e a' gabhail a-staigh buidseachd uile-gu-lèir, ged a bha... bhathar ga dhèanamh le feadhainn nach robh bainne aca fhèin.

IM: Seadh. Agus an e a thaobh gun robh bochdainne...?

UB: 'S e a thaobh gun robh iad gann dheth, agus bha iad a' faighinn a' chothruim ro mhath a bhith a' fadhbh-bhleoghain.

IM: Seadh dìreach.

UB: Ach cha... cha mhaireadh e ach ùine ghoirid. Agus... Chuala mi a-rithist air a chleachdadh e ann am facal sean le feur a' fàs ann an deireadh an fhoghair no toiseach a' gheamhraidh, nuair a thigeadh sìde anabarrach mìn no blàth, de shìde mì-nàdarra, 's a thigeadh feur a-mach, gur e fadhbh-bhàrr a bh' ann.

IM: Ò seadh.

UB: Fadhbh-bhàrr.

IM: Seadh, seadh.

UB: Cha robh e maireann idir, 's bha e a' sìoladh air falbh.

IM: Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn.

UB: Chuala mi sin air a chleachdadh.

IM: Seadh, seadh. Dìreach mar gun robh rudeigin a bha a' tighinn air uachdar...

UB: Tighinn air uachdar.

IM: Anns nach robh mòran susbaint?

UB: Aidh... susbaint idir... ach gur e fadhbh-bhàrr a leaghadh e a cheart cho luath 's a thigeadh e. Ach cha robh brìgh sam bith ann.

IM: Seadh, seadh. Dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good