Search

Mìneachadh air brìgh fhaclan Gàidhlig.

Date November 1966
Track ID 64367
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.066

Original Tape ID

SA1966.066

Summary

The meaning of a number of Gaelic words.

The contributor explains the meaning of a number of Gaelic words: gàdag, 'gàdag 's a dà cheann fosgailte'; spreadhan; and sgiathag. Mention of a song about a local person's bonnet which looks like a spreadhan.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Malaclete

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): 'S a-nist, bha facal eile agaibh, gàdag. Facal eile nach cuala mi.

Uilleam Boidhd (UB): Gàdag.

IM: A-nis, dè tha sa ghàdaig?

UB: Uill, chanadh iad... anns a... a rèir mar a fhuair mise an eachdraidh air gàdag, gur e dà mhaide a' dol còmhla airson ceann taighe agus air an ceangal gu h-àrd le crann-tharraing.

IM: Seadh, seadh.

UB: Crann-tarraing. Crann-tharraing a chanadh iad ris an tarraing a bha a' dol romhpa.

IM: 'S e, 's e. Tha fhios a'm.

UB: Agus bha iad a' cantail nuair a bhiodh a dhà dhiubh seo gur e gàdag, ach canaidh sinn ceangal ris a-nist.

IM: Canaidh dìreach.

UB: Ach 's e gàdagan a bha iadsan a' cantail a bha a' dol air.

IM: Seadh, seadh. Agus nach robhas ga chleachdadh cuideachd airson... an e dà shuidheachan.

UB: Bha dà... dà sguab gan càradh còmhla.

IM: Ò seadh.

UB: Car air am bualadh ri chèile anns a' bhàrr, agus an tòn aca air a laighe a-mach airson gun seasadh iad. 'S e gàdagan a chanadh iad ris.

IM: Tha mi a' tuigsinn.

UB: An dà chuid.

IM: Agus dè am facal a bh' agaibh mu obair nach robh... nach robh air a dhèanamh ro mhath? An e gàdag 's a dhà...?

UB: Gàdag 's a dà cheann sgaoilte.

IM: Sgaoilte. Agus chante sin mu obair sam bith nach robh...

UB: Chante mu obair sam bith e nach robh air a dhèanamh mar bu chòir dha a bhith.

IM: Seadh, dìreach.

UB: Nach robh ceangal air mar bu chòir dha a bhith, no air a dhèanamh cothromach.

IM: Seadh, dìreach. A-nist, facal eile. An e spreadhan?

UB: Spreadhan.

IM: Spreadhan. Agus dè bha san spreadhan?

UB: Uill, mar a chuala mise, bha an spreadhan, 's ann... 's e inneal... 's e soitheach a bh' ann air a... aig an robh an tòn aige rudeiginich cruinn, agus na tulmain aige a' tighinn a-staigh anns a' bheul, agus... uill, chunnaic mi fear dhiubh a chaidh a shealltainn dhomh dìreach, agus bha e [?air a chleachdadh leam] gur ann airson leaghadh an eòlain a bha e.

IM: Aidh, aidh.

UB: Ga chur tarsainn air uachdar an teine.

IM: Seadh.

UB: 'S an teine air a dhèanamh agus sgiathag fon an spreadhan.

IM: Sgiathag?

UB: Sgiathag fon an spreadhan.

IM: Dè bha san sgiathag?

UB: Uill, 's e gàda iarainn a bha san sgiathag a bha seo de dh'iarann sam bith. Cha robh e gu diofar, ach bha e air a dhèanamh air a chumadh, agus bha e a' dol air mullach an teine, agus bha spreadhan air a chur air muin na sgiathaig.

IM: Seadh, dìreach. Am faca sibh gin dhiubh riamh, dhe na sgiathagan a tha seo?

UB: Chan fhaca mi sgiathag idir ach chunna mi spreadhan.

IM: Seadh. Aig Seonaidh an Tàilleir?

UB: Aig Seonaidh an Tàilleir. 'S e a sheall dhomh spreadhan.

IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus bha òran ann nach robh, 'Bu choltach i ri spreadhan a bhiodh a' leaghadh eòlain'. A bheil an còrr agaibh dhen òran a tha sin?

UB: Ò uill, chan eil. Tha mi air a dhìochuimhneachadh ach am pìos a bh' ann, 'Gur e bonaid Ruairidh Ghearraidh Iain gum bu dioc dhuibh a leithid fhaighinn'. Uill... Bu choltach i ri spreadhan, a bhiodh a' leaghadh eòlan.

IM: 'S chan eil fhios cò rinn an t-òran, no cò dha a chaidh a dhèanamh...

UB: Ò tha e cho fada... chan eil cunntais agam cò rinn e.

IM: Seadh, seadh. Dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good