Search

Tha am fiosraiche a' mìneachadh cuid de na faclan anns na h-...

Date July 1961
Track ID 64787
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1961.048

Original Tape ID

SA1961.048

Summary

The contributor explains some of the words that he uses in his songs.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): An e eangaire?

Iain MacDhòmhnaill (IMD): Eangaire. Shin agad nighean.

IM: Nighean.

IMD: Nighean.

IM: Dìreach. Dìreach.

IMD: Smearag. Eangaire. Nìghneag. Cruinneag. Caomhag. 'S às dèidh sin, mar a tha an aon dòigh, meall fhaclan mar sin, abair tha mi an-dràsta, tha mise a' bruidhinn air... ach tha meall fhaclan mar sin, tha fhios agad. Mar a theireadh tu... their feadhainn tarbh, tha fhios agad. Tarbh. An cuala tu sin riamh?

IM: Chuala.

IMD: Agus stocaire.

IM: Ò stocaire? Sin fear nach cuala mi.

IMD: Stocaire. Tarbh agus stocaire. Agus mar a tha... [?ciamar a bheil]... reithe. Reithe. Rùda. Agus rocasan.

IM: Rocas?

IMD: Rocasan.

IM: Rocasan?

IMD: Rocasan chumhachdach. Sin agad...

IM: Agus 's e reithe a tha sin a' ciallachadh cuideachd?

IMD: 'S e. Nise, sin agad far am beil na faclan a' tighinn a-staigh mu na... ma tha duine a' dèanadh òran.

IM: Dìreach, dìreach. Agus, nise, mar a their iad àigeach, a bheil facal eile...

IMD: Àigeach. Each. Òigeach, àigeach. Stalan. 'S e sin am Beurla, stallion.

IM: 'S e, 's e.

IMD: Àigeach. 'S e, tha àigeach ceart gu leòr, 's e. Àigeach. Sin agad e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good