Search

Iasgach ann an Ùig, Eilean Leòdhais.

Date 28 April 1977
Track ID 65371
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.063.1a+b

Original Tape ID

SA1977.063

Summary

Fishing in Uig, Lewis.

The contributor's father was a fisherman. There was a crew of eight, and they used a boat with sails. Three types of nets were used: long-lines, short-lines, and herring-nets. Ling were sold, and the rest of the catch was divided amongst the crew. Some of the fish was given to the poor folk. Items such as shoes and clothes were purchased in Stornoway with the proceeds. There was no Sunday fishing.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Mòrag NicLeòid (MNL): Bha sibh ag innse dhomh dè an aois a bha sibh.

Màiri NicRath (MNR): Bha.

MNL: Rugadh sibh ann an...

MNR: Eighteen ninety-two, September twentieth, 's tha mi ceithir fichead bliadhna gu leth, a' dol dhan còig.

MNL: 'S an ann ann an taigh-tughaidh a thogadh sibh?

MNR: Ann an taigh-tughaidh, ach glè chofhurtail. Agus cha robh dìth biadh. 'S e iasgair a bha nam athair, ann an eathar mòr iasgaich anns an robh ochdar còmhla ris, a' dol a-mach dhan a' chuan. Agus bhiodh sinn a' faighinn... cha robh... cha robh iad ri creic ach na langannan, agus bha an còrr aig na h-iasgairean ga roinn eatorra, agus bha tòrr èisg a' tighinn dhan an taigh. Bhitheadh na baraillean. Ach bha mo mhàthair cho coibhneil, agus bha m' athair coibhneil cuideachd, agus bhiodh iad a' toirt dha na daoine bochda aig nach biodh a' dol a-mach an èisg, rud... na dhèanadh [???] no [???]. Ach chunnaic mise an soul a bh' againn. Taosgach le iasg saillte, agus baraille sgadain a ghlac iad fhèin... a ghlac na h-eathraichean aca. Cha b' ann air a cheannach a bha iad leis an sgilling bhon am marsanta idir. Nis, dè an tuilleadh a tha sibh ag iarraidh orm innse dhuibh?

MNL: 'S e bàtaichean-siùil a bhiodh aca?

MNR: 'S e bàtaichean-siùil uile, 's bhiodh trì siùil orra nam biodh an t-sìde gu math. Agus bhiodh seòl mòr orra, agus seòl beag, agus seaba. Tha fhios agaibh air...

MNL: Seadh. Agus bha... bhiodh sin naoinear anns a' chriutha?

MNR: Bhitheadh ochdar anns a' chriutha, agus 's e m' athair an sgiobair. Agus... bha iad nan sgiobairean gu lèir ann an dòigh, ach bha e mar gum biodh làmh-uachdair aige air diorta mar a bhiodh an t-eathar gus a dhol.

MNL: Agus dè na puirt dham biodh iad a' dol leis an iasg an uair sin?

MNR: Ò ghràidh. Cha b' aithne dhòmhsa gum biodh iad a' dol a dh'àite, ach gu na daoine a bh' ann an Steòrnabhagh - Alasdair MacAmhlaigh agus an Smithach. Agus chan eil cuimhn' a'm cò eile tuilleadh. Bheil fhios agadsa a Mhàiri Anna?

MNL: 'S am biodh iad ag iasgach sgadan cuideachd?

MNR: Cha bhitheadh ann an dòigh ach dhaibh fhèin, cho fad 's is aithne dhòmhsa. Ach bhiodh iad a' faighinn... bhiodh an sgadan a' tighinn air tìr anns na puirt againne, uaireannan. 'S mathaid uair ann an ceithir bliadhna no ann an seachd bliadhna, gun tigeadh e air tìr. 'S mathaid gu bheil cuimhn' aicese air a sin cuideachd. Sgadan a' tighinn air tìr. Sheadh.

MNL: 'S daoine dìreach a' dol...

MNR: Daoine... bhiodh iad a' togail na bha a' dèanamh dhaibh fhèin, agus bhiodh iad a' toirt dhòmhsa, bho chaidh mi na mo bhanntraich, na clèibh dhen an sgadan, gus gun saillinn e. Shin agaibh e

MNL: Glè mhath. Agus am biodh... a bheil cuimhn' agaibh iad a bhith a' biathadh lìn-mhòra?

MNR: Tha, agus a' biathadh lìn-bheaga.

MNL: Agus am biodh sibh fhèin gan dèanamh?

MNR: Cha bhithinn-sa gan dèanamh. Cha robh a chiall agam a dhèanadh iad

MNL: 'S e na boireannaich a bhiodh gan dèanamh?

MNR: Chan e.

MNL: Nach e?

MNR: Cha b' e, ach na fireannaich. Chan fhaca mise riamh boireannach a' lìonadh... a' biathadh lìon-beag no lìon-mòr. Ach bhiodh na fireannaich a' biathadh, agus bhiodh iad a' biathadh na lìn-bheaga 's na lìn-mhòra, agus a' dol a-mach le na lìn-sgadanaich, agus a' toirt an sgadain dhachaigh cuideachd. Ach 's e...

MNL: Cha bhiodh iad ga reic idir?

MNR: Cha b' aithne dhòmhsa gun robh. Cha b' aithne dhòmhsa gun robh iad a' reic a-riamh. Ach cha robh dìth orra. 'S bha caoraich aca... cha robh aig m' athair ach leth croft athar, agus an leth eile aig am bràthair bu shine, agus bha dà mhart againn, 's bhiodh... mathaid gum biodh dà laogh ann cuideachd, uaireannan. Bhiodh... a rèir 's man a bhiodh iad a' tighinn timcheall. Ach bha m' athair a-riamh airson gum biodh bainne-geamhraidh againn - tè dhen a' chrodh, gum biodh i a' bleoghan anns a' gheamhradh. Agus... dè a-nist... dhìochuimhnich mi nise cò...

MNL: Nuair a bha iad ag iasgach, am biodh iad a' fuireach a-muigh oidhcheannan?

MNR: Bhitheadh. Bhiodh iad a' tighinn dhachaigh eadar Dihaoine 's Disathairne. Cha robh iad a-riamh a-muigh air an t-Sàbaid. Bha na h-eathraichean mòra air an ceangal air an [???] bho Phabaigh, àite... eilean mòr ris an canadh iad Pabaigh. Bha daoine ann uaireiginich. Agus chan eil uabhasach fad a bhliadhnaichean bho bhàsaich an duine mu dheireadh a bh' ann, a bhuineadh dhuinne ann am Bhaltos, Catrìona NicÌomhair. Agus... nis... rud sam bith eile? Chan eil cuimhn' agam.

MNL: Bhiodh iad... ach bhiodh iad a' fuireach... bhiodh iad a' cadal anns na bàtaichean?

MNR: Bha, a ghràidhein. Na bàtaichean aca, bha na... bha na...

MNL: Bha deic orra?

MNR: Bha deic orra 's bha leapannan annta, agus a h-uile duine 's a chuid phlaideachan fhèin aige. Agus am biadh. 'S bhiodh mo mhàthair a' toirt faisg air fad an latha a' deasachadh biadh a dheigheadh dhan a' bhàta. Bha dithis aca ann. Bha m' athair agus bràthair m' athar a bha na bhaidsealair, agus cha b' ann anns an aon eathar a bha iad idir. Ach... agus tha reusan air a sin, 's chan e aon reusan a th' air idir. Mus fhaodadh rud èirigh dhaibh, agus bha bràthair m' athar, Iain, bha e ann an eathar mac bràthar... 's e bean an duine sin, nighean bràthair-athar dha. Bha iad first cousin dha. Agus bha m' athair ann am bàta a mhuinntir Steòrnabhaigh ris an canadh iad na Smithaich. Agus a-nise, bha iad ann an dealachadh bhàtaichean...

MNL: Seadh. Airson nach... nan èireadh tubaist...

MNR: Gum biodh lorg... seadh. 'S e sin bu choireach nach robh iad còmhla... nach robh an dithis anns an aona bhàta, 's e bh' ann bàta m' antaidh, bàta le piuthar m' athar.

MNL: Agus 's e seo a bhiodh a' tachairt. Cha bhiodh... cha b' ann leis an sgiobair a bhiodh am bàta idir?

MNR: Cha b' ann. Cha robh aon... cha robh duine riamh aca cho... tha mise an aois a tha mi 's cha robh càil... cha chuala mi riamh na sgiobairean a bh' air na bàtaichean, gun robh am bàta leotha fhèin. Bhon, cha robh iad leotha. Cha robh airgead aca a gheibheadh iad.

MNL: Seadh. 'S ciamar a-nis a bha iad a' roinn an airgid? An robh an duine leis bu leis am bàta...

MNR: Bha iad a' dol gu cunntas a Steòrnabhagh uair anns a' bhliadhna, 's ma bha teaghlach aig an duine a bha na sgiobair, bha e a' faighinn brògan, agus 's e biastan de bhrògan tacaideach a bhiodh na balaich a' faighinn. Agus bha mise a' faighinn brògan le spriogachan, 's mi a' dol dà mhìle dhan sgoil.

MNL: Cò ris an can sibh... cò ris an can sibh spriogachan?

MNR: Chan eil fhios a'm.

MNL: Dè bu choltas dhaibh ma-thà?

MNR: Cha b' e tacaidean a bh' ann idir, ach...

MNL: Bha iad na b' fhaoine, 's dòcha?

MNR: Rudan beaga biorach air choreiginich.

MNL: Agus cha robh iad mar sin a' faighinn... am biodh an duine leis bu leis am bàta a' cumail...

MNR: Ò bha iad a' toirt dhaibh airgead. Dh'fhaighneachd e... cha robh e fiù nach biodh iad a' faighneachd dhaibh gu dè an rent a bha iad a' pàigheadh.

MNL: Dìreach a rèir dè am feum a bhiodh aca?

MNR: Agus dè an t-aodach a bha an duine... an robh e ag iarraidh aodach Sàbaid, no aodach... dè seòrsa aodaichean a bheireadh iad dhaibh. Agus cha robh duine againne nach robh a' faighinn aodach. Duine.

MNL: Dhen an teaghlach?

MNR: Dhen an teaghlach. Cha robh na h-uimhir a theaghlach againn. Cha robh ann ach ceathrar againn. Agus bha sinn a' faighinn aodach 's bha sinn a' faighinn brògan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good