Rannsaich

Cleachdaidhean pòsaidh ann an Uibhist.

Ceann-latha January 1963
Àireamh a’ chlàir 65469
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.89.A4+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.089

Geàrr-chunntas

Cleachdaidhean pòsaidh ann an Uibhist.

Tha am fiosraiche ag innse mu chleachdaidhean pòsaidh ann an Uibhist nuair a bha e òg. Seachdain ron phòsadh bhiodh an rèiteach ann. Bha seo air a chumail ann an taigh bean na bainnse agus bhiodh biadh, deoch agus spòrs gu leòr ann. Bhiodh gillean òga a' bhaile a' dol timcheall le cuireadh don bhanais fhèin. Bhiodh bainnsean a' dol fad na h-oidhche gu èirigh na grèine. Tha am fiosraiche den bheachd nach eil bainnsean air atharrachadh gu mòr thairis air na bliadhnaichean. Tha e a' toirt iomradh air an tochradh agus na bh' ann.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Lannraig

Paraiste - Glaschu

Baile/Àite - Glaschu

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Sin sibh ma-thà. Bha sibh a' dol a dh'innse dhomh mu chleachdannan pòsaidh 's cleachdannan bainnse.

Pàdruig Moireasdan (PM): Mar a bha iad nam chiad chuimhne, 's bha mi na mo fhleasgach aig dhà no trì dhiubh, chan eil mi a' faighinn mòran atharrachaidh annta san latha an-diugh.

Bha... tha aon atharrachadh beag ann, a bh' ann ri mo linn-sa bhith òg, sin, bha an còrdadh beag ann, 's e a chanadh iad an toiseach ri athair fear na bainnse 's duine no dithis eile a thigeadh, 's bha iad a' sònrachadh airson deoch 's biadh 's a h-uile nì. Ach cha bhiodh ann ach beagan cruinn.

Ach bha oidhche na bu mhotha a-rithist ann an dèidh sin, nuair a bha rèiteach ann. Tha mi a' tuigsinn an àm rèitich anns na seann linntean air ais gun robh aig na pàrantan taobh air thaobh ri bhith ag innse dè an tochradh a bha iad a' toir seachad, agus gum faodadh gur ann às a seo a thàinig an còrdadh beag cuideachd, mar gum biodh gum faigheadh iad a' chiad fhaighinn a-mach dheth, agus mura còrdadh a' chuis riutha 's dòcha gun tarraingeadh iad air ais.

Ach an rèiteach dòigheil, bha cuid mhath air an gairm, agus 's ann seachdain co-ainm na h-oidhche ron bhanais a bhiodh e ann. Cha robh nì ga dhèanamh, ach bha biadh 's deoch 's ceòl 's spòrs gu leòr ann. Bha duine no dithis, no barrachd, de dhaoine a bha gu math tuigseach, agus gu math ealanta, mar a their sinn, san teangaidh. Faodaidh sinn a ràdh witty sa Bheurla. Bha iad a' teannadh air siorradh mu chuairt le: "Gu dè thug a leithid seo a chruinneachadh a thaigh Dhòmhnaill no a thaigh Alasdair a-nochd?" Bhiodh duine eile ann a fhreagradh am fear seo a bhruidhinn an toiseach, gun robh e cinnteach gun robh e glè neònach mura biodh cuideigin sa chomann aig an robh fios air an adhbhar ged a bha iad gu chumail am falach.

Ach rud gu rud 's dòcha gun toirte cho math ri uair an uaireadair air an aiseag a bha ann a sheo air ais 's air adhart, urchraichean gu chèile. Gun teagamh bha fios aig a h-uile duine a bh' ann gu dè adhbhar a' chruinneachaidh. Agus aig a' cheart àm chanadh am fear fleasgach - bhiodh e ann co-dhiù, cinnteach - chanadh e: "Cha chreid mi fhìn, fhearaibh, nach b' fhiach an oidhche a-nochd drama, leis cho math 's a tha i a' còrdadh ris a h-uile duine againn," agus riarachadh e botal.

Agus chunnaic mise feadhainn dhe na bodaich an dèidh an gnothach a sheulachadh mu dheireadh, gun do bhuail cuideigin an tarrag air a' cheann gu dè adhbhar a' chruinneachaidh, nuair a chanadh e: "Tha agam ri innse dhuibh a-nochd, agus mòr an toil-inntinn a tha e a' toir dhomh, gu bheil sinn ann a sheo cruinn le Iain," no ge b' e dè an t-ainm a bhiodh air a' ghille a bh' ann, "ag iarraidh làmh Màiri, nighean òg an taighe seo, airson a pòsadh, agus chan urrainn dhòmhsa a dhol nas fhaide air adhart ach gum fàg mi aig a pàrantan e, agus aig pàrantan a' ghille cuideachd, Iain ann a sheo. Tha mi eòlach orra le chèile. Tha mi eòlach air na daoine on tàinig iad. Agus tha buintealas beag agam riutha taobh air thaobh, agus bu ghlè mhath leam am faicinn air an cur le chèile airson an càirdeas a neartachadh. Cha mhiste an càirdeas a dhùblachadh idir, chanadh na seann daoine leis bu leis sinn."

Agus reigheadh drama eile mu chuairt an uair sin, 's cha bhiodh e beag, agus bha an stuth gu math na bu làidire na th' ann san latha an-diugh, agus cuid dheth 's dòcha gur ann a-muigh air a' mhonadh a chaidh a dhèanamh. Ach cha robh e ro phailt idir. 'S ann fo lùirich a dh'fheumte a h-uile nì a bha timcheall air a bhith, ach bha feadhainn ann a bha gleusta gu leòr gun d' reigheadh aca air a chumail am falach. Cà robh màthair an stuth a bha e a' riarachadh, na sheanmhair, 's e an atharnach a sheanmhair, mar a bha anns an òran aig an fhear eile, an t-eòrna buidhe is athair dhomh, 's e an atharnach mo sheanmhair.

Agus mu dheireadh thall chunna mise feadhainn dhe na bodaich mi fhìn aig rèiteach 's mi am fleasgach a bh' ann, fear a bha glè chàirdeach dhomh fhìn, chunna mi iad air cheannaibh an stocainnean, chaith iad dhiubh am brogan, 's bha iad air cheannaibh an stocainnean, a' dannsa, 's feadhainn aca a chaith dhiubh seacaidean leis an fhallas.

IM: Nist, nuair a bha, canaibh, càraid a' dol a phòsadh, chuir iad romhpa gum pòsadh iad, an robh, ri ur cuimhne fhèin, canaibh, duine no dithis a' falbh leis an duine òg a' dol a dh'iarraidh cead air pàrantan na h-ìghne?

PM: Cha robh, anns na chuir mise eòlas air. Cha robh. Cha robh idir. Bha an gnothach air a chur air dòigh gu dòigheil, agus 's ann às a sin really a thàinig an còrdadh beag, mar gum biodh, ron a' chòrdadh mhòr, mar gum biodh tu a' dol ann dìreach ga nochdadh fhèin 's tu a' cur air dòigh rudan chor 's gum biodh iad ceart gu leòr, nach biodh an nì ceàrr nuair a reigheadh an rèiteach a chur adhart seachdain on oidhche sin. Cha robh.

IM: Agus a-nist, cò gheibheadh fiathachadh no cuireadh chun an rèitich?

PM: Na dlùth-chàirdean.

IM: Dè cho fad 's a bha seo a' dol a-mach a-nist?

PM: Uill, bha e a' toir a-staigh nan coimhearsnach agus nan càirdean. Clann peathraichean athar agus clann bràithrean athar, agus na coimhearsnaich a bha mu chuairt. Ach cha robh e air a chraobh-sgaoileadh idir mar gum biodh gu baile, nam biodh baile beag.

IM: Seadh. Agus cha robh an càirdeas, mar gum biodh, a' dol cho fada ri daoine a bhiodh sna h-oghaichean?

PM: Ò bha, ma bha iad faisg air làimh, far am biodh e furasta gu leòr dhaibh a bhith ann. Ach am bitheantas cha bhiodh ann barrachd air mu dheich duine fichead, no 's dòcha cho beag ri fichead fhèin, a bharrachd air teaghlach an taighe far an robh bean na bainnse.

IM: Agus an uair sin, bhiodh biadh a' dol aig an rèiteach, dìreach mar bhiodh aig a' bhanais?

PM: Ò bha. Ò, biadh 's deoch.

IM: Biadh 's deoch.

PM: Cha bhiodh banais uair sam bith na b' fheàrr na rèiteach. Cha b' urrainn e a bhith.

IM: Agus, ciamar a bhathas a' suidheachadh nan daoine? An robh dòigh shònraichte air an suidheachadh, no dad mar sin?

PM: Bha e na chleachdadh aca, nam biodh coigrich co-dhiù air a' bhanais, luchd-eòlais a thigeadh air astar, bhiodh cuideigin ann a shònraicheadh nan dìslean bu dlùithe air a' chàraid òg, gum biodh iad na bu dlùithe no nan suidhe aig ceann nam bòrd. Agus shìos bhuaithe sin dìreach mar a fhreagradh e orra fhèin a dhol a-staigh.

Uill, a' bhanais mu dheireadh aig an robh mise, san dùthaich, bhathar gar n-èigheach air ar n-ainm, agus nam biodh fear 's bean ann, mar a bha mi fhèin 's mo bhean, bha sinn ri taobh a chèile ann an àite àraid, agus mar sin air aghaidh. Bhathar ag èigheach air feadhainn an siud 's an seo, feadhainn nach biodh ann idir, feadhainn a bhiodh a' bhean ann 's cha bhiodh am fear ann, 's dòcha gum biodh e shìos a' faighinn cuideachadh a shlàinte shìos ceann an rathaid.

Ach am bitheantas, chan eilear mar seo, ach gum bi e freagarrach gun suidh pàrantan bean na bainnse agus pàrantan fear na bainnse dlùth air a' chàraid òg, 's a' mhaighdeann 's an fhleasgach, an ceathrar, no còignear ma bhios barrachd ann, ma bhios dà mhaighdeann no 's dòcha trì, mar a thachras ann an cùisean.

Uill, nuair a bha mo mhac fhèin a' pòsadh, 's e màthair na mnatha a bha còmhla riumsa, agus 's e mo bhean-sa a bha còmhla ri athair na mnatha. Sin mar a bha sinn air cur nar suidhe. Agus 's ann air gach taobh mu choinneimh a chèile aig na bùird a bha sinn.

IM: Ach a-nist, an e seann chleachdadh a bha sin? No an e nòs ùr a bha seo?

PM: Ùr. Ùr a bha e. Ùr a bha e. Rudeigin ùr a bh' air tighinn a-mach. Agus bhithinn a' coimhead airson leithid a Ghalltachd, agus chuir mi ann a shiud e, ò bha e math gu leòr. Chòrd e rium taghta fhèin math. Bha mise a' molachadh ris a' chaillich fad na h-oidhche, 's cha chreid mi nach robh an duine aicese a' molachadh ris a' bhean agamsa, agus chumadh an dithis am molachadh ris. Tha mise ag innse dhut gun robh... bha an oidhche math. Agus, deoch gu leòr, ceòl gu leòr, 's dannsa gu leòr, 's biadh nach b' urrainn dhaibh a ghabhail ann. Agus chan eil banais aig an taigh a' stad mura bi i ann an hall far am feumar craobh-sgaoileadh aig dà uair sa mhadainn. Ann an àite sam bith eile chan eil i, gu bheil soilleireachd an latha ann 's a' ghrian bheannaichte a' cur mu dheidhinn èirigh. Siud e.

IM: Agus tha sin a' dol gus an latha an-diugh?

PM: Ò gus an latha an-diugh. Ò tha. Agus tha mi an dòchas gum bi nas fhaide.

IM: 'S a bheil cuimhn' agaibh fhèin air bainnsean a bha a' dol fad dhà no trì làithean?

PM: Ò chan eil. Chan eil, ach faodaidh mi ràdh, on a thòisicheadh an rèiteach, nach mòr nach e aon bhanais a bh' ann uile, gus am biodh a' bhanais ullamh.

IM: Cha robh na bainnsean mar sin, ris an linn agaibhse, ach dìreach latha. Ach mar a tha sibh ag ràdh, gur e fad seachdain bainnse a bh' ann?

PM: 'S e. Thòisicheadh iad ris a' chòrdadh bheag. Cha bhiodh aig a' chòrdadh bheag ach beagan, 's bhathar a' faighinn air dòigh cò na bheir sinn gun an rèitich, agus biadh 's deoch, 's rudan dhen t-seòrsa sin. Uill, bhiodh an rèiteach ann an uair sin, an ceann na h-ath sheachdain, agus bha a h-uile nì air a chur air dòigh an uair sin airson oidhche na bainnse, 's fiathachadh fada farsaing, 's...

IM: 'S ciamar a bhathas a' fiathachadh daoine chun na bainnse?

PM: Ò, duine no dithis a' dol mu chuairt.

IM: 'S cò bhiodh a' dol mun cuairt? Cò bhiodh... an robh...

PM: Feadhainn sam bith a bhiodh sa choimhearsnachd. Gillean òga. 'S cha robh taigh aca ri fhàgail, agus ma bha feadhainn astar air falbh bhuapa, 's gun robh iad eòlach air grunnan de dh'eòlaich ann, chuirte gu aon duine sa bhaile a bhiodh ann a shin a bha càirdeach do sgioba na bainnse - ge be cò an taobh cha robh e gu diofar - chuirte litir thuige, "Bheir cuireadh dhan teaghlach ud 's dhan teaghlach ud 's dhan teaghlach ud eile," agus dhèanadh esan sin.

IM: Agus cha leigeadh iad a leas a bhith càirdeach dhan... [???] bainnse?

PM: Ò cha leigeadh. Ma bha càirdean mu chuairt orra 's gum biodh teaghlach no dà theaghlach ann nach robh càirdeas idir aca, bha iad sin air am fiathachadh an aon rud. Cha robhar a' dol a dhol seachad air an doras aca idir.

IM: Seadh. Ach 's ann a bha mi a' ciallachadh an fheadhainn a bha a' dol a-mach, a' toirt an fhiathachaidh seachad?

PM: Ò cha ruigeadh iad a leas. No, no.

IM: Agus 's e gillean a bhiodh ann an-còmhnaidh?

PM: 'S e, gillean. Ò 's e gillean. Gillean an-còmhnaidh.

IM: 'S am feumadh iad a bhith gun phòsadh iad fhèin?

PM: Cha robh e gu diofar. Ged b' e fireannach pòsta a bhiodh ann, cha robh e gu diofar. Ach 's e feadhainn nach robh pòsta sa bhitheantas a bh' ann, agus a bha a' tairgse: "Thèid mise mu chuairt a dh'fhiathachadh." 'S chanadh fear eile: "Bhiodh leth-dusan ann a reigheadh mu chuairt a dh'fhiathachadh."

IM: Seadh, dìreach. Agus a-nist, nuair a tha... dè their sibh ri fear na bainnse? An e fear na bainnse, no...

PM: Fear na bainnse.

IM: Fear na bainnse. Agus bean na bainnse?

PM: Agus bean na bainnse.

IM: Agus am fleasgach, an e?

PM: Am fleasgach, 's a' mhaighdeann.

IM: 'S a' mhaighdeann. Agus tha na h-ainmeannan sin a' dol gun an latha an-diugh?

PM: Ò gun an latha an-diugh.

IM: Agus, nuair a their... can nuair a bha sibhse nur fleasgach aig leithid seo de dhuine, an canadh sibh gun robh sibh a' pòsadh aige, no còmhla ris? No an canadh sibh gun robh sibh comhailteachd?

PM: 'S ann san Eilean a tha comhailteachd?

IM: Uh-huh, chan eil e agaibhse idir?

PM: Chan eil e againn idir, ach: "Bha mi nam fhleasgach aig pòsadh Dhòmhnaill," no rud dhen t-seòrsa sin. "Is mi am fleasgach a bh' aige." Chan eil e gu diofar cho fhad 's a... ach cha chanainn comhailteachd. Chan eil e againn idir.

IM: Seadh, dìreach. Agus nist, bha sibh a' ràdh mu dheidhinn an tochraidh bho chionn fhada. Bha an tochradh a' tighinn on dà thaobh, an robh?

PM: Ò bha. Bha. 'S bhiodh na cinn rin cur ri chèile, ach bha sin ron àm agamsa. Bha e air sgur.

IM: Agus dè bh' anns an tochradh? Dè... an e...?

PM: Gu dè a bha pàrantan na maighdinn a' toir dhi, no bean na tè a bha a' dol phòsadh, ann an rathad crodh 's caoraich, agus gu dè bha an gille a' faighinn, mura robh e a' dol a-staigh còmhla ri [h-]athair 's ri màthair, gu dè bha e a' faighinn, ma bha e a' dol air fearann... pìos fearainn dha fhèin, o athair 's a mhàthair fhèin. B' e seo an tochradh.

IM: Agus an robh... am biodh sprèidh anns an tochradh a bha esan a' toirt dhan ghnothach cuideachd?

PM: Ò bhitheadh.

IM: Agus an robh roinn shònraichte sam bith air gnothaichean mar a bha àirneis taighe, no plangaidean 's a leithid sin? An robh sin a' tighinn o thaobh seach taobh?

PM: Bha cuideachadh, cuideachadh air gach taobh, air a h-uile nì a b' urrainn dhaibh a thoir dhan chàraid òg airson taigh a shuidheachadh dhaibh fhèin. Cuideachadh anns a h-uile dòigh a b' urrainn dhaibh. A bharrachd air stoc 's eile. Thugadh rud sam bith eile a b' urrainn dhaibh a thoir dhaibh, mar a bha buntàta 's sìol 's rud airson an earraich a bh' air thoiseach orra, 's aodaichean, 's bhiodh an-còmhnaidh, an-còmhnaidh aodaichean air am fighe, cuibhrigean 's plangaidean - tha sin gun an latha an-diugh a' dol, ann an... ga shìneadh seachad do chàraid òg.

IM: 'S cha chuala sibh riamh gun robh aig bean na bainnse leithid seo de stuth a thoirt, mar a bha plangaidean, agus aig fear na bainnse dòcha àirneis no sprèidh? Cha robh a leithid sin de roinn idir sa ghnothach?

PM: Ò cha robh. Mar gum biodh ri thoir seachad o gach duine aca, dhan taobh eile? Ò cha robh. 'S ann a bha an cruinneachadh ri dhèanamh gun na càraid òg o gach taobh, o na pàrantan air gach taobh. Cruinneachadh a thoirt dhaibhsan airson gun d' reigheadh aca air bothan a chur suas dhaibh fhèin. Sin mar a bha e. Agus na b' urrainn am pàrantan air gach taobh a thoir dhaibh, 's dòcha mart no dà mhart, no leth-dusan caora no rud dhen t-seòrsa sin aig gach taobh, 's bha e a' toir cothrom dhaibh gun robh iad a' faighinn air an cois, airson suidheachadh beag, ga liubhairt le bideag fhearainn iad fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math