Feumalachdan na h-àirigh
Date 05 May 1982
Track ID 68028
Part 1 Loading...
Part 2 Loading...
Part 3 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1982.180

Original Tape ID

SA1982.180

Summary

Sheiling life.

A detailed account of sheiling life, including the following:

The milkmaid: her clothing.

The shepherd: his clothing.

The bed: made from stone, and covered with turf, heather, grass, etc.
seating: the 'cailleach' - the edge of the bed; a plank of wood; or, a peat or two.

Other amenities: tongs; kettle; pot-hook and chain; pan; milkpail; mug; scallop shell; etc.

Food: porridge; milk; bannocks; berries; wild birds' eggs; fresh fish; etc.

There is mention of cattle and related topics, and finishing with the preparations of returning home at the end of three months.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Village - Tolsta

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Nise, tha sibh a' dol a bhruidhinn air feumalachdan na h-àirigh, agus 's e a' chiad rud a th' agaibh ann a sheo, a' bhanchag.

Donald MacDonald (DM): A' bhanchag. Uill cha bhiodh àirigh ann gun banchag, no buachaille, no crodh. Bha sin trì nithean a bhiodh feumail an-còmhnaidh.

IP: Bhitheadh, dìreach. Agus dadaibh a-nise, facal cumanta agaibhse, banchag, an e?

DM: 'S e.

IP: Agus an robh am facal banarach agaibh?

DM: Cha robh.

IP: Ò seadh, 's e banchag a chanadh sibhse.

DM: 'S e, banchag.

IP: Agus sin anns a' Bheurla, milkmaid?

DM: Milkmaid, 's e.

IP: Sin agaibh e, dìreach. Agus a-nise, an t-aodach-latha a bhiodh air a' bhanchaig, bhiodh...

DM: Còta. Còta goirid airson nach deigheadh a fhliuchadh a' coiseachd tron fhraoch no càil dhen t-seòrsa sin. Agus bha e furasta nam biodh iad a' leum fèith [???] cha robh càil a mhath dhaibh còta cumhang a bhith aca. Dh'fheumadh e...

IP: Dh'fheumadh e a bhith farsaing gus...?

BM: Farsaing aig a' bhonn.

IP: Agus an robh a-nise còmhdach aca ris an canadh iad còta-drògaid?

DM: Còta-drògaid. Bhitheadh. Uill, 's e... an còta sin, drògaid dhe robh e air a dhèanamh.

IP: 'S e, dìreach. Tha mi a' tuigsinn a-nise. Agus...

DM: Polca.

IP: Polca?

DM: Tha mi a' creidsinn gur e blouse a bhiodh aca air an-diugh, ach 's e polca a bhiodh againne.

IP: Ò 's e, 's e, 's e, 's e, 's e.

DM: Còta 's polca, 's e bhiodh aca.

IP: Agus an e anart le spotan air an robh e air a dhèanamh?

DM: Bha e air a dhèanamh de rud sam bith a bhiodh aca.

IP: Agus polca, am biodh e... an e còmhdach cinn a bh' ann?

DM: Cha b' e polca, beannag an còmhdach cinn.

IP: Ò 's e, 's e. Ach nis, anns an òran, polca tidy shuas.

DM: Seadh. Polca, 's e bhiodh orra. 'S e. Polca tidy. 'S e, bhiodh e shuas, a-muigh air muin do chòta.

IP: Ò dìreach. Tha mi... chan e còmhdach...

DM: Bha putanan sìos a' bhroilleach, agus man a bha... mun a' bhann-dùirn, bha putanan an sin cuideachd.

IP: Bha. Agus an ath rud a th' agaibh ann a sheo.

DM: A' phleada. Bhiodh pleada ann cuideachd. Osanan.

IP: Agus a' phleada a bha seo, an e... dè... ciamar...

[Stad sa chlàradh an seo.]

IP: Nise, bha sinn a' bruidhinn air... phleada a chanas sibhse, an e?

DM: Pleada, 's e.

IP: Agus 's e seo rud ris an canadh anns a' Bheurla, a plaid?

DM: Cha b' e, ach a shawl.

IP: A shawl.

DM: A shawl. Dìreach, bha e man guailleag, a bheil fhios agad.

IP: Bha dìreach.

DM: Bhiodh e timcheall air an guailnean.

IP: Timcheall air a' ghuala.

DM: 'S chumadh e dust 's rudan mar sin o dhol sìos mun amhaich.

IP: Ò, seadh seadh.

DM: Osanan cuideachd.

IP: Osanan. Nise, an e stocainnean...

DM: Stocainn agus bha am bonn air a thoirt às, agus bha rud ris an can iad srùlag. Srùlag man dul, 's bha sin a' dol timcheall dhà dhe na h-òrdagan, 's chumadh e gun... bonn na stocainn a' gluasad.

IP: Agus leis an sin, osanan, bha iad mar gum biodh stocainnean gun bhonn?

DM: Gun bonn. Sin a bh' ann. Agus srùlag... srùlag orra, agus bha iad... gu math tric bha iad a' cur teip air oir anns an do gheàrr iad am bonn às. Bha iad a' cur teip air, airson nach ruitheadh...

IP: Bha dìreach, airson nach ruitheadh an snàth.

DM: An snàth. Bha. Bha. 'S bha iad a' cumail nan casan glan. Agus aig an àm ud cha robh na boireannaich airson a' sealltainn an casan do dhuine sam bith, agus bha sin adhbhar eile airson gun robh na h-osanan aca.

IP: Bha. Agus leis an sin, bha sibhse a' cur dealachadh eadar stocainnean 's osanan?

DM: Ò bha.

IP: Bha, dìreach.

DM: Cha robh ann an osan ach seann stocainnean.

IP: Cha robh, dìreach. Tha mi a' tuigsinn a-nise.

DM: Seann stocainnean air a dhèanamh nan osanan.

IP: Seadh, dìreach. Agus a-nise, an t-aparan.

DM: Uill, dh'fheumadh aparan a bhith agad an-còmhnaidh, às bith... oir chan e a-mhàin gun robh iad gad chumail glan, ach nam biodh tu a' dèanamh càil, a' toirt a-steach mòine 's mathaid, [?seòrsa] sam bith, no a' dol a dh'àite sam bith bha an t-aparan eagallach feumail. Nam biodh tu a' toir beagan feòir dhan a' bhò, no càil, bha tòrr feum ann an aparan.

IP: Bha. Bha, dìreach. Bha e feumail... Agus bheireadh iad, mar a chanadh iad, làn a sgùirde?

DM: 'S e. Sin an sgùird. Uill 's e sgùird, 's e an t-aparan a bh' anns an sgùird. Uill, cha toireadh tu càil leat... glè bheag leat anns a' chòta. Bhiodh cuideachd ort, còta-dronnaig air a bhiodh iad... bha iad a' dèanamh man...na chnap, seann chòta, air an do chuir... laigheadh iad an cliabh, air a chuireadh iad an cliabh air am muin, air seann chòta. Còta-dronnaig a bhiodh aca air. Bha e man pad, faodaidh tu a ghràdh ann an siud.

IP: Bha, dìreach. Fon a' chliabh.

DM: Agus bha sin a' toirt...

IP: Bha, bha e ga dhèanamh socair.

DM: Bha, agus... bha an cliabh na b' fhasa a thoir leis, leis an còta-dronnaig fodhaibh.

IP: Bha. Bha, dìreach. Bha e na b' fhasa a ghiùlan. Seadh. Agus, nise, bhiodh a-staigh aca, bhiodh crochte ris a' bhalla, bhiodh sgàthan ann.

DM: Ò dh'fheumadh sgàthan, bhon a bha iad... dh'fheumadh sgàthan. Agus bhiodh Bìoball fon a' chluasag anns an leabaidh.

IP: Ò seadh, seadh. Bhitheadh, dìreach.

DM: Bhiodh sin ann co-dhiù. Sgàthan agus Bìoball.

IP: Ò bhitheadh, bhitheadh. Bha sin dà rud a dh'fheumadh a bhith ann. Agus, nise, an còmhdach a bhiodh air a' bhuachaille?

DM: Cha robh mòran air. Briogais sìos gu meadhan a' chalpa. Bha sin cuideachd airson nach biodh e... nam biodh e ro fhada, bhiodh e an-còmhnaidh anns a' pholl. Agus [???] gu math tric, bhuaileadh... mar gum buaileadh d' òrdag mhòr air clach an àiteigin, 's thigeadh buille thuige fon ìne agad, 's bhiodh tu a' dannsa airson greiseag gu 'm falbhadh an dèireach an seo. Cuideachd, an sìde fhliuch, bhiodh fon an òrdag mhòr, bhiodh gearradh a' tighinn ris an canadh iad drùchdan.

IP: Ò, drùchdan.

DM: Drùchdan. Chan eil fhios a'm an cuala thu am facal a-riamh?

IP: Agus a-nise, an robh sibh a' cur eadar-dhealachadh eadar drùchdan 's dèislinn. Nach robh rud ann ris an canadh iad dèislinn?

DM: Cha chuala mi sin a-riamh.

IP: Ò seadh, seadh. Ach 's e drùchdan a chanadh...

DM: Drùchdan a bhiodh againne air. 'S bhiodh tu a' faighinn pìos clòimhe 's bhiodh e... [?chur car mud] òrdag airson cumail an fheur... cumail an fheòir a-mach às an toll.

IP: Agus dè a-nis an ath rud a th' agaibh?

DM: Leabaidh. Leabaidh. Uill bha leabaidh againne, anns an àirigh againne, bha i... 's e clach a bh' innte, 's bha i mu choinneamh an teine, 's bha i mu... eadar dhà 's trì troighean air a togail suas le clach bhon an làr, agus bha sreath chlachan air beulaibh na leapa, anns an robh am bòrd-slios. Agus dheigheadh... laigheadh sinn a-mach, bha sinn a' cur trì no ceithir a theintean air ùrlar na leapa, airson cur air falbh fuachd a' gheamhraidh às na clachan. 'S air a bhàsaich an teine sìos bha sinn a' sguabadh sin air falbh, agus bhiodh sinn an-còmhnaidh a' cumail seann sgrathan fo... aig oir na leapa air a dheigheadh sinn dhachaigh an samhradh ron an seo. Sgrathan tana. 'S bhiodh iad tioram. 'S bha sinn a' cur sin air muin nan clachan teth, mus cuireadh sinn fianach 's fraoch, no luachair no stàrr. Sin na rudan a bhiodh againne. Fianach, fraoch... bhiodh an-còmhnaidh, 's e fraoch man bu tric, 's e bha a' dol air muin nan sgrathan, 's bha thu a' cur air muin sin, bha thu a' cur... 's e fianach a bu docha leamsa, no stàrr. Bha luachair, bha e a' cumail rudeigin fliuch airson greis, agus bha i na bu chruaidhe na càch, ach bha fianach math, 's bha fàileadh àlainn cùbhraidh bhon an fhianach. Feur on a' mhòinteach. 'S bha thu a' cur an uair sin na plaidichean 's na siotaichean 's na cluasagan 's a h-uile càil a bh' ann.

IP: Ò bhiodh e cho cofhurtail ri...

DM: Ò bha e cho cofhurtail. Ach a' chiad oidhche no... a' chiad trì oidhche, bha an àirigh fuar, mus deach... mus tàinig... deach blàths dha na clachan anns a' bhalla. Ach bha i an-còmhnaidh fuar a' chiad dhà no trì oidhcheannan.

IP: Ò bhiodh sin buailteach gu leòr.

DM: Ò bhitheadh, mus deigheadh fuachd a' gheamhraidh fhuadach a-mach. Agus bha an litear sa... 's e litear a bhiodh againne air a' chonnlach 's na rudan mar sin a bha sinn a' cur fodha. Litear. 'S bha sin ga chur a-mach dhà no trì uairean san t-seachdain, ga chrathadh a-muigh, air an fhraoch 's ga thoirt a-steach a-rithist, airson 's gum biodh e tioram agus glan. Agus [?nuair] a chaitheadh tu an rud... man a chaitheadh tu air a thoirt a-mach 's a-steach, bha thu a' cur tuilleadh fianach na mheasg. 'S an latha a bhiodh tu a' dol dhachaigh, 's e an rud mu dheireadh a bha thu a' dèanamh, bha thu a' toir an liteir a-mach 's ga losgadh. 'S nuair a chitheadh an crodh an litear ga losgadh, bha na seann bheathaichean, bha iad ag aithneachadh gun robh a thìde acasan falbh. Cha leigeadh tu a leas an uair sin iarraidh orra a dhol chun a' bhaile. Bha iad a' falbh leotha fhèin. Bha an litear ga losgadh.

IP: Ò bha iad a' tuigsinn glè mhath. Agus... socair oirbh a-nise...

DM: Goireasan a bhiodh aca. Mòine, bhathas a' buain mòine airson... a' bhliadhna ron an sin, airson an ath bhliadhna. Clobha - dh'fheumadh tu sin, clobha 's coire 's slabhraidh, prais 's pùlais 's sgeileid.

IP: Nise, dè am facal a bha siud agaibh? Pùlais?

DM: Pùlais. Sin an làmh a bha thu a' toir dhan phrais, bheil fhios a'd. Bha... dhèanadh tu e...

IP: Ghabhadh e lùbadh... Bha dìreach.

DM: Bha e airson prais sam bith. Bha... dè chanadh tu ris... bha iad mar siud.

IP: A' dol an lùib a chèile.

DM: Airson gun cuireadh tu e... airson prais sam bith. Am faca tu riamh pùlais?

IP: Chunnaic. Chunnaic. 'S e bùileasg a chanamaid-ne.

DM: Ò seadh. Uill, 's e pùlais a bh' againne air. Ach co-dhiù. Tha seann fhear agamsa aig an taigh an àiteigin. Prais 's pùlais agus sgeileid. Bhiodh gu math, tric bhiodh an ceàrd a' dèanamh sgeileid dhuinn cuideachd. Bhiodh aig a' cheàrd gu math tric, air a gheibheadh tu tiona anns an robh... anns an robh syrup de rud mar a tha trèicil mar sin, chuireadh e làmh air agus dhèanadh toll 's chuireadh e spùt ann a sheo, a bheil fhios agad. Bha e a' dèanamh sgeileid dhut ann am mionaid. Bha.

IP: Seadh, agus dè a-nis an ath rud a th' agaibh?

DM: Bhiodh againn cumain. Cumain. Meadar. Mias.

IP: Ò dadaibh a-nise. Dè an t-eadar-dhealachadh a bh' eadar cuman 's meadar?

DM: Cuman a bhiodh againne airson a' bhainne. Ach tha seann chuman, 's e meadar a dhèanadh sinn dheth, airson nighe ar casan ann, no... no a' toirt biadh dha na... do bheathach.

IP: Seadh, seadh. Nise, 's ann air fiodh a bha iad air an dèanamh?

DM: 'S ann, air an dèanamh.

IP: Agus dè an tuaiream meudachd a bhiodh annta? Am biodh iad...

DM: Bhiodh iad mu throigh.

IP: Mu throigh...

DM: Am beul aca, dìreach tarsainn a' bheul. Agus an cuman, a bheil fhios a'd, dh'fhaodadh tu a chur eadar do chasan agus a' bleoghan, agus am bainne a chur ann.

IP: Dh'fhaodadh, dh'fhaodadh, dìreach.

DM: 'S e peile a bhiodh aca man as trice, ach dh'fhaodadh an cuman cuideachd.

IP: Agus a-nise, ach cha robh bùilseag no rud dhen t-seòrsa sin air a' chuman idir airson a thogail.

DM: Cha robh. Cha robh.

IP: Cha robh e dìreach ach...

DM: Chunna mi feadhainn anns an robh làmhan air a' chliathaich...

IP: Air gach taobh, sin agaibh e.

DM: Ach cha robh... cha robh sinne cho uasal ri sin idir.

IP: Cha robh, dìreach.

DM: Agus soithichean bainne, bha botail ann, miasan, miasan crèadha. 'S ann am miasan crèadha mar siud, 's ann a bha thu a' cur a' bhainne, 's bha thu gam fàgail airson dà oidhche man as tric, 's bha thu a' cur fiodh no clach airson nach deigheadh dust ann a shin, 's bha tuill anns a' bhalla, anns an cuireadh tu...

IP: Ò anns an deigheadh na miasan a bha...

DM: Chuireadh tu na miasan a-steach ann an sin. Agus... thèid sinn chun an sin fhathast. Miasan crèadha. Muga seipeinn, bhiodh sin agad, muga seipeinn. Searragan. Sileagan, no jam jars. Slige-chreachainn...

IP: Nise, dè seipeinn a bha seo? Dè... an e... an e leth-phinnt a bhiodh ann?

DM: Bhiodh mu... bha e a' gabhail suas... ò bha, dà phinnt co-dhiù, no barrachd. Bha. Agus, slige-chreachainn a bh' againn air a bhiodh tu a' togail a' bhàrr, no an t-uachdar. 'S e slige-chreachainn a bh' againn. Agus bha cuid a dhaoine a bha toll aca a-nis anns... ann am màs na slige-chreachainn, airson air a bhiodh iad a' togail a' bhàrr, gun tuiteadh... nan togadh iad e, am bainne, gum falbhadh e às.

IP: Dh'fhalbhadh, dh'fhalbhadh. Dh'fhalbhadh, dìreach.

DM: Dh'fhalbhadh. Na suidheachain a bhiodh agad, bha a' chailleach... 's e a' chailleach bhiodh air againn air a' bhòrd-slios, na clachan a bha seo air beulaibh na leapa. Bha sinn a' cur sgrathan tana, tioram air an sin cuideachd, 's bhiodh... bha thu a' suidhe air an sin.

IP: Agus 's e a' chailleach a bh' agaibh air an seo?

DM: Shin agaibh e.

IP: 'S e, dìreach.

DM: Chan eil fhios a'm carson, ach 's e a' chailleach a bh' ann. Suidh air a' chailleach, 's e a chanadh tu. A' chailleach, bha e... sèis cloiche air gach taobh dhen àirigh, bha sèis cloiche, agus sgrathan air a' mhuin cuideachd. Agus sorchan fiodha. Gheibh thu pìos maide sam bith, no [???], no gu math tric, mana... nuair a bhiodh cus a-staigh anns an àirigh, bha thu a' faighinn fàd no dhà 's a' dèanamh sorchan air, sorchan-mònach mar sin.

IP: Bha, dìreach. Nise, an robh am facal being agaibh?

DM: Bha, ach cha bhiodh being air an àirigh.

IP: Cha bhitheadh. Cha bhitheadh.

DM: Ach bhiodh sin anns an taigh.

IP: Agus an canadh feadhainn sèis rithe?

DM: Uill, chanadh. Suidheachan a bhiodh againn air, air an àirigh. Sèis aig an taigh, ach suidheachan a-muigh air an àirigh.

IP: Seadh, dìreach. Ach air an àirigh, cha bhiodh agaibh ach a' chailleach agus...

DM: A' chailleach agus suidheachan ann an siud.

IP: Suidheachan no furan, no stòl. Siuthadaibh ma-thà.

DM: Mar a thuirt Kirsteen Alasdair Ruaidh rium uaireigin, chan fhaigh duine a lòn air bàrr an fhraoich, agus dh'fheumte gach oidhirp a dhèanamh gus nach biodh dìth air an each. Siud mo mhàthair, Kirsteen Alasdair Ruaidh.

IP: Ò 's i, dìreach.

DM: Biadh. Bha min, lite, bonnaich, stapaich. Cuideachd maigheach 's sabhs bhric. Bha min a' dol air sabhs a' bhric an-còmhnaidh, làn de dhùirn de [???]. Greideal, salann, siùcar. Nan cois dh'fheumte bòrd-fuine, agus bha e aca ite... ite de dh'itean cearc airson glanadh...

IP: Ò bha, airson glanadh na greideil. Ach... bha rudeigin a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhibh... Thuirt sibh stapag, an tuirt?

DM: Seadh.

IP: Agus an e sin rud ris an canadh feadhainn eile fuarag?

DM: Stapag againne, bha thu a' faighinn bobhla 's bhathas a' cur... de bhainne goirt, bainne tiugh, agus bha thu a' cur beagan min na mheasg agus bàrr, 's bha thu a' measgachadh a h-uile càil sin. Fhuair mi sin bho chailleach am Mòinteach Ùig, a bhith a' coiseachd... Lean mi crìoch na Hearadh 's Leòdhais uaireigin dhe robh an saoghal. Agus bha cion bìdh aca ann a shin. Bha iad a' feitheamh ri biadh a thighinn, air eathar, agus thug i dhomh bobhla stapaig, 's abair gun robh e math.

IP: Ò bhiodh i math cuideachd. Bha. Uill, 's ann le min-choirce a bhiomaid-ne ga dèanamh.

DM: 'S ann, 's ann.

IP: 'S ann, dìreach. Agus dìreach min-choirce 's uachdar.

DM: Seadh, 's ò bha e math.

IP: Agus bha e glè mhath.

DM: Bha e blasta.

IP: Agus... ach cha bhi mi a' cur... nise...

DM: Bhiodh sinne cuideachd, bha sinn a' faighinn... air a dheigheadh sinn a-mach anns a' Mhàigh, uighean, a h-uile seòrsa ugh. Bha iad a' faighinn toiseach an t-samhraidh uighean corra-ghritheach. Bha iad siud, bha blas èisg orra, [???]. Geòidh... ò bha uighean geòidh math. Bha iad blasta. Faoileag. Cha bu chaomh leam fhèin an ithe - bha blas iasg orra cuideachd. Uighean feadag. Ò, bha uighean feadag... cha chreid mi nach iadsan bu bhlasta idir, idir. Ò bha iad math dha-rìribh.

IP: 'S e a' churracag a chanamaid-ne rithe.

DM: 'S e. Uill, a' churracag agus feadag. A' churracag, lapwing. Feadag aca air plover. Cha robh... cha robh curracag anns a' bhaile againne nuair a bha mise òg.

IP: Nach robh?

DM: Chan fhaca mise iad gu às dèidh a' chogaidh mu dheireadh. Tha iad pailt ann an-diugh, ach cha robh aon... chan fhaca sinn gin aca riamh. 'S ann an Nis a chunna mise iad, dà mhìle dheug tuath air a' bhaile againn fhìn, 's bha iad ann an sin pailt 's cha robh aon aca an Tolastadh.

IP: Nach robh sin iongantach.

DM: Tha e iongantach. Bha... cearc-fhraoich, bha uimhir... uighean learg, bha an learg a' neadachadh air oir na brèallaich, agus bha i le nead air dhòigh, bha i... dh'òladh i anns an nead, agus cha robh i [???]...

IP: Cha robh. Lag, dìreach.

DM: Seadh. Lag, 's bha i... Agus chan fhaca mi i riamh a' coiseachd, an learg, ach dh'fhalbh i, dheigheadh i dhan a' bhùrn bhon an nead. 'S ged a chreachadh tu an nead an-diugh ann an seo, a' toir na h-uighean bhuaipe, rud a rinn mi gu math tric, ann an ceala-deug eile bhiodh an nead air an aon lochan, air taobh eile an loch. Ach cha robh sinn an-còmhnaidh ach a' toirt dhith aon... na h-uighean aon uair. Bha sinn airson a fàgail... a fàgail [???] a-rithist. Uighean cearc-fhraoich, agus tunnagan fiadhaich, ò bha iadsan blasta cuideachd. Agus airson gum faic sibh an robh isean anns na h-uighean, bha sinn a' dol leotha gu lòn tana, agus a' cur na h-uighean dhan an lòn. 'S nan èireadh am màs cruinn dhen ugh idir, bha sin ag innse dhuinn gun robh isean annta, 's bha sinn gan toir air ais às an tàinig iad.

IP: Bha, dìreach. Agus an robh am facal stroban agaibh, airson ugh a bhiodh air fàs dona mar sin.

DM: Cha robh. Cha robh.

IP: Ò chuala mi, fhios agaibh, nan tachradh oirbh ugh a bhruich agus e air fàs dona, nuair a bhristeadh sibh e, thigeadh sruth bàn às. 'S e stroban a chanadh iad ris.

DM: Uill bha sinne gam feuchainn mar siud mus itheadh sinn iad. Stroban. Cha chuala mi sin idir. Seadh.

IP: Nise, tha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh mun... am bòrd-bric.

DM: Am bòrd-bric.

IP: Agus dè rud a bha seo?

DM: Bha bòrd, agus luaidh air a'... bòrd mu ochd òirlich dheug a dh'fhad, agus mu naodh òirlich a dh'àirde, 's bha thu a' cur luaidh air bonn a' bhòrd, air bonn a' bhùird airson gun seòladh e air oir mar siud. 'S bha thu a' cur uèirean a-null ann an siud 's bha thu a' ceangal ri a chliathaich 's bha thu a' ceangal sreang ri... cord ris. 'S air an [?trannsa] bha thu a' cur cuileagan. 'S mathaid dusan cuileag. Agus bha bòrd eile na do làmh, 's bha... air a bha thu ag obair bha thu a' cur am bòrd-bhric [???] loch. 'S air a dh'fhalbhadh tusa a-mach, a' coiseachd a-null an loch, bha am bòrd sin a' dol a-mach 's bha thusa a' toirt a' chord bhon a' bhòrd air an robh cnap na do làmh air, 's bha e a' dol a-mach. 'S air a chitheadh tu breac no dhà air, bha thu ga shlaodadh a-steach mar siud a-rithist. Agus bha an aon dhòigh aca air a bha iad a' glanadh na mèinnichean, na paravanes air a' mhinesweeper. 'S e an aon... an aon bheachd...

IP: Dìreach. 'S e, 's e. An aon phrionnsabal a bh' ann. 'S e.

DM: Ach tha e mì-laghail... ach cha robh mise riamh ag obair ach... le siud ach nuair a dh'iarrainn biadh ann an cabhag. Nam faighinn... nan robh mise airson dà bhreac fhaighinn 's gum faighinn dà bhreac, cha robh dad a dhèidh agam faighinn trì.

IP: Cha robh. Cha robh, dìreach. Cha robh a dhìth oirbh ach [?cosg an] tràghad.

DM: Bha mise [?air] airson biadh. Cha b' ann airson spòrs, mar a chanas iad, a rinn mi e riamh. 'S chun an latha an-diugh obraichidh mi bòrd-bric fhathast, ach chan ann airson càil airson... ach airson biadh. Bha cuideachd, corra-mheagan air na tuim agus dearcagan againn cuideachd. Bhiodh sinn a' dèanamh... bhiodh sinn a' dèanamh... a' cur sin le siùcar air agus bùrn 's a' dèanamh nàdar jam dheth...

IP: Bha. Nise... agus dè... an e corra-mheagan a chanadh sibh?

DM: 'S e. Dè bhiodh agaibhse air?

IP: 'S e. 'S e sin a bhiodh againn. Agus... dè... chan eil fhios agaibh dè a chanadh iad riutha anns a' Bheurla?

DM: Crowberries. Crowberries.

IP: Ò, crowberries.

DM: Bha iad sin air na tuim deireadh an t-samhraidh. Agus dearcagan, 's bhiodh sinn... bhiodh do lipean, do bhilean, a' fàs purpaidh 's bhiodh [???] chur air d' aghaidh cuideachd, 's air aghaidh do nàbaidh nam biodh duine faisg ort cuideachd. Ach bhiodh tu cuideachd air a dheigheadh duine chun a' bhaile, bhiodh iad a' tilleadh le mileagan dhe gach seòrsa, sgadan ùr agus bha sgadan ùr air an àirigh bha e eagallach blasta. Rionnach ùr. Adag. Leòbag. Cnòdan. Agus cuideachd bhiodh iad a' toir a-mach adhaichean airson gun dèanadh tu ceann-cropaig. Ò bha am biadh... cha robh cion bìdh...

IP: 'S e a-nise, adhaichean a chanas sibhse?

DM: 'S e.

IP: 'S e grùthain a chanamaid-ne.

DM: Grùthain, 's e. Adhaichean a bhiodh againn air. [?'S ann den an sin a bha ceann-cropaig...]

IP: Agus a-nise, an ceann-cropaig a bhiodh iad a' dèanamh agaibhse, dè bhiodh iad a' cur ann?

DM: Min.

IP: Min-flùir 's...

DM: Cha b' e. Min-choirce a bha sinn a' cur ann.

IP: Ò, min-choirce.

DM: Min-choirce 's geir, agus salann 's piobar, agus mathaid ugh an-dràsta 's a-rithist air a mheasgachadh ann. Ò bha e math gu deimhinne. As t-samhradh 's e ceann-cropaig adag a bh' againne, ach sa gheamhradh bha ceann-cropaig adag air a dhèanamh le adhaichean trosg agus langa. Sin a bhiodh againne anns a' gheamhradh. Ach as t-samhradh 's e adhaichean adag a bha sinn a' dèanamh [???].

IP: Agus, dè a-nis an ath rud a th' agaibh?

DM: Bha math am bainne. An ceann latha no dhà, bha iad a' toirt a' bhàrr dheth, 's bha... dhèanadh tu ìm agus blàthach dhen an sin. Bha muidhe a-muigh cuideachd le loinid air [???].

IP: Ò 's e... nis, 's e muidhe a chanadh sibhse. Crannachan a chanamaid-ne.

DM: 'S e a chanadh sinne biota, ach 's e muidhe a bhiodh aig na seann daoine air. 'S e biota a bh' againne, na daoine òga, ach 's e muidhe a bhiodh aig na seann daoine.

IP: Dadaibh a-nise. Bha muidhe 's biota 's crannachan...

DM: 'S e an aon...

IP: 'S e an aon...

DM: An aon rud a th' ann.

IP: An aon rud a bh' anns na trì rudan?

DM: 'S e. 'S e.

IP: 'S e dìreach. Ò glè mhath. Agus...

DM: Bha, agus... bha... gheibheadh tu bhon a' bhàrr, bha thu a' faighinn ìm agus blàthach. Bhon a' bhainne ghoirt, bha thu ga chur ann am prais, ach chan fheumadh tu a theòthachadh cus, no bha e air a dhol na chnapan cruaidh. Chuireadh tu do làmhan ann gu 'm faigheadh tu e letheach a theas ann, 's bha thu a' toirt sin às, 's bha thu air a chur ann an sìoltachan, 's bha thu... airson gum falbhadh...

IP: Shin agaibh e, am miong às.

DM: ...am miong às. 'S bha thu an uair sin ga... a' cur salann ann 's mar sin, 's bha thu ga fhàsgadh 's bha thu ga chur ann an rud ris an canadh iad fiodhan. Dh'fhaodadh tu ithe man gruth, ach ma bha thu airson càise a dhèanamh bha thu ga chur ann am fiodhan. 'S bha thu a' cur cuideam air an sin, 's bha tuill am màs am fiodhain gu 'm falbhadh am miong às.

IP: Bha, dìreach. Agus 's ann air fiodh a bhiodh na fiodhain sin air an dèanamh?

DM: 'S ann.

IP: Agus, mar a tha sibh a' ràdha, cha bhiodh ann ach bogsa beag, agus...

DM: Bogsa beag, 's e. Ach chunna mi e cuideachd ga dhèanamh man lìon anart, agus e ann an sin, agus ga chrochadh le sìoman anns an àirigh, 's bha iadsan man mulchagan beaga cruinn. Bha.

IP: Bha, dìreach. Ach am fiodhan, bha a-nise, bha sibh a' cur an ceann... a' cur cuideam air an seo airson gun reigheadh an ceann sin sìos na bhroinn.

DM: Sìos na bhroinn, agus man a bha an cuideam a' dol, bha e a' dol sìos. Bha.

IP: Bha, dìreach. Ò glè mhath. Agus dadaibh oirbh a-nise, mum fàg sinn an crannachan, an rud a bha sibh ag obair...

DM: Loinid.

IP: Loinid, 's e dìreach. 'S e loinid a chanas sibh ris.

DM: Agus bhiodh sinn cuideachd, mana biodh am bainne goirt a' tiughachadh ceart, bha bainne-binid...

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

IP: Tha seo air a-nise. Bha sinn a' bruidhinn a-nise air a' bhainne-binid.

DM: Binid. Bha binid seo, bha seo air a dhèanamh ann an stamag laoigh, 's bhiodh iad a' cur bainne ann an sin 's bha e a' tiormachadh airson bha e air fhàgail greis ann gu 'm biodh e dìreach cho tioram ri càil. 'S nam biodh tu airson bainne nach goirticheadh ceart, goirteachadh, bha thu a' cur làn spàinn dheth dhan a' bhainne 's ga mheasgachadh ann, 's bha [???] an sin.

IP: Agus 's e 'binig' a chanas sibhse.

DM: 'Binig', 's e. Bainne-binig a bhiodh againn air. Bainne-binig.

IP: 'S e deasgainn a chanas feadhainn eile.

DM: Deasgainn, 's e. Binid a bh' againn air.

IP: Agus sin rud ris an can iad sa Bheurla, rennet?

DM: Rennet, 's e.

IP: Sin agad e, dìreach.

DM: Agus chante... a' chiad bhainne a bh' aig bò, chanadh iad nùs ris.

IP: Ò, nùs.

DM: Nùs. Agus bhiodh iad gu math tric a' dèanamh gruth dheth, ach cha chòrdadh e... cha do chòrd e rium fhìn riamh. Tha dath buidhe air cuideachd. Tha mi a' creidsinn gur e sin bu choireach nach b' urrainn dhomh a ghabhail.

IP: Sin a-nise rud ris an canamaid-ne ciad-bhainne.

DM: A' chiad-bhainne, 's e.

IP: 'S e, dìreach. Agus...

DM: Bhiodh... nam biodh iad ag obair a-muigh air an àirigh cuideachd, bha clòimh a' dol a-mach, dealagain, bioran fiodha, snàth-lìn, snàth-clòimhe, putain, snàth dhen a... snàthadan, spaid, tairsgeir, ròp 's sìomain.

IP: Ò, nise, tairsgeir...

DM: Tairsgeir airson gearradh na... buain na mònach.

IP: Airson buain na mònach.

DM: Agus ròp airson a' toirt an crodh am bogadh. Ròp a bhiodh agad airson crodh a bhiodh a' dol am bogadh. Bha thu ga slaodadh às le ròp. Agus air a gheibheadh tu bò... nam biodh bò ann am fèith, a' chiad rud a bha thu a' dèanamh bha thu gu math tric... bhiodh iad... na casan toisich aca dìreach sìos, 's mus b' urrainn dhut a toirt às, bha thu a' cur sgrath no ceap air choreigin fo na glùinean. Bha thu a' lùbadh na glùinean airson gum biodh a' bhò air a glùinean, 's bha sin a' toirt misneachd dhi, 's bha i a' faighinn grèim le a glùinean air an sgrath a bhiodh fòidhpe, 's bha thu an uair sin [?ag iaradh] 's bha thu a' beir air earball oirre 's ga cuideachadh a-nuas. Ach dh'fheumadh tu na casan... na casan cinn a lùbadh an toiseach.

Agus gach turas a dheigheadh banchag chun a' bhaile le bainne no rud sam bith, no a dh'iarraidh goireasan, bha cliabh oirre, a' toirt dhachaigh bainne [???], agus soithichean ann, 's bha soithichean, bha... ris an canadh iad imideal mu thimcheall beul [???]. Bha sin de chracann... cracann caorach air a cheangal teann timcheall, 's cha leigeadh e am bainne às. Agus airson nach biodh na peilichean a' gliogadaich ri chèile, bha thu a' lìonadh a' chlèibh le còinneach. Cha b' ann le feur ach le còinneach. Bha a' chòinneach, bha pailteas timcheall ort co-dhiù, agus tha i tòrr nas aotruime na feur cuideachd.

IP: Bha dìreach. Tha, 's e sin an dòigh a bh' aca air...

DM: 'S e siud an dòigh a bh' aca. Ach air a bhiodh sinne... bha againne ri toir... gu math tric air a bhithinn-sa a' ruith chun a' bhaile, bha agam ri toir dhachaigh peile bainne ann am poca, agus ma tha càil nas miosa nàdar balaich, 's e falbh le peile cruinn ann am pòca air do mhuin 's cabhag ort... cabhag ort dhan an sgoil.

Chumadh an àirigh gu math glan agus sgiobalta an-còmhnaidh. 'S ann ainneamh an latha nach tigeadh coigrich no fear-eòlais an rathad. Nuair a bha aig daoine ri coiseachd, mus robh carbadan cho lìonmhor, bha fialaidheachd a-riamh co-cheangailte ri àirighean. Cha robh glas san doras, agus bu làn dìth beatha fear-siubhail sam bith ithe na bha feumach dha. Gu math tric thàinig sinne uair 's uair agus mias bhainne air a falamhachadh. Agus chunna sinn uair 's uair leth-chrùn air fhàgail am broinn mias. Daoine a' gearradh tarsainn na mòinteach eadar Steòrnabhagh 's Nis. Bha... thàinig grunn aca ormsa nuair a bha mi na mo bhalach deich... cha robh mi deich bliadhna, 's bha beagan deoch orra, 's dh'fheuch iad ri cur... toirt ormsa òl deoch à b-... uisge-beatha à botal, ach bha a chiall agam air a chur iad... rug iad orm 's chuir iad am botal nam bheul. Chuir mi mo theanga dhan a' bhotal, 's bha iad a' smaoineachadh gun do dh'òl mi deoch 's cha do dh'òl, cha do dh'òl. Cha do dh'òl, gin. Truaghain, och tha mi a' creidsinn gun deach tòrr aca a mharbhadh anns a' chogadh a-rithist, nineteen fourteen.

Air latha na faing, bha... air a bhiodh iad a' faighinn nan caorach ann, bhathas a' fàgail mugaichean bainne anns a h-uile h-àirigh airson daoine a bha a' cruinneachadh na caoraich a dhol a-steach. Ò bha iad math. Bha aon àirigh air an robh mise a' dol ann an-còmhnaidh agus... Àirigh... Àirigh a' [???]. Bha fios a'm a' chailleach, mana deighinn a dh'òl beagan bainne, cha chòrdadh e idir rithe mana deighinn... Ò bha i cho gasta.

Agus cha robh... bha radain anns a h-uile h-àirigh gu math tric, 's bha thu a' toir a-mach cait gu math tric. Chan fhaigheadh tu [???] anns an robh radain, 's bhiodh iad an-còmhnaidh ag ràdh gum faigheadh... gum biodh radan nach fhaigheadh dhan a' mhias nam biodh àite ann an cuireadh e earball ann, dhan a' mhias, agus gun òladh e am bainne...

IP: 'S e. Dìreach. Le earball.

DM: Dh'imlicheadh e am bainne [???].

Cha robh an crodh ag iarraidh mòran sealltainn. Cha robh iad ga fhaighinn co-dhiù. Fhios a'd, toiseach an t-samhraidh nuair a bha am fianach fada air ais, ach bha feur brèagha gorm air na lèigean. Sin nuair a bha feum air buachailleachd. Bhiodh iad a' dol a-mach air na lèigean 's a' dol am bogadh. Uill 's ann an sin a dh'fhàsadh am feur an toiseach, air na lèigean. Agus bha an crodh am bogadh gu math tric.

'S ann ainneamh a dheigheadh crodh aon gheàrraidh gu geàrraidh eile. Bha sin neònach. Chan e nach toireadh iad san aon àite. Nam biodh an crodh againn ann an siud an-diugh, bhiodh iad ann an siud a-màireach. Chan fhaigheadh tu anns an aon cheàrn eile... Agus bha àite ann, Lèig na Beinne Meadhanach, 's bha e... bha e mu dhà mhìle co-dhiù a-mach bhuainne, no an Lèig Gorm an cliathaich Mhùirneag, bhithinn-sa a' dol gu Beinn nan Caorach gu math tric. Chan fhaic thu iad bhon àirigh mana chithinn gu Beinn nan Caorach a-mach an sin. 'S air a chithinn iad a-muigh [???], cha robh agam ach fead a dhèanamh, 's bha... bha ceannard an treud, chitheadh tu a ceann a' dol suas, 's bha i a' dèanamh air a dachaigh, 's bha an còrr ga leantainn.

IP: Bha, dìreach. Am facal a tha seo, lèig an e?

DM: Lèig, 's e. Boglach

IP: Ò seadh, seadh, seadh. Agus, bheil fhios agaibh, tha àite againne ris an can iad an Lèig, ach 's e àite còmhnard a th' ann, ma-thà.

DM: Ge-tà, bha boglach ann uaireigin.

IP: Coltach gu leòr.

DM: Bha, agus cha robh... bha mise gu math tric air a bhithinn air fhàgail nam aonar, air a bhiodh an sgoil dùinte, air a bhiodh an crodh a' laighe an-còmhnaidh a chnàmh an cìrein mu dhà uair... mu mheadhan-latha, 's bha ceannard an treud, bha mise an-còmhnaidh, nam biodh an latha gu math, a' dol mi fhìn air a taobh, 's bha ise sona gu leòr 's mise na mo thighinn ri a taobh. Tha mi a' smaoineachadh gun robh i... gun robh i a' smaoineachadh gur e laogh eile a bh' annam, 's air a dheigheadh ise sguireadh a chnàmh bha mise a' falbh dhachaigh a dhèanamh biadh anns an àirigh. Sin an cur-seachad tìde agam. Bha an crodh a' toir cuideachadh dhòmhsa.

Bha... 's ann ainneamh a dheigheadh crodh aon gheàrraidh, thuirt mi sin mar-thà. Air latha teth, sheasadh iad ùine mhath anns an loch againne, no meadhan [???]. Bha an crodh glè chofhurtail lem bàthach, ann an taigh-earraich, bha sgrathan tiugh fòdhpa, agus an inneir air a thilgeil a-mach gach latha. Bha clais a' ruith sìos meadhan a' bhàthaich a bha a' dol a-mach air màs an taighe. An toll ris an can iad, an toll-fheadain a bhiodh againne air.

IP: Ò 's e, toll-fheadain. Dadaibh oirbh a-nise, a' phàirt dhen a' bhàthaich anns am biodh... anns am biodh a' bhò, dè a chanas sibh ris an sin? An e stall no buathal?

DM: Shìos ann an todhar. Shìos ann an todhar.

IP: Ò, todhar. Agus bha seo am broinn na bàthcha?

DM: Bha. Bha... 's e ann an aon rùm a bh' ann, ach gun robh balla-cloich a-null. Mu dheireadh. Cha robh an toiseach. Air a bha mise nam bhalach, chitheadh tu sìos fad an t-siubhail. Cha bhiodh an crodh [???] a-staigh ach aig àm droch shìde. Agus cha bhiodh a-staigh... cha bhiodh na daimh no na h-aighean a-staigh idir. Cha bhiodh a-staigh ach an crodh-bainne 's na laoigh. Agus chitheadh tu a h-uile h-aon aca. Sloinneadh tu iad cuideachd.

IP: Ach an robh am facal agaibh, buathal, airson far am biodh a' bhò? An còrnair no am pàirt dhen bhàthaich... chanadh iad... bha facal againn buathal. Buathal na bà, no stall.

DM: Stall a bhiodh againne, 's cha chreid mi nach robh buathal againn cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Bha. Agus, bha puist againn airson na stiall, ach an àitichean eile bha toll air fhàgail anns a' bhalla, agus bha iad a' cur clach tarsainn anns an toll sin. Fhios a'd, bha toll na h-àirigh [???] 's bha tòrr chlachan air a muin, agus dheigheadh ceangal na bà timcheall air a' chlach sa.

IP: Agus 's e an ceangal a-nis an rud a bha ga ceangal ris...

DM: 'S e.

IP: Agus a-nise, an robh rudeigin agaibh ris an canadh sibh dòrnan?

DM: Sin an dòrnan, sin pàirt dhen a' cheangal. Fhios a'd, bha an dòrnan, bha e a' dol... bha... seo e. Bha ceangal beart na dà phìos. An dòrnan agus an smaothag, no smèag. Fuirich, innsidh mi dhut. Bha an dòrnan air a chur timcheall an stèill. Sin am pìos a b' ìsle dhith, mar cearcall, agus an smèag air a cur ann an lùib an dòrnain, agus bha e a' dol timcheall amhaich na bà, agus bha cnag air ceann na smèag, bha e a' dol a dhul anns a' cheann eile, agus air a chuireadh tu sìoman a shiud bha thu a' cur a' chnag dhan dul.

IP: Ach a-nise, an rud a bha seo ris an canadh sibh smèag, an e cnag a bha sin i fhèin?

DM: Sin pàirt dhen a' chnag. Bha a' chnag anns an smèag, pàirt dhen an smèag. Gheibheadh tu smèag air feist caorach cuideachd. Bha... air a bhiodh caora ann, bha pìos ròp mar siud agad, 's bha thu an uair sin...

IP: 'S e teadhair a chanamaid-ne. 'S e feist a chanas sibhse?

DM: 'S e. Feist no teadhair. 'S bha coireathallan ann an siud tarsainn [???]. Bha toll ann an seo anns an deigheadh an ròp 's nam biodh dà uan air an aon teadhair, bha toll ann an sin 's toll ann an sin, 's bha smèag air a chur dhan... airson an uain ud agus smèag airson an uain eile. Chunna tu gu math tric dà uan còmhla ri chèile. Uill, 's e smèag a chanadh tu ris am pìos ròp a bha eadar an coireathallan agus amhaich an uain. Agus 's e an aon ainm... an aon ainm a bhiodh... a bha a' ceangal na bà. Far am biodh bò chrosta sam bith bha buarach ga chur oirre. Dhèanadh tu buarach turas sam bith, 's mathaid gur ann de ròp, 's mathaid gur ann de pìos aodaich, no gu math tric... an fheadhainn againne, cha chreid mise... m' athair, bhiodh e a' snìomh an aon dòigh 's a bhiodh e a' dèanamh... dè chanas tu ris... cliabh. Fhios agad, an rud a bhiodh agad [???], dè chanas tu ris?

IP: Iris, an e?

DM: Iris.

IP: Iris a' chlèibh.

DM: Bha e a' snìomh sin cuideachd. Agus bha e a' dèanamh an aon rud airson a' bhuarach. 'S dhèanadh tu buarach de mhuran cuideachd.

IP: Dhèanadh, dìreach.

DM: Far am biodh sin... nuair a bheireadh bò bhathas a' tiodhlacadh a' bhadhar aice cho luath 's a thuiteadh i, mus itheadh i fhèin i. Bha am badhar fada gun... ma bha am badhar fada gun tighinn, [???] bùrn-siabainn. Bha sin neònach.

IP: Bha.

DM: Bùrn-siabainn.

IP: Agus am badhar a bha seo, sin an rud a bha a' tighinn an dèidh...

DM: Afterbirth.

IP: Sin agaibh e, dìreach.

DM: Nan tigeadh lagaich an roinn deiridh mart, bhiodh an euslaint sin air a chur às leth an fheòlagan bheag neo-chiontach. Feòlagan, am beathach beag man luch, air a' mhòinteach. Cha robh leigheas air leum-feòlagain a bhiodh aca air, ach crathadh fuil a' bheathaich bhochd air druim an ainmhidh. A' marbhadh feòlagan 's ga ghearradh 's crathadh an fhuil air, 's bha iad a' smaoineachadh gun slànaicheadh sin am beathach. Gu math tric, ghoirticheadh bò 's mathaid leum no rudeigin ga thoirt [???] druim-deiridh.

Bha e na chleachdadh aig na buachaillean a bhith a' cìreadh craiceann a' chruidh le cìr mhòr slìobaidh, no cìr iarainn. Dhèanadh e a-rithist balla fionnadh dheth, bhiodh iad a' cruinneachadh [???] le smugaid agus bha e air a chruinneachadh gu 'm biodh ball aca airson... cha robh ballaichean ann... rubair ann an uair ud ann. Bhiodh iad a' cluich le siud 's a' dèanamh ball fionnadh dheth. Am faca tu riamh iad.

IP: Ò seadh. Chan fhaca.

DM: Bha e cho... air a gheibheadh... ma gheibheadh... bha feadhainn dhiubh a bha eagallach cruaidh.

IP: Bha. Tha mi a' làn-chreidsinn sin. Bhiodh e cho cruaidh sin.

DM: Seo an rud mu dheireadh. Oidhche na h-imrich, an oidhche mus fhalbhadh sinn dhachaigh bhon àirigh, mar bu tric, air an Dihaoine mu dheireadh den Iuchar, bha ùpraid mhòr anns gach àirigh. Thèideadh daoine bho na taighean gu slaodadh dhachaigh leotha cuid dhen àirneis, dh'itheadh 's dh'òladh gach duine na b' urrainn dha mus fhalbhadh e dhachaigh le eallach. Anns a' mhadainn dhèanadh tu eallaich dhe na dh'fhàgadh on oidhche roimhe, agus nuair a thugadh an leitear a-mach agus teine a chur ris, bha an crodh a' tuigsinn dè bha a' tachairt, agus gun stiùireadh... gun stiùireadh sam bith, bhiodh iad a' dèanamh air a' bhaile a cheart cho suigeartach 's a dh'fhàg iad trì mìosan roimhe sin. Agus a' fàgail air an cùl taigh lom fuar fosgailte. Bha iadsan cuideachd a' toirt a' chuid bu mhotha dhe na sgrathan bhon àirigh. Fhios agad, nam fàgadh tu air iad, bha tuiltean a' gheamhraidh, bha iad gan dèanamh trom, 's bha sin a' briseadh an fhiodh, 's bha fiodh duilich fhaighinn, 's bha iad a' cur an fhiodh gu math tric na seasamh anns an leabaidh, agus air a... mus deigheadh tu a-mach dhan àirigh an ath bhliadhna bha agad ri cur an fhiodh air ais.

IP: Bha dìreach. Glè mhath.