Search

Fhuair amadan comas pìobaireachd ann an sìthean.

Date September 1958
Track ID 68102
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.082.B1

Original Tape ID

SA1958.082

Summary

A fool got the ability to play the pipes in a fairy knoll.

There was a fool whose brother was a piper. The fool played the chanter at a big gathering and it was the finest piping they had ever heard. He said he learned it in a fairy knoll.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Ciamar a bha an t-amadan a bha seo, 's bha... bha bràthair aige na phìobaire, an robh?

Peggy MacDonald (PM): Bha bràthair aige na phìobaire.

CM: Amadan a bha seo 's bràthair aige na phìobaire.

PM: 'S e an t-amadan a bh' ann, 's co-dhiù, thòisich a bhràthair a' dol a phìobaireachd 's cruinneachadh mòr aca. Ach thog an t-amadan air, agus fhuair e bloigh feadain, agus dhall e air, agus cha chuala iad guth riamh no pìobaireachd dhe leithid siud.

"Cà 'n d' fhuair thusa a' phìobaireachd?"

"Ha," ars esan, "fhuair mi anns an t-sìobhaire i," ars esan. "Chaidh mise a-staigh," ars esan, "agus, 'Dè,' ars iadsan, 'dè tha thu ag iarraidh?'"

"Tha," ars esan, "rath agus ealain."

CM: Seadh, rath agus ealain. Seadh.

PM: Rath agus ealain, agus fhuair e... fhuair e am feadan agus cha robh leithid anns an àite a b' fheàrr dha fhèin na am feadan.

Ò, chan eil mòran agamsa mun cuairt air na sìobhairean ann, ach...

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Poor