Rannsaich

Obair dachaigh air a' chroit.

Ceann-latha 1970
Àireamh a’ chlàir 68218
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.348.B8; B9

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.348

Geàrr-chunntas

Obair dachaigh air a' chroit.

Còmhradh mu obair maidne air a' chroit. Bhiodh an crodh ri bhleoghan agus uaireannan caoraich nam biodh an crodh seasg. Bhiodh cuid a' cumail ghobhar cuideachd. Iomradh air smàladh an teine.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Barraigh

Paraiste - Barraigh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Barraigh

Paraiste - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ciorstaidh NicDhòmhnaill (CND): Dè a-nist a' chiad char a bh' agaibh fhèin ri dhèanamh anns a' mhadainn

Ceit NicColla (CNC): Agamsa? Nuair a dh'èirinn?

CND: Seadh.

CNC: Uill, an teine a thogail, 's cupa tì a ghabhail, 's a dhol a-mach dhan bhàthaich an uair sin 's tòiseachdainn air fodradh nam beothaichean, 's air biathadh beothach-eich sa gheamhradh, nuair a bhiodh e a-staigh. Bleoghan nam beothaichean.

CND: 'S e a' mhòine... a' mhòine a bh' agaibh agus teine...

CNC: Ò 's e. Cha robh gual san àm ud ann.

CND: 'S teine air a' chagailte?

CNC: Aidh, cha robh stòbhaichean ann na bu mhotha. Cha robh.

CND: Cha robh. Teine air a' chagailte.

CNC: Bhathar a' smàladh an teine air an oidhche, a' cur fòidean a-staigh fon an rud, 's nuair a dh'èireadh tu sa mhadainn bha e cho beò 's cho math. Cha robh agad ach a chur na chèile 's bha e suas.

CND: 'S bha sibh a' cur a' choire air an t-slabhraidh?

CNC: Bha.

CND: Fhad 's a bha sibh a' biathadh nam beothaichean?

CNC: Bha. Mun tigeadh tu a-staigh bha an coire a' goil.

CND: Seadh. Agus mura biodh bainne aig a' bhoin, am biodh sibh a' bleoghan nan caorach?

CNC: Bhitheadh. Nam biodh bainne aca, bhitheadh.

CND: An do bhleoghain sibh gin dhiubh?

CNC: Is iomadh, is iomadh uair sin. Deagh bhainne aig na caoraich.

CND: Deagh bhainne, seadh.

CNC: Gheibheadh tu cnapach de bhobhla làn, 's b' fheàrr dhut e na cana mòr de bhainne na bà. Dhèanadh aon drùdhag an tì dheth. Bha e cho tiugh.

CND: Seadh, dìreach. Agus am faca sibh na gobhair gam bleoghan an seo?

CNC: Uill chan fhaca mise gin riamh gam bleoghan ann, ach bha gobhair shìos air a' mhorghan aig Màireag Dhòmhnaill Dhonnchaidh 's bhiodh i gam bleoghan. Bhitheadh. Ach tha mi dhen bheachd nach robh e ach mar gum biodh tu a' bleoghan caorach, tha mi a' smaointinn.

CND: Cha robh mòran ghobhar an seo riamh.

CNC: Cha robh. Bha feadhainn aig Mìcheal Eòsa. Beachd agad air?

CND: Bha. Cha robh iad ro phailt an seo, gan cumail, riamh.

CNC: Cha robh. Am biodh e gam bleoghan?

CND: Bhitheadh. Bhitheadh.

CNC: Seadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math