Taighean-dubha an Calanais.
Contributors
Date July 1982
Track ID 68330
Part 1 Loading...
Part 2 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1982.183

Original Tape ID

SA1982.183

Summary

Blackhouses in Callanish.

The cattle lived in one end of the blackhouse, and the humans in the other. The fire, which was in the middle of the kitchen floor, was often surrounded by the iron rim of a cartwheel. There was usually a partition between both areas. There were two beds in the bedroom, a dresser where the pails of water were kept, and a cupboard for storing the milk. Other features discussed include walls, thatching, ropes, beds, wallpaper, pot-chains and baskets.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Village - Callanish

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Nise, tha sinn a' dol a... bha sinn a' bruidhinn roimhe air na taighean, agus gu h-àraid na taighean-dubha. Agus tha cuimhn' agaibhse air daoine a bhith a' fuireach an Calanais ann an taighean-dubha.

Seonag Chaimbeul (SC): Ò tha, glè mhath.

IP: Agus an robh cuid dhiubh... bha an teine aca am meadhan an làir?

SC: Bha.

IP: Bha, dìreach. Agus nach innis sibh dìreach nur cuimhne fhèin, mar a tha cuimhn' agaibh air na taighean a bha sin 's mar a bhathar gan obrachadh?

SC: Uill, bha rud ris an canadh iad aig an teine. Bha sin nuair a dheigheadh sibh a-steach. Agus nuair a bha sibh a' dol a-steach, bha sibh a' dol... bha an crodh shìos an sin, 's bha sibh a' dol a-steach mar sin far an robh na daoine a' fuireach, agus...

IP: Bha an crodh, leis an sin, an ceann shìos an taighe?

SC: Ceann shìos an taighe, an aona thogail. Agus... ach aig feadhainn bha eadar-dhealachadh. Bhiodh bùird aca eadar...

IP: Bha. Talan, an e?

SC: Talan a bh' againn air, 's e. Tha sin ceart. Ach cha robh e aig mòran.

IP: Cha robh e aig mòran, seadh, dìreach.

SC: Agus nuair a dheigheadh sibh a-steach, uaireannan nan tachradh... dh'fhaodadh sibh a dhol a-steach uair sam bith. Cha robh gnogadh no càil. Agus uaireannan, nan tachradh dhuibh a dhol a-steach nuair a bha an teine air a chur air às ùr, bha an [?lobht] de cheò bhos ur cionn, agus nuair a lasadh an teine agus a thigeadh soilleireachadh air an taigh, bha... an canadh sibh gleans?

IP: 'S e, gleans.

SC: Bha gleans bhos ur cionn, man a bha a' cheò a' peantadh a' chonnlach. Agus shuas anns an sin a-nise bha cùlaist eile anns an robh dà leabaidh, agus ann an cuid cha robh ann ach an dà àite, aig an teine agus rùm-cadail. Ach ann am feadhainn eile bha clòsaid, eadar an dà àite, agus bha a h-uile càil... cha robh àite air leth ann man a tha aca anns na kitchenettes an-diugh. Cha robh guth air. Smaoinich. Bha na peilichean bùirn air an cumail ann am branntair an dreasair, le mullach fiodh air a dhèanamh le fear an taighe, agus grèim air mar sin air mullach nam peilichean bhùirn, a' cumail a' bhùirn glan. Bha sin aca ceart gu leòr an uair sin. Agus anns an fheadhainn aig an robh clòsaid, mus tigeadh cus teaghlach, nam biodh a' chlòsaid air chumantas seangarra, bha preas aca far am biodh iad a' cumail a' bhainne.

IP: Ò seadh, 's ann anns a' chlòsaid a bhathar a' cumail...

SC: Bhiodh iad a' cumail a' bhainne air suidheachadh.

IP: 'S e. Air a shuidheachadh.

SC: An cuala sibh siud?

IP: Chuala, chuala. 'S e. 'S e sin a bha...

SC: Agus bha slige chreachainn. Chan e an tè leis an druim. Tè rèidh. Bha slige chreachainn aca airson a bhith a' togail a' bhàrr. Agus bhiodh am bàrr uaireannan cho tiugh ri leth-òirleach.

IP: Bhitheadh. Tha mi a' creidsinn.

SC: 'S e crodh Gàidhealach a' chuid bu mhotha a bh' aca nuair a bha mise... uill, 's ann riamh a bha iad. Agus bha susbaint mhòr anns a' bhainne aca. Bha tòrr...

IP: Bha uachdar anns a'...

SC: ...uachdar, bha. Agus...

IP: Agus a-nise, 's ann am meadhan an làir, mar a chanamaid, anns a' chidsin, 's ann a bha an teine?

SC: Ò, 's ann air an làr.

IP: Air an làr.

SC: Ò, 's ann.

IP: Agus an robh leac teintean no rudeigin?

SC: Sin rud eile. Ann an cuid dhe na taighean, airson gum biodh teintean ceart aca, bha cuibhle iarainn cart. Bha sin air a lìonadh le crèadha, crèadha às a' chroit. Cha robh sgillinn aca ri phàigheadh airson sin, ach bha e trom ga thoirt ann. Bha cuideam ann. Agus bha sin a' cumail a h-uile càil dhen an luath timcheall. Bha rud beag an-àirde mar siud.

IP: Agus a-nise, an robh... nise, os cionn an teine, an robh... cà robh an t-slabhraidh? Cà robh i crochte ris?

SC: Bha an t-srabhlaidh, nuair a... bha an...

IP: An robh bogsa a-nuas aca...?

SC: Bha, a-muigh. Dè an t-ainm a bh' aca air na maidean a bha a' cumail mar siud?

IP: Ò, na ceanglaichean.

SC: Casaichean-ceangail. Uill, bha an t-srabhlaidh ceangailte ris an sin, agus bha dul, dulan, mun t-sèine, agus bha sibh ga leagail 's ga thogail a rèir 's man a bhiodh an teine. Agus bha greideal anns a h-uile taigh, 's bhiodh iad a' fuine - aran-coirce, aran-eòrna, 's aran-flùir - air a' ghreideal agus ga ròstadh air beulaibh an teine, mu choinneimh an teine.

IP: Bha, dìreach. Agus a-nise, an robh... am mullach an taighe, am biodh bogsa aca air a...

SC: Bha. Àrlas a bh' aca air. Àrlas. Bha e air... an àite a bhith dìreach mar siud, bha cumadh mar sin air.

IP: Bha. Bha e a' tighinn biorach.

SC: Mar gun toireadh e barrachd... gun tugadh e barrachd dhen a' cheò a-mach nas aithghearr.

IP: Bha e a' cuideachadh a' cheò a thoir a-mach. Bha, dìreach. Agus a-nise, na taighean sin, bha na ballaichean aca tiugh, tiugh, an robh?

SC: Bhiodh na ballaichean, tha mi a' creids', faisg air... a h-uile biod de... trì troighean. Trì troighean co-dhiù, man a chì sibh leis na h-uinneagan, cho fada a-steach 's a bha iad.

IP: Bha. Agus a-nise, dè bha iad a' cur eadar na ballaichean? Bha iad dùbailte, mar gum biodh dà bhalla?

SC: Bha.

IP: Agus an robh iad a' cur...

SC: Ò, bha. Bheil fhios agad dè bha iad a' cur an sin? Talamh.

IP: Seadh. Agus dè... an robh facal agaibh airson seo? An canadh iad glut-lìonadh ris? Glut-lìonadh.

SC: Ò cha chuala mi riamh e. Bhiodh sin math, ge-tà.

IP: 'S e siud a chanadh iad ris againne.

SC: Bheil fhios agaibh, bha siud math, bhon bha e a' cumail a-muigh a' ghaoth, agus am fuaim.

IP: Agus uisge. Bha. Agus a-nise, an tughadh a bhiodh air na taighean sin, 's e fraoch an e? No luachair? No dè? An tughadh.

SC: Coirce.

IP: Ò, coirce. Agus an e an t-arbhar coirce an dèidh a bhualadh?

SC: Seadh.

IP: Agus bhathar ga ghleidheadh airson an taigh a thughadh?

SC: Airson an taigh a thughadh. Uiread airson an taigh a thughadh, 's uiread airson a' chrodh.

IP: Ò, seadh. Agus cha bhiodh iad a' cleachdadh... an robh iad a' cleachdadh fraoch no luachair?

SC: Cha robh againne.

IP: Nach robh?

SC: Cha robh. Bhiodh iad... bhiodh mo sheanair a' cleachdadh fraoch airson sìoman, airson an tughadh a chumail ann an àite. Agus bheil fhios agaibh na clachan a bhiodh aca, 's e acraichean a bh' aca air an sin.

IP: 'S e, acraichean. Bha, dìreach.

SC: Bhiodh iad a' cur sìoman-fraoich air mar siud.

IP: Timcheall air an acair. Agus a-nise, na sguaban beaga a bhiodh aca timcheall an àite teine, an e sguab-mhurain a bhiodh ann?

SC: 'S e. An fheadhainn a bha faisg air far an robh muran a' fàs. Ach nuair a bha mise na mo phàiste, bha mìltean de mhìltean ri choiseachd mus fhaigheadh sinne sguab-mhurain. Agus rud eile a bhiodh mo sheanair a' dèanamh, an cuala sibh riamh mu dheidhinn ciosan?

IP: Chuala.

SC: Bhiodh mo sheanair a' dèanamh ciosanan. Bhitheadh.

IP: Agus ciamar a-nise a bha e gan dèanamh seo?

SC: Bha feur cruaidh a bha a' fàs cho àrd ri sin air a' mhòinteach, 's bhiodh iad ga chruinneachadh, agus bhiodh iad a' cumail sin airson...

IP: Dad sibh a-nise, an rud ris an canadh sibhse ciosan, an e nàdar de bhasgaid a bh' ann?

SC: Dìreach, ach gun robh e cruinn.

IP: Ach gun robh e cruinn.

SC: Tha cuimhn' a'm air an sin glè mhath.

IP: Agus tha sibh a' ràdha gum biodh... an e ur seanair bhiodh gan dèanamh?

SC: 'S e.

IP: Agus bha e an toiseach a' dol a-mach a bhuain...

SC: A bhuain muran.

IP: Muran. Agus an e am bonn aige a bha e a' dèanamh an toiseach?

SC: Ò, tha mi a' creids' gura h-e. Chan eil cuimhn' agamsa air [???].

IP: Chan eil dìreach.

SC: Feumaidh e bhith gura h-e.

IP: 'S ann cruinn a bhiodh e?

SC: 'S ann cruinn a bha e an-còmhnaidh, 's ann. Agus leis an sin, tha ur ciall-nàdair ag innse dhuibh gum feum e a bhith... dìreach man crochet.

IP: Bha. Bha, dìreach. Agus bha, a-nise... dè an àrd a bhiodh annta nuair a bhiodh iad ullamh? Am biodh iad...

SC: Dìreach man a tha sibh a' cantainn. Agus timcheall air an sin...

IP: Bhiodh troigh a dhoimhneachd ann?

SC: Ò bhitheadh, tha mi a' creidsinn. Troigh.

IP: Agus an ann... dè... an e min-choirce 's min-eòrna a bhiodh a' cumail ann? No an e...

SC: An dàrna cuid min-choirce no min-eòrna, no am biodh feadhainn aca a bha math dheth bhiodh dhà - fear airson siud 's airson seo.

IP: Bhitheadh, dìreach. Agus bhiodh iad gan cleachdadh airson gràn no a leithid sin? Am biodh iad aca airson... nuair a bhiodh iad a' biathadh nan cearcan?

SC: Bhitheadh cuideachd.

IP: Ach a-nise, a' dol air ais chun nan taighean-dubha, nuair a bhiodh iad a' sguabadh an làir, am biodh iad a' cur gainmheach? An robh...

SC: Cha bhitheadh.

IP: Cha bhiodh e furasta dhaibh gainmheach fhaighinn far an robh sibhse ann. Cha bhitheadh, dìreach.

SC: Bheil fhios agaibh, 's e crèadha... 's ann de chrèadha a bha an làr air a dhèanamh. Uill, bha a' chrèadha a cheart cho rèidh sin. Bha iad math... an rud a dhèanadh iad, dhèanadh iad math e. Bha iad rud ris can sinne làmh-charach.

IP: Sin agaibh e. Deagh fhacal.

SC: Bha iad làmh-charach. Agus chan fhàgadh iad e gus am biodh e man a bha iadsan ga iarraidh. 'S chan fhaodadh duine a chas a chur air gu an tiormaicheadh e.

IP: Ò, chan fhaodadh, dìreach.

SC: Uill, leis an sin dheth, bhon a bha... bhon nach robh càil ann ach a' chrèadha, bha e cho rèidh agus bha e furasta a sguabadh. Bha cho furasta sguabadh ri sin.

IP: Bha. Bhitheadh, dìreach. Ach fhios agaibh, ann an àitichean far an robh e furasta dhaibh gainmheach fhaighinn, bhiodh iad a' cur gainmheach...

SC: Bhiodh sin math cuideachd.

IP: Agus, a bheil fhios agaibh, nuair a bhiodh na daoine a' smocadh 's a' cur a-mach smugaidean, nuair bha iad ga sguabadh an làrna-mhàireach anns a' mhadainn, bha a' ghainmheach a' togail leatha...

SC: A' togail a h-uile càil dhen an sin.

IP: Bha.

SC: Bhiodh iad a' cur crèadha air a' bhalla cuideachd, a' falach na... a' lìonadh eadar na clachan. Agus bhiodh feadhainn aca a' cur uiread de chrèadha air agus tro thìde b' urrainn dhaibh rud ris an canadh iad bolt a chur air. An cuala sibh riamh bolt?

IP: Ò nise, chuala. Tha mi a' smaointinn.

SC: Sin an t-ainm a bha againne air na rudan a gheibh sibh... bheil fhios agaibh, you know, rolls of wallpaper.

IP: 'S e, 's e. Ò, 's bha iad a' cur pàipear air uachdar sin. Bha, dìreach.

SC: Air a' cheann bho dheireadh.

IP: 'S ann, dìreach. Ach anns na ciad bhliadhnaichean cha robh a leithid a rud a' dol idir. Cha robh, dìreach. Agus a-nise, an t-aodach-leapa a bhiodh aca, 's e plaidichean 's plangaidean...

SC: Ò, 's e.

IP: Agus an canadh sibh deuradh? Siota a bhiodh fodhaibh anns an leabaidh.

SC: Cha chanadh. Filleadh. Filleadh. Filleadh cotan 's filleadh clòimh.

IP: Ò seadh, seadh. Uill, 's e, dìreach. Agus dè a-nise a bhiodh iad a' cur anns na leapannan? An e muran? No...

SC: Connlach.

IP: Connlach.

SC: Connlach air a bleith... air a bualadh.

IP: 'S i, dìreach. Agus am biodh a-nis... am biodh agaibh ri sin obrachadh a h-uile latha airson a dhèanamh socair?

SC: Ò, bhitheadh. Bhitheadh, 's rud eile dheth, fhios agaibh, bhiodh sinne... le bhith ga chleachdadh, bha e...

IP: A' dol sìos.

SC: Bha, agus bha e a' fàs pronn, agus mura dèanadh sibh sin bhiodh cus gu h-ìosal, agus bhiodh dust ann. Bhiodh e a' dèanamh dust.

IP: Bhitheadh. Dh'fheumadh iad a cur a-mach air fad, a h-uile bliadhna no rudeigin mar sin.

SC: Ò dh'fheumadh sibh an-còmhnaidh a h-uile bliadhna. Dh'fheumadh sibh rud ùr a chur air.

IP: Agus dè a-nise cho tric 's a bhiodh iad a' tughadh nan taighean?

SC: A h-uile bliadhna.

IP: Ò, bhiodh iad ga dhèanamh a h-uile bliadhna? Seadh, dìreach.

SC: 'S tha cuimhn' agam cho math 's ged a b' ann an-dè a bhiodh ann, taigh mo sheanar...

[Stad sa chlàradh an seo.]

IP: Seadh, dè bha sibh a' ràdha mu dheidhinn...

SC: Bhiodh iad a' toirt an tughadh far an taigh a h-uile bliadhna, 's tha cuimhn' agam a bhith a' faicinn na casaichean-ceangail, a' faicinn an t-adhar troimhe, mus deigheadh an ath thughadh a chur air.

IP: An ath thughadh. Seadh, dìreach. Agus am biodh sgrath aca fon an tughadh?

SC: Bhitheadh. Aig cuid. Aig feadhainn.

IP: Aig feadhainn.

SC: Agus an tughadh... an rud a bha iad a' toirt far mullach an taighe, bha iad a' cur air a' bhuntàta, nuair a bha iad anns an t-sreath. A' dèanamh todhar dheth.

IP: Todhar a' bhuntàta leis. Bha, dìreach. Ò, cha robhar a' fàgail sìon gun feum a dhèanamh...

SC: Gun feum a dhèanamh dheth.

IP: Bha. Bhathar a' dèanamh feum...

SC: Dh'fheumadh iad.

IP: Dh'fheumadh iad. Dh'fheumadh, dh'fheumadh.