Search

Mar a phòs Fionn nighean Dhubhain.

Date 1970
Track ID 68528
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.350.A6

Original Tape ID

SA1970.350

Summary

How Fionn married Dubhan's daughter.

Fionn and Dubhan were sailing to Ireland when a great storm arose. Fionn was in love with Dubhan's daughter but Dubhan did not approve of this. In those days they believed that the only way to survive the storm was to throw someone overboard to feed the sea. When Dubhan's daughter cast lots, her brothers were chosen and thrown overboard. The sea calmed and they managed to get to Ireland, where Fionn and Dubhan's daughter got married.

Item Subject/Person

Fionn; Dubhan

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Ruairidh Mac a' Phearsain: Tha naidheachd bheag eile agam cuideachd a chuala mi aca. Chunna mi trì... dà dhòigh eile i. Ach seo... Seadh, mu dheidhinn na Fèinne. Ach seo mar a chuala mise i.

Bha Fionn 's a chuid ghillean, bha iad san Eilean Sgitheanach. Agus a rèir choltais bha Dubhan ann cuideachd 's a chuid ghillean fhèin. Agus bha nighean Dhubhain còmhla riutha. Thachair a-nist gun robh Fionn a' suirghe air nighean Dhubhain, ach cha robh Dubhan... 's e Dubhan fear dhe na tighearnan mòra a bh' anns an Fhèinn cuideachd. Cha robh Dubhan a-muigh no a-mach airson Fionn a bhith aige na chliamhainn. Cha robh e deònach a nighean, gum pòsadh i Fionn.

Co-dhiù, mar a thachair, bha iad a' toirt roid a dh'Èirinn leis a' bhirlinn. Agus air an rathad, mun do ràinig iad Èirinn, thòisich a' ghaoth air tighinn. Thòisich an stoirm. Thòisich muir bàthaidh a' tighinn às dèidh na birlinn. 'S an cleachdadh a bh' ann an uair sin gun sadadh rud a-mach air an fhairgidh airson a biathadh ach an rachadh innte socair.

Shad iad a-mach siud 's shad iad a-mach seo. Thuirt [?fear aca] co-dhiù, a rèir choltais, gun robh i... an fhairge ag iarraidh cuideigin a-nist air bòrd sa bhirlinn. Cha robh fhios cò am fear a bha i ag iarraidh. Cha chuireadh Fionn a-mach gin dhe na gillean aige fhèin. Cha chuireadh Dubhan a-mach na bu mhotha gin na gillean aige fhèin.

Anns a' chonnsachadh a bh' ann co-dhiù, thuirt nighean Dhubhain gun cuireadh ise a-mach air an naoidheamh fear le rann. Às brith cò fear air an tigeadh... leis an rann, brith cò air an tigeadh an crann gum feumadh e a dhol a-mach.

Seo mar a bha. Seo agad a-nis an rann mar a chuala mise e. Thòisich a' chaileag:

Ceathrar o Fhionn suidhidh iad air thùs
'S ann leam bu chubhaidh a' chùis
Le 'n còig fhir dhubha nan dèidh
De dhearbh mhuinntir Dhubhain

Dithis Mhac Cumhail a-nuas
Fear o Dhubhan nan each ruadha
Triùir o Fhionn as deirge dreach
'S fear o Dhubhan Dhiùirinis

Cha shuidh Fionn sa bhrugh bhàn
Gun dithis dhubha air a làimh chlì
Le dithis [?fhìndirean] eile nan dèidh
A mhuinntir Fhinn na h-Alba

Dithis dhubha mu Dhubhan dil
Fear o Fhionn nam fochair sin
Le dà laochaire dhubha eile san dàn
Dithis o Fhionn 's fear o Dhubhan

Nis, nuair a bheachdnaicheas sibh air mar a chuir... roinn nighean Dhubhain na daoine, chì sibh gun tig a h-uile gin dhe na gillean aig a h-athair a-mach, agus dh'fhàg i a h-athair gu deireadh. 'S bha i... bha... bha i deònach a chur a-mach, ach cha leigeadh Fionn leatha. Shìolaidh an stoirm 's shìolaidh an fhairge, 's ràinig iad Èirinn gu slàn sàbhailte, 's phòs Fionn nighean Dhubhain, a rèir mar a bha san sgeulaichd.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good