Search

Leabhar neònach agus na sìthichean.

Fieldworkers
Date 26 May 1956
Track ID 70435
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.54.B3

Original Tape ID

SA1956.054

Summary

A strange book and the fairies.

A man was visiting a friend in a nearby township. This friend gave him a strange book concerning the occult, and told him not to open it on the way home. However, as he walked home, he stopped and opened the book. He was shortly surrounded by thousands of fairies. He shut the book and ran all the way home.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Tha mi a' dol a dh'innse dhuibh sgeulachd ghoirid air na sìthichean a-nis. Bha bodach Gàidhealach oidhche air chèilidh. Cha b' ann sa bhaile aige fhèin a bha e idir; 's ann a bha e ann am baile eile a bha beagan mhìltean air falbh. Bha e ag amharc air caraide dha fhèin. Agus thug am bodach seo dha leabhar anabarrach iongantach anns an robh eòlas air gnothaichean mì-chneasta, air cumhachdan a bhuineas don an t-saoghal neo-fhaicsinneach, no don an t-saoghal thall, mar a their sinn. Agus nuair a thug a charaide seo an leabhar dhan a' bhodach, thuirt e ris:

"Feuch," ars esan, "an geall do bhàis, nach fosgail thu an leabhar gus an tèid thu dhachaigh."

'S e oidhche bhrèagha ghealaich a bh' ann. Bha a' ghealach làn agus i a' deàlradh cho meadhrach. Bha i air a coinneil, dìreach. Agus nuair a bha am bodach a' cur mu dheidhinn falbh, thug a charaide dha an ath chomhairle, 's an ath àithne, a bhith cinnteach gun an leabhar fhosgladh air an t-slighe a' dol dhachaigh.

Dh'fhalbh am bodach co-dhiù an dèidh gealltainn da charaide gun leanadh e a chomhairle, agus bha e a' cumail roimhe, 's bha aige ri dhol thairis air mòinteach fharsaing fhada a bha eadar am baile anns an robh e air chèilidh agus a dhachaigh fhèin. 'S nuair a bha e ann an sin caran letheach slighe, thàinig e am fianais cnocan àrd, cruaidh, tioram. 'S bha an oidhche cho fìor bhrèagha, 's cho soilleir, agus 's ann a thòisich an inntinn air. 'S bha e a' ràitinn ris fhèin:

"Ach fon talamh gu dè thug air mo charaide a leithid siud de dh'achmhasan a thoirt dhomh agus de dh'àithne theann a bhith cinnteach gun an leabhar fhosgladh gus an ruiginn mo dhachaigh fhìn?"

Agus rinn an rud grèim cho mòr air inntinn agus gun do shuidh e far an robh e, agus dh'fhosgail e an leabhar. Ach cha robh an leabhar fada fosgailte na esan fada a' rannsachadh nan duilleagan nuair a dh'fhairich e gun robh cumhachd mì-nàdarra ga chuartachadh agus thog e a cheann às an leabhar agus sheall e, 's nach ann a bha e air a chuartachadh le mìltean dhe na sìthichean.

Ach cho luath agus a chunnaic e cò bh' aige, dhùin e an leabhar agus thug e na buinn às, na dheann dearg, 's rinn e air a dhachaigh, agus cha do stad e gus an do ràinig taobh a theallaich fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good