Search

Maol Ruainidh Glinneachan

Fieldworkers
Date June 1956
Track ID 70645
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.56.A2

Original Tape ID

SA1956.056

Summary

This is a cradle song. The contributor tells the story and then sings the song.
When Prince Charles Edward Stewart was a fugitive, he came to Lochaber. A carpenter made a large cradle, and it was put in a house where the Prince was hiding. When the redcoats came, he was put in the cradle and the woman of the house sang this lullaby to him. When the soldiers failed to see the prince, they went away.

Item Notes

Note that the story of the song as told here is very different to that told by Nan MacKinnon on track 100444 (SA1960.117). The text is also different, though the tunes are very similar.

Item Subject/Person

Stiùbhart, Am Prionnsa Teàrlach Èideard [Bonnie Prince Charlie]

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Tha na h-uile eòlach air an òran, no faodaidh mi radha gur e tàladh a th' ann, Maol Ruainidh Glinneachan. Agus tha naidheachd bheag thaitneach air innse mu dheidhinn an òrain, no an tàlaidh a th' ann an seo.

'S e tàladh rìoghail a th' ann. Nuair a bha Prionnsa Teàrlach na allabanach bochd a' falbh fon a' choill, thàinig e gu ruige Loch Abar. Bha sùil aig na h-Abraich ris agus chuir iad mu dheidhinn gum biodh dòigh air a dhèanamh, air a chleachdadh, airson gum biodh am prionnsa tèarainte, ged a thigeadh an t-Arm Dearg air an taigh anns an robh e a' dol a ghabhail fasgadh.

'S e a rinn iad co-dhiù ach bha saor anns an àite agus thug iad air creathail mhòr a dhèanamh. Chaidh a' chreathail a dhèanamh agus a toirt a dh'ionnsaigh an taighe far an robh am prionnsa gu bhith a' gabhail fasgadh airson beagan tìde. Bha a' chreathail ann an siud agus dè ach latha dhe na làithean anns an robh am prionnsa anns an taigh, nach ann a chunnaic iad an t-Arm Dearg a' tighinn dlùth dhan an taigh, agus cha robh cothrom aig a' phrionnsa air a chasan a thoirt às, no teicheadh, agus fhuair bean an taighe, dh'iarr i air tighinn a-nuas far an robh a' chreathail agus chaidh am prionnsa a chur anns a' chreathail agus chaidh i fhèin crom thairis air a' chreathail agus a beul ri chluais, agus i a' seinn an tàlaidh a bha ann an seo.

Thàinig na saighdearan a-staigh agus chan fhaca iad nì anns an taigh ach a' bhean a bha ann an seo agus i trang a' tulgadh na creathlach agus i a' seinn òran dhan an leanabh, agus nuair a chunnaic iad nach robh coltas sam bith air duine inbheach a bhith a-staigh ach am boireannach fhèin, cha do rinn iad ach tilleadh a-mach. Bha an taigh caran dorcha, mar a bha na seann taighean-tughaidh co-dhiù, agus bha am boireannach, bha i thairis air a' chreathail 's i a' falach a' phrionnsa, 's i a' seinn an tàlaidh mar a leanas:


Dh'fhalbh do mhàthair 's thug i am fireach oirr'
Haidh horò Maol Ruainidh
Haidh horò Maol Ruainidh Glinneachan
Haidh horò Maol Ruainidh

Thug i am balg 's do chuid mine leath'
Haidh horò Maol Ruainidh
Haidh horò Maol Ruainidh Glinneachan
Haidh horò Maol Ruainidh

Thug i mhias 's do chuid bainne leath'
Haidh horò Maol Ruainidh
Haidh horò Maol Ruainidh Glinneachan
Haidh horò Maol Ruainidh


Fhuair am prionnsa às nuair a bha e ann an siud co-dhiù, agus cha do rinn an t-Arm Dearg grèim air. Is beag a bha dh'fhios aca gur e a bh' anns a' chreathail. Dùil acasan nach robh ann ach leanabh an taighe, agus a' bhean 's i a' cur falach air, 's i ga thulgadh anns a' chreathail.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good